11/12/2020

Halo a h-uile duine! Tha mi an-dochas gu bheil a h-uile duine gu math 🙂

Tha seachdain eile trang air a bhith again. Seo rud no dha a rinn sinn.

Litearrachd:

Chum sinn oirrn a bhith a’  sgriobhaidh ar stoiridh. Bha sinn a’ cleachdadh faclan mar ‘an toiseach, an uairsin, an deidh sin, mu dheireadh.’

Chleachd sinn ar plana bhon t-seachdain-sa chaidh. Choimhead e rudeigin mar seo:

Cuideachd, tha sinn air a bhith cumail oirrn leis an rann again ‘An Geamhradh’. Rinn sinn dealbhan a bhios a’ dol còmhla ri na rannan:

Matamatics:

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air clàr nan 2x. Choimhead sinn air seataichean agus arraidhean.

Eile:

Ann an ceòl, tha sinn air a bhith ag obair air ruitheam. Seo an faram bodhaig again.

IMG_2698[1]

Rinn sinn ioga na Nollaig

Tha co-fharpais Nollaig againn airson ar dorsan a’ sgeadachadh. Seo an doras againne.

Ghabh sinn dinnear na Nollaig ri chèile air Diciadain. Bha tòrr spòrs againn agus dh’eist sinn ri ceòl Nollaig.

 

Gabh deagh dheireadh sheachdain!

27.11.20

Halo! Dihaoine eile an seo mar tha!

An t-seachdain-sa tha sinn air a bhith a deanamh torr ionnsachadh mar as abhaist, gabhaibh suil….

Litearrachd

Ann an litearrachd tha sinn air cumail oirrn le bhith cruthachadh stoiridh ach an turas seo le bhith coimhead air structur. Leugh sinn an sgeubhlachd Goldilocks a bha sinn uile eolach air agus bhrist sinn sios e – far an robh iad, na caractaran, toiseach, meadhan agus an deireadh.

Choimhead sinn air puineachadh a gabhail aire air Puingean Stad, Litrichean Mora agus cromagan.

Matamataigs

Tha sinn air a bhith ag obair air teaghlaichean agus obrachadh muinteach. Mar eisimpleir: 

12+3=15

3+12=15

15-3=12

15-12=3

agus

____+ 7= 24   neo  24 – 7= ____

Ann an ionnsachadh a-muigh chum sinn oirrn le bhith ag obrachadh le maidean meatair. Rinn sinn dealbh de coin isbeanan, neonean greine, araidhean agus nathairean a bha nas fhaide na 1m ach nas lugha na 5m.  Nuairsin thomhais sinn iad. Seo sinn:

Eile

Ann an cuspair choimhead sinn air an creideamh Hinduthach. Leugh sinn an stoiridh Rama is Sita agus rinn sinn pupaidean de na caractairean. Cuideachd choimhead sinn air bhideos mu dheidhinn a bhith a deanamh rangoli agus an uairsin rinn sinn na rangolis againn fhein. Seall orra:

Togail airead airson aillse le MacMillan:

Chuir C4 air doigh ‘dress up day’ dhuinn far an do chuir sinn oirrn aodach mar tidsear agus chuir na tidsearan aodach sgoilear orra. Seo sinn:

20.11.20

Halò,

Deireadh seachdain eile.

Seall na tha sinn air a bhith a’ dèanamh:

Litearrachd

Tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le bhith a’ cruthachadh charactaran. An t-seachdain-sa dh’èist sin  ris an t-oran seo: Congrineo.

‘S ann mu dheidhinn luchag bheag a tha e. Rinn sinn dealbh de Chongrinero agus mhìnich sinn e le bhith a’ cleachdadh buadhairean. m.e   Beag, glas, mòr, biorach, fada…

Matamataig

Dh’obraich sinn air a bhith a’ toirt air falbh. Chleachd sinn loidhne-àireimh, sumaichean similearan agus deichean/aonadan airson ar cuideachadh.

Ann an ionnsachadh a-muigh, dh’ionnsaich sinn mu mheatairean. Thoimhais sinn rudan a bha faisg air meatair, nas giora na meatair agus nas fhaide na meatair.

Nithean Eile:

Slàinte agus sunnd: bhruidhinn sinn mu dheidhinn a bhith nar deagh charaidean. Bha ubhal aig a Bh. Uas Buxton agus leig i e air an lar nuair a thuirt i rudan grànda. Bha coltas gun robh an ubhal ceart gu leòr ach bha e bog (goirt) agus donn air an taobh a-staigh. Dh’ionnsaich sinn nach eile h-uile duine an comhnaidh ceart gu leòr ged a tha coltas orra gu bheil.

Ann an cruinneachadh, leugh a’ Bh. Uas. NicPhàil sgeulachd dhuinn mu deidhinn Diwali agus rinn sinn ealain anns a’ chlas:

Gabh deagh deireadh sheachdain 🙂

Seachdain 2 agus a bhith air ais san sgoil!

Halò!

Tha cola-deug trang air a bhith again air ais an deidh laithean-saora an Damhair.

Litearrachd

Tha sinn air a bhith ag obair air ar Faclan Cumanta. Rinn sinn sgrìobhadh lubach agus dathach. Chluich sinn hangman cuideachd.

Dh’ionnsaich sinn rann ùr:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu bhuadhairean. Dh’èist sinn ris an òran ‘Am Bodach Beag Annasach’. Rinn sinn dealbh dheth agus sgrìobh sinn rosg-rannan mu dheidhinn cò ris a bha e coltach.

Seo sinn a’ cruthachadh am bodach fhad ‘s a tha sinn ag èisteachd ris an oran.

Maths

Ann am maths, tha sinn air a bhith ag obair air cuir ris. Choimhead sinn air diofar dhoighean gus na freagairtean fhaighinn: dublachadh, faisge air dublachadh, loidhne àireamh falamh agus mar suim simileir.

Cuideachd choimhead sinn air faid’ neo-stanndard ann an ionnsachadh a-muigh:

Thomhais sinn uile na h-aon rudan ach fhuair sinn àireamhan diofraichte?!

Rudan Eile

Bha ceòl againn le a Bh’ uas Phi. Bha torr spòrs againn. Seall seo:

IMG_2612

Slainte agus Sunnd:

Bha sinn ag ionnsachadh mar a bhios sinn nar dheagh charaidean. Chord an leabhar seo rinn.

An t-seachdain sa chaidh sgeadaich sinn an clas airson partaidh Oidhche    Shamhna. Bha tòrr spòrs againn a’ dannsa, a’ deanamh ìoga agus a’ cluich geamanan.

Rinn sinn pios ealain airson oidhche na teine mora:

Gabh deagh dheireadh sheachdain!

🙂

Deireadh Teirm 1 – Laithean Saora an Damhair!

Halo a h-uile duine! Seo dhuibh iomradh beag air na tha sinn air a bhith dèanamh anns na beagan sheachdainean a dh’fhalbh.

Maths:

Ann am maths, tha sinn air a bhith ag obair air dùblachadh agus cumaidhean. Tha sinn air geamaichean a chluich, ionnsachadh a-muigh a dhèanamh agus duilleagan-obrach a dhèanamh.

Seo sinn a-muigh a’ lorg agus a’ togail dhealbhan a-mach à stuth nàdarrach.

Agus seo eisimpleir de dhealbhan a chruthaich sinn de dhìneasar a-mach à cruthan 2sh.

Litearrachd

Ann an litearrachd, tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le bhith a’ sgrìobhadh agus a’ leughadh ar faclan cumanta:

Tha sinn cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mar a sgrìobhas sinn litir le bhith cleachadh cromagan, loidhnichean ùra, gu agus bho. Chleachd sinn an leabhar ‘Nì siud a chùis thuirt Na creidheanan’ airson ar brosnachadh.

Leugh sinn stoiridh èibhinn leis an ainm: Dè an t-ainm a th’ ort? Rinn  sinn tòrr gàireachdainn agus dh’ionnsaich sinn mu bheathaichean annasach!

 

Topaic:

Ann an topaic tha sinn air tuilleadh ionnsachadh mu ar coimhearsnachd. An t-seachdain-sa chaidh rinn sinn deasbad mu ‘tramaichean: math no dona’ ann an Lìte. Bha deagh bheachdan aig gach taobh! Chuir sinn oirnn gun robh sinn ann am Parlamaid

An t-seachdain-sa, rinn sinn modaileadh à sgudal agus thog sinn an Royal Yacht Britannia:

Slainte agus Sunnd

Tha sinn air a bhith beagan nas sgìth sna madainean ‘s mar sin, tha sinn air beagan ioga a dhèanamh airson ar dusgadh:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu bheachd-inntinn fàis anns a’ chlas agus ann an cruinneachadh. Tha fios againn gum bi rudan ùr doirbh an toiseach, ach ma chùmas sinn oirnn nì sinn a’ chùis! Smaoinich sinn air rudan a bha doirbh no eagallach dhuinn aig toiseach an teirm agus mar a tha sinn nas misneachail leotha a-nis:

Tha sinn an-dòchas gum bi deagh laithean-saora agaibh uile! 🙂