C1Purpaidh 19.11.21

Bha an t-seachdain seo uile air a bhith ma dheidhinn Rama & Sita, bha sinn a’ cluich le seudan Sita anns an tough tray, bha sinn ag innse cò a character as fheàrr leinn agus carson agus sgrìobh sinn cò as toil leinn.  A bharrachd air a sin chruthaich a’ chlas lochran Diva a thug iad leotha dhachaigh an-diugh.  Air sàilleibh sin cha d’thug mise a-mach na baganan Book Bug – gabhabh mo leisgeul, gheibh c1P iad Diluain!

This week has all been about Rama & Sita, we were playing with Sita’s jewellery in the tough tray, talking about which character was our favourite and why, we were writing out their characteristics and we even created Diva lamps which we took home today… this did make me forget to hand out the boog bug bags so we’ll get those on Monday!

Blog C1P 12.11.2021

An t-seachdain leugh sinn an leabhar Rama & Sita.  Ni sinn barrachd obair air an ath sheachdain.

Ann am fonaigs rinn sinn na fuaimean ò agus à.

Ann am matamataig thòisich sinn obair air pàtrain agus rinn sinn barrachd pàtrain Rangoli.

 

This week we’ve been reading Rama & Sita.  We’ll continue with this next week.

In fonaigs we did ò agus à

In maths we’ve begun work on patterns and created more Rangoli patterns in class.

C1P 5.11.21

Tha seachdain eile fìor mhath air a bhith aig clas a h-aon Purpaidh.   Seo an t-seachdain mu dheireadh againn air an leabhar ‘Leum Suas air an Sguaib’.  Bha sinn gan cur an òrdugh agus ag ràdh cò a’ charactar as fheàrr leinn – coimhead air na learning journals gus na bhideothan fhaicinn.  Nach sgoinneil an dràgon a tha seo!

Tha sinn a’ cumail oirnn le fonaigs le na fuaimean a agus o.  Chleachd sinn faclan mar ‘ad’ agus ‘orains’.  Chruthaich sinn na litrichean ud a-muigh, abair spòrs.

Mar phàirt den chuspair ‘Fèisean’ againn, dh’ionnsaich sinn ma dheidhinn Diwaili is bha sinn trang a-muigh a’ cruthachadh pàtrain Rangoli againn fhèin, nach eil iad snog.  An ath sheachdain, leughaidh sinn an sgeulachd Rama & Sita.

We’ve had a lovely week in C1 Purpaidh, we’ve enjoyed reading Leum Suas air an Sguab for another week, putting the story in order and saying who are favourite characters are.  Check out the videos on the learning journals.  Isn’t this dragon fantastic!

We learnt our a and o sounds this week, words like ad agus orains.  We enjoyed writing them outside.

We’ve been learning about the festival of Diwali which was celebrated on the 4th of November. We had a lovely time creating rangoli patterns outside.  Next week we’ll be reading the story of Rama & Sita!

C1P 29.10.21

Tha sinne air a bhith uabhasach trang an t-seachdain ged as e seachdain goirid a bh’ ann, abair gun robh e eagalach!

Is e Fèisean air cuspair an-dràsta.  Dh’ionnsaich a’ chlas tòrr ma dheidhinn oidhche Shamhna is an-diugh bha sinn ‘guising’ anns a’ chlas – ag innse fealla-dha is a’ seinn òran agus fhuair sinn orainsearan!  Tron t-seachdain chruthaich iad peapagan sònraichte agus a-muigh an-dè chruinnich iad duilleagan a pheant iad geal gus taibhsean a chrochdadh sa chlas!

Ann an litricheas tha sinn air a bhith a’ leughadh an leabhar ‘Leum Suas air an Sguaib’ ma dheidhinn Lìosaidh a’ bhana-bhuideachd chòir agus dh’ionnsaich iad a’ chiad fhuaim aca – c!  Tha sinn eòlach air tòrr fhaclan a tha a’ tòiseachadh le c c c – cuilean, cù, ceann, cèic, casan is mar sin air adhart.

Ann am matamataig thoisich sinn a’ chuspair ùr againn cumaidhean 2sh.  Is urrainn dhuinn na feartan aithneachadh, an ainmeachadh is patrain a chruthachadh.   Seall air an obair sgoinneil again, abair gu bheil e a’ còrdadh ruinn.

 

We’ve had a spooky week in C1P learning all about Oidhche Shamhna for our festivals topic.  We made pumpkins, painted spooky ghost leaves and we learnt songs to perform while guising as you’ll have heard on our Learning Journals.

In literacy we’ve been reading ‘Leum Suas air an Sguaib’ agus we learnt all about the litir ‘c’ this week.  We know many C words such as cuilean, cù, ceann, cèic is casan.

In maths we began our new topic on shape,  we’ve had a lovely time recognising the properties of 2D shape, sorting and creating patterns with them.

C1P 8.10.21

An t-seachdain ann an C1P,  thòisich sinn an leabhar ùr againn ‘Na Trì Muc Beaga’.  Tha a’ chlas gu math eòlach air na caractaran anns an sgeulachd a-nise.

Mar phàirt de Ionnsachadh a-Muigh, thog iad taighean anns an raon-chluiche agus chaidh an togail anns a’ chlas cuideachd le maidean, fodar agus bricichean.

Nach math a tha iad!

 

In C1P this week we started our new text ‘Na Trì Muc Beaga’.  The class is now very familiar with the characters and the story.  As part of our Outdoor Learning we built houses in the playground.  Houses were built in the classroom too using straw (fodar), sticks (maidean) and bricks (bricichean).

C1P 24.09.21

An t-seachdain ann am matamataig bha sinn a’ cunntadh air adhart agus air ais gu 10 agus a’ cunntadh 10 rudan.

Nas inntinniche buileach, chaidh sinn air cuairt an t-seachdain!  Airson ionnsachadh a-muigh, fhuair sinn cothrom a bhith a-muigh!  Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mun choimhearsnachd againn agus Diardaoin, chaidh sinn air cuairt gu Leith Walk far am faca sinn iomadh rud a chòrd ruinn – bùth suiteis, tractor dearg, buth piotsa agus dealbh de chù air a’ bhalla!

Thog sinn dealbhan den a h-uile rud, seall orra, nach sgoinneil a’ chuairt againn!

An rud eile a chòrd ruinn glan b’ e a’ phupaid aig a’ Bh-uas Watson.  Tha òran sgoinneil aice mu Chòig Muncaidhean Bheaga agus Crogall Mòr mosach!  Is dòcha gun seall mi dhut e ma tha thu a’ faighneachd orm gu snog.

This week in mathematics we have been counting backwards and forwards to ten and counting out ten things.

Most interesting of all, we went on a trip this week!  For our Outdoor Learning this week we managed to get out of the school.  We have been learning all about our community and on Thursday we took a trip to Leith Walk to see our community.  We saw many interesting things that we enjoyed such as a sweetie shop, a red tractor, a pizza shop and a painting of a dog on a wall!  We took photographs of it all, take a look at our trip, it was fabulous!

The other thing that we really enjoyed this week was Mrs Watson’s puppet.  She has a great song about Còig Mucaidhean Beaga (five little monkeys) and a Crogall Mòr (a big crocodile) perhaps if you ask nicely I’ll perform it for you.

Clas 1 P

An t-seachdain tha sinn air a bhith a’ leughadh an sgeulachd ‘An Tuineap Mòr’, chòrd e ruinn nuair a chaidh e ‘POP’!  Dh’ionnsaich sinn sanas airson gach caractar, feuchaidh an sealltainn aig an taigh cuideachd.

Ann am matamataig bha sinn ag ionnsachadh làithean na seachdaine le òran air Youtube, feuchaibh èisteachd ris aig an taigh. https://www.youtube.com/watch?v=e10vDyGtWg0

An t-seachdain chaidh sinn a-mach dhan raon-chluiche far an robh sinn a’ sireadh rudan le diofar phàtrain, cuid a bha mìn is cuid a bha garbh.  Bha cuid de rudan nas cruaidhe na rudan eile.  Coimhead air an suathain a rinn sinn, nach eil iad snog!

This week we have been reading the story ‘An Tuineap Mòr’, our favourite bit is when the turnip goes ‘POP’!  We learnt a sign for each of the 5 characters, try and show these at home.

In mathematics this week we have been learning the days of the week in Gaelic, try and watch this video at home too: https://www.youtube.com/watch?v=e10vDyGtWg0

This week we went out to the big ones play ground and we were looking for different patterns, we found things that were rough and we found things that were smooth, some were softer and some were harder than others.  Take a peek at our wonderful rubbings!

 

 

a’ Chiad Bhlog C1P

Ann an clas 1 Purpaidh an t-seachdain tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ma dheidhinn dathan!  Chruthaich sinn bogha-froise mòr taobh a-muigh a’ chlas.  Seall cho àlainn is a tha e!  Tha sinn air a bhith a’ leughadh an leabhar ‘Wow thuirt a’ chailleach-oidhche’ anns a bheil tòrr dhathan.

Bha sinn trang ann am matamataig cuideachd; a’ cunntadh, ag aithneachadh pàtrain domino agus a’ cur àiremhan air ar corragan.

This week in C1Purpaidh we have been learning our colours in Gaelic.  We created a big rainbow, look how beautiful it is.  We have been reading the story ‘Wow thuirt a’ chailleach-oidhche’ which includes lots of different colours.

In maths we have been busy; doing lots of counting, recognising domino patters and making numbers on our fingers.