Digital Learning Week Scotland 11th-17th May

 

National Digital Learning Week is a week-long event run by Education Scotland. Throughout the week pupils were encouraged to use digital technology during their lessons and when sharing their learning.  Here’s just a selection of work some classes of how some classes have used technology in their lessons.

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Bha seachdain math aig a’ chlas làn de dh’ ionnsachadh. 

An ath sheachdain tòisichidh an clas air sgeulachd ùr Air Bodagh sa Pholl (Cow stuck in the poll). 

Is e sgeulachd àlainn a th’ ann mu bheathaichean tuathanais. An so tha e ‘ga leughadh gu h-àrd ;Stòraidh- ‘Air Bhogadh sa Pholl’- Audio 

Tha iad fhathast ag ionnsachadh nam faclan cumanta ann an Gàidhlig; tha, gu, do, dol, cò and ro 

Ann an àireamhachd tha an clas a’ dèanamh tòrr ionnsachadh mu airgead, luach gach bonn taobh a-staigh 10sg agus mar a chuireas iad buinn an taobh a-staigh 10sg 

Tha an clas ag ionnsachadh barrachd mu phlanntachadh, mar a chuidicheas iad lusan gus fàs agus soirbheachadh. 

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain snog agaibh 😊 

Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Tha seachdain ghoirid air a bhith ann airson clas P1 ach cuideachd tlachdmhor. 

An ath sheachdain tha an clas ag obair air pìosan den sgeulachd Seac agus a’ Chraobh Phònair a chur an òrdugh agus nì iad dealbh de seo. 

Tha iad a’ tòiseachadh air seata ùr de dh’fhaclan cumanta ionnsachadh; tha, do, dol, gu, ro, cò. 

Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a chuireas iad dà chruinneachadh de chunntair ri chèile agus buidheann mhòr de chunntair ann an tè nas lugha co-ionann. 

Tha an clas cuideachd ag ionnsachadh mu airgead agus luach nam buinn. 

Ann an obair pròiseict tha an clas ag ionnsachadh mu lusan, am feartan agus na dh’fheumas iad airson fàs. 

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain snog agaibh 😊  Continue reading “Clas 1 Uaine”

C1 Edinburgh Local Mòd/Mòd ionadail Dhùn Èideann

The Edinburgh Local Mòd is taking place on 27th and 28th May this year and C1 are busy practising a poem and song which they could perform in the competition.

The Edinburgh Local Mòd is a celebration of Gaelic culture in the city, where there are numerous competitions you can enter to read, sing, play, recite poetry, create art and write stories and poems.  Full syllabus of competitions can be read here: https://www.edinburghlocalmod.com/uploads/7/2/0/6/72063077/edinburgh_local_mod_syllabus_and_rules_2022.pdf

The deadline for children to enter is Friday 29th April,  the end of the first week back after the Easter break.

If you would like your child to take part in the local Mòd you will need to enter your child into competitions. More information can be found on the Edinburgh Local Mòd website. https://www.edinburghlocalmod.com/

Bàrdachd C1 for competition J13:  ‘Tha Bòtannan Dearg aig Màiri’ P1-2 bardachd 2022 and here is a recording:

‘Tha Bòtannan Dearg aig Màiri’

Please note that children can recite any Gaelic poem of their choice but this is the poem we are learning in class.

Song for competition J01:  Mo chorragan and here is a recording:

Children can sing any Gaelic song of their choice but this is the song we are learning in class.

 

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha an sgeulachd Mgr Wiggle agus Mgr Waggle a’ còrdadh ris a’ chlas. Seo e; 

Thòisich an clas air cuid de na faclan cumanta ann an Gàidhlig ionnsachadh; mi, mise, is, seo, agus. An ath sheachdain bidh an clas a’ coimhead tro leabhraichean gus na faclan seo a lorg. 

Mar eisimpeleir : Tha mi toilichte.  Seo cù. 

Ann an àireamhachd ‘s e 10 an àireamh a th’ againn den t-seachdain agus ionnsaichidh an clas mu na diofar dhòighean  an àireamh seo a dhèanamh. 
Tha iad cuideachd ag ionnsachadh mar a chuireas iad  buidhnean còmhla. 

Tha an clas  ag ionnsachadh mar a tha iad air atharrachadh bho bha iad nan leanaban agus seallaidh sinn ri mar as urrainn do theaghlaichean taic a chumail riutha fhad ‘s a tha iad ag atharrachadh agus a’ fàs. 

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊 .   Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Tha an clas air crìoch a chuir air na fuaimean singilte agus an t-seachdain seo bidh iad ag ionnsachadh a’ chiad sheata de na faclan cumanta. Is iad : mi, mise, is, seo, agus. 

Ma tha thu airson barrachd a dhèanamh leis na fuaimean singilte aig an taigh seo bhidio de gach fuaim agus an gnìomh; https://www.youtube.com/watch?v=vozcc8uPUVs 

Seo bhideothan eile de gach fuaim agus mar a chruthaicheas tu gach fuaim gu ceart; 

Seo bhidio air mar a sgrìobhas sibh na litrichean (part 1) 

Seo bhidio air mar sgrìobhas na litrichean (part 2) 

Seo bhidio air mar a sgrìobhas na litrichean (part 3) 

Tha an clas a’ tòiseachadh sgeulachd ùr an t-seachdain-sa, Mgr Wiggle agus Mgr Waggle. Seo an sgeul ga innse; Mgr Wiggle agus Mgr Waggle 

Ann an àireamhachd ‘s e an àireamh againn den t-seachdain 8. Tha an clas ag obair air dà chruinneachadh a chur ri chèile. 

Ann an slàinte agus sunnd bidh an clas a’ dèanamh barrachd obrach air dèanamh amasan agus a’ coimhead air mar a tha iad air adhartas a dhèanamh air gnìomhan bho thoiseach C1.
Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh uile 😊  Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil sibh uile gu math. Tha seachdain thaitneach air a bhith aig a’ chlas an t-seachdain-sa. An ath sheachdain ann an litearrachd tha sinn a’ leantainn oirnn ag obair air Goldilocks agus na trì mathain. Tha an clas cuideachd ag ath-sgrùdadh nam fuaimean singilte, is e seo rudeigin a ghabhas dèanamh aig an taigh cuideachd. Seo bhideothan de na fuaimean singilte; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=1

Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a chuireas iad dà chruinneachadh de rudan ri chèile agus mar a dh’aithnicheas iad àireamhan bho chruinneachadh.

O chionn ghoirid tha tòrr chòmhraidhean air a bhith againn mu bhith a’ toirt spèis do dhaoine eile sa chlas agus do ghoireasan a’ chlas. Bidh sinn a’ dèanamh amas clas agus a’ bruidhinn air mar as urrainn dhuinn fòcas a chuir air an amas seo.

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh uile 😊

Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine agus fàilte air ais tha mi an dòchas gun robh deagh shaor-laithean agad uile. Tha seachdain math air a bhith aig a’ chlas air ais agus tha e a’ còrdadh riutha a bhith a’ cluich còmhla rin caraidean aca. 

Ann an litearrachd dh’ionnsaich an clas na fuaimean u agus ù agus an ath sheachdain ionnsaichidh an clas e agus è 
Seo eisimpleir de e; each (horse) agus e (he)  Seo eisimpleir de è; glè (very) 

Seo ceangal snog de chuid de na fuaimean Gàidhlig; https://learngaelic.scot/sounds/e.jsp

Tha sinn cuideachd a’ leughadh an sgeulachd Golidlocks agus na trì mathan. 

Ann an àireamhachd tha an clas ag ionnsachadh mar a nì iad suimean cur-ris sìmplidh agus mar a roinn iad buidhnean de dhotagan nam buidhnean nas lugha. 

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain snog agaibh 😊 

Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine tha mi an dòchas gu bheil thu gu math. Tha seachdain snog air a bhith aig a’ chlas an t-seachdain seo chaidh agus chòrd e ri dà fhuaim ùr ionnsachadh, s agus f. An ath sheachdain bidh an clas ag ionnsachadh mu dheidhinn i agus ì 

Seo eisimpleir de iiad (they) agus ialtag (bat)  

Seo eisimpleir de ì; ìm (butter) agus clì (left) 

Bidh na trì gobhair ghruamach ag ionnsachadh mar a dh’innseas iad an sgeulachd seo a’ cleachdadh ghnìomhan. 

Bidh an clas cuideachd a’ cruthachadh dealbhan airson sgeulachd innse agus a’ cleachdadh mar a chuireas iad tòrr mion-fhiosrachaidh ri dealbh. 

Ann an àireamhachd ionnsaichidh an clas an ath àireamh a ràdh roimhe seo ann an sreath agus mar a leughas iad àireamhan air loidhne àireamh. Seo gnìomh snog as urrainn dhut a dhèanamh le loidhnichean àireamh;https://apps.mathlearningcenter.org/number-line/ 

Bidh an clas cuideachd ag ionnsachadh mu bhith a’ dèanamh amas agus a’ feuchainn ri a choileanadh. Tha e cudromach gun tuig an clas cho cudromach sa tha cleachdadh agus a bhith a’ feuchainn an dìcheall gus amasan a choileanadh.  

Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊 

Continue reading “Clas 1 Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha seachdain sgoinneil air a bhith aig a’ chlas an t-seachdain seo chaidh làn ionnsachaidh ùir. 

Ann an litearrachd thòisich sinn air sgeulachd ùr Isean Drisean a tha ag amas air faclan rann, agus an ath sheachdain nì an clas barrachd mu rann. An ath sheachdain nì an clas ath-sgrùdadh cuideachd air na fuaimean singilte, is iad sin; c, a, o, à,ò, d, g, m, n, r, s, t, l, f, b, i, ì, t agus p. Cuiridh sinn crìoch air na fuaimean singilte san teirm ùr. Seo bhideothan snog mu na fuaimean singilte; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2 

Chòrd e gu mòr ris a’ chlas a bhith ag ionnsachadh mu cho-chothromachd agus nì iad barrachd air seo an ath sheachdain, seo geama fu interactive as urrainn dhut a dhèanamh air co-chothromachd aig an taigh; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=2 

Tha an clas cuideachd ag ionnsachadh mar a ghabhas iad cunntas a’ cleachdadh loidhne àireimh agus a’ feuchainn ris an àireamh fhalach aithneachadh. Seo gnìomh loidhne àireamh as urrainn dhut a dhèanamh aig an taigh; https://apps.mathlearningcenter.org/number-line/ 

Bidh sinn a’ leantainn leis a’ chòmhradh againn air goals an ath sheachdain cuideachd. Tha mi an dòchas gum bi deireadh-seachdain àlainn agaibh 😊 

Continue reading “Clas 1 Uaine”