[C2C – 2020.03.04] Dihaoine | Friday

Madainn mhath, Clas 2! Chan eil obair againn an-diugh. Tha sinn dìreach a’ dol a bhith a’ coimhead air na dealbhan gun do chuir sibh thugam an seachdain sa chaidh.

Nach eil sibh a’ deànamh obair sgoinneil!

Abair pìosan-ealain! Chì mi gu bheil sibh air chumail trang le obair-sgoile cuideachd. Tha sibh a’ deànamh cho math ag ionnsachadh aig an taigh. Continue reading “[C2C – 2020.03.04] Dihaoine | Friday”

Bu thoil leinn ionnsachadh dachaigh a dhèanamh nas fheàrr dhutsa | We want make home learning better for you. 

Bu thoil leinn ionnsachadh dachaigh a dhèanamh nas fheàrr dhutsa.  Tha sinn airson ur beachdan fhaighinn mun ionnsachadh a tha sibh air a bhith a’ dèanamh aig an taigh. Nach lìon sibh an ceisteachan gus ur beachdan innse. Cha toir e ach beagan mhionaidean. Tapadh leibh!
 
We want make home learning better for you.  To do this we are looking to hear about your experiences learning at home.  Take a few minutes to fill in our survey.  Thank you!
 
 
 
Tapadh leibh! – Thank you!
 

[C2C – 2020.02.04] Diardaoin | Thursday

Madainn mhath, Clas 2C!

‘S e Diardaoin, an darna latha den Ghiblein a th’ ann agus tha sinn air a bhith ‘san sgoil’ fad 139 làithean. Coimhead air a’ chairt gu h-ìosal. Cia mheud ceud a th’ann? Cia mheud deich? Cia mheud aonad?

Bidh Leugh agus Seinn le Linda air YouTube an-diugh aig 10.30. Bidh prògram eile air BBC Scotland mu Na Bhictòrianaich cuideachd. Tha mi an dòchas gum bi sibh a’ coimhead air aon no dà chuid. Bidh iad air ‘catch-up’ agus YouTube as dèidh sin.

Cha bhi obair ann a-màireach ach coimheadamh air a’ bhlog Dihaoine airson na dealbhan obraich agaibh bhon seachdain sa chaidh.

Deiseil airson obair? Seo e: Continue reading “[C2C – 2020.02.04] Diardaoin | Thursday”

[C2C – 2020.01.04] Diciadain | Wednesday

Madainn mhath, Clas 2C!

‘S e Diciadain a’ chiad latha den Ghiblean a th’ ann agus tha sinn air a bhith ‘san sgoil’ fad 138 làithean. Coimhead air a’ chairt gu h-ìosal. Cia mheud ceud a th’ann? Cia mheud deich? Cia mheud aonad?

Seo a’ chiad latha den Ghiblean.  Am bi sibh a’ dèanamh dad air ur teaghlach airson Latha na Gocaireachd? Chuir mi datha-bìdh anns a’ bhòla gràin aig mo chlann. Bha am bainne aca gorm! Bha e cho èibhinn. 

Deiseil airson obair? Seo e: Continue reading “[C2C – 2020.01.04] Diciadain | Wednesday”

[C2C – 2020.31.03] Dimàirt | Tuesday

Madainn mhath, Clas 2C!

‘S e Dimàirt an 31mh latha den Mhàirt a th’ ann agus tha sinn air a bhith ‘san sgoil’ fad 137 làithean. Coimhead air a’ chairt gu h-ìosal. Cia mheud ceud a th’ann? Cia mheud deich? Cia mheud aonad?

Ciamar a tha sibh uile an-diugh? A bheil fhios agaibh gu bheil seo an latha mu dheireadh anns a’ Mhàirt? A-màireach bidh mìos ùr ann, An Giblean. Tha mi an dòchas gum bi an latha math dhaibh an-diugh. Gabh math an latha mu dheireadh den Mhàirt!

Deiseil airson obair? Seo e: Continue reading “[C2C – 2020.31.03] Dimàirt | Tuesday”

[C2C – 2020.30.03] Diluain | Monday

Madainn mhath, Clas 2C!

‘S e Diluain an 30mh latha den Mhàirt a th’ ann agus tha sinn air a bhith ‘san sgoil’ fad 136 làithean. Coimhead air a’ chairt gu h-ìosal. Cia mheud ceud a th’ann? Cia mheud deich? Cia mheud aonad?

Ciamar a tha sibh uile an-diugh? An do rinn sibh rudeigin spòrsail aig an deireadh-sheachdain? Bha an cò-là breith agamsa air Dhisathairne agus rinn mo chlann cèic theòclaid dhomh. Bha e blasta! Tha mi an dòchas gun robh an deireadh-sheachdain agaibhsa math cuideachd. 
Continue reading “[C2C – 2020.30.03] Diluain | Monday”

[C2C – 2020.26.03] Diardaoin | Thursday

Madainn mhath, Clas 2C!

‘S e Diardaoin an 26mh latha den Mhàirt a th’ ann agus tha sinn air a bhith ‘san sgoil’ fad 135 làithean. Coimhead air a’ chairt gu h-ìosal. Cia mheud ceud a th’ann? Cia mheud deich? Cia mheud aonad?

Ciamar a tha sibh uile an-diugh? Tha mise beagan goirt – bha mi anns a’ phàirc an-dè a’ ruith leis a’ chloinn agam.  Chunnaic mi teaghlachan eile a-miugh a’ dèanamh eacarsaichean ri chèile cuideachd.  Bha sinn uile a’ cumail fad air falbh à feadhainn eile.  Chrath sinn “Halò” ri teaghlach eile bho Tnp nuair a chunnaic sinn iad.  Dè tha sibhsa a’ dèanamh airson eacarsaich tron t-seachdain? Continue reading “[C2C – 2020.26.03] Diardaoin | Thursday”