C2D- 13/01/20

Seachdain 13/01/20

An t-seachdain sa chaidh bha sinn ag obair gu cruaidh air na faclan cumanta againn. Chleachd sinn Jenga gus geama spòrsail a dhèanamh le cuid dè na faclan ùra againn. Cuideachd chleachd sinn na IPads airson na faclan a dhèanamh ann an doigh eadar-dhealaichte agus sgrìobh sinn seantans leotha.

 

Ann am matamataigs bha sinn ag obair air àireamhan òrdachadh bho 1-100 agus àireamahn a thèid suas ann an deichean.

 

Thòisich sinn ag obair air ‘Àireamh an Latha’ agus nì sinn seo gach latha le àireamh ùr. ’S e dòigh math a th’ ann airson na sgilean innleachdan inntinn a leasachadh.

 

Clas 2D- 6/01/20

Fàilte gu blog Clas 2D.

An t-seachdain seo bha àm spòrsail againn a’ bruidhinn mu na saor-làithean againn agus rinn sinn beagan obair air an Matamataigs againn. San dealbh seo tha na sgoilearan ag obair air na h-àireamhan 1-100.

Cuideachd chluich sinn an geama KABOOM, abair spòrs!

Bha sinn cuideachd ag ionnsachadh mu na ràithean agus an seòrsa t-sìde a chì sinn anns gach ràith. Leis an eòlas seo rinn sinn clàr de na mìosan san òrdugh cheart agus dealbhan a’ sealltainn an aimsir anns gach ràith.