Tìoraidh agus tapadh leibh Clas 3F

Mar phàirt den phròiseact againn mu dheidhinn Lìte, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn bancaichean bìdh. An-diugh, thàinig sinn a-steach le tòrr bìdh airson am banca bìdh.

Abair clas laghadh!

Cuideachd, tapadh leibh airson an leabhar sònraichte a fhuair mi. Bidh mi gar ionndrainn tòrr Clas 3F!

Bho Bh.U. Grant

“Nì Siud a Chùis”, Thuirt na Crèidheanan!

Ann an sgrìobhadh, bha Clas 3F ag ionnsachadh mu dheidhinn a bhith a’ sgrìobhadh litir.

Chlead sinn an leabhar “Ni Siud a’ Chùis” Thuirt na Crèidheanan airson ar cuideachadh.

San leabhar, dh’fhalbh gach crèidhean air sgàth ‘s nach robh iad toilichte- na crèidheanan bochd! Sgrìobh sinne litrichean gu na crèidheanan a’ dh’fhaighneachd dhaibh am b’urrainn dhaibh tilleadh.

Cuideachd, rinn sinn collages agus buileagan-comhraidh mu dheidhinn gach crèidhean.

Till air ais crèidheanan!

Slàinnte ‘s Sunnd le Mojo

Ann an Clas 3F, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ar beachd-inntinn.

Bha sinn a’ leantainn an sgeulachd aig Mojo, agus mar a dh’ionnsaich e mu dheidhinn eanchainn.

Dh’ionnsaich Mojo agus C3F gu bheil mearachdan ceart gu leòr ma tha thu ag ionnsachadh!

Bidh ar n-eanchainn a fàs nuair a tha sinn a’ feuchainn air dùbhlan a tha a’ toirt oirnn a bhith ag obair cruaidh. Cuideachd, tha sinn uile math air cuid de rudan agus feumach air tuilleadh eòlas  air rudan eile.

Chan e “Chan urrainn dhuinn seo a dhèanamh.” a bu choir dhuinn a radh, ‘s e…

“Chan urrainn dhomh seo a dhèanamh FHATHAST!”

 

Bòrd nan Deagh Naidheachdan

Ann an Clas 3F, tha bòrd againn airson naidheachdan math a shealltainn. Tha cuid den chlas air bonn no dealbhan a thoirt a-steach airson a’ bhùird.

Mar eisimpleir, bhuanaich Keeva agus Madie bonn airson ball-coise agus bhuanaich Dawid bonn air sgàth ‘s gun deach e cuairt air baidhseagal timcheall baile Ghlaschu fad 54 mìle!! Wow!!

Rinn Mhairi dealbh ÀLAINN aig an taigh a’ tarraing bheachdan bho an leabhar-chlas againn ‘”Nì siud a chùis” thuirt na creidheannan’. Chuir i dath gorm air a’ ghrian gus nach biodh Orains agus buidhe a’ sabaid! Deagh bheachd a’ Mhairi!

 

Fàilte gu am blog aig Clas 3F! :)

Hallo!

An t-seachdain-sa, bha sinne ann an 3F trang ag ionnsachadh tòrr!

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar dhaoine à Alba a tha ainmeil ann an spòrs. Mar eisimpleir, Chris Hoy agus Andy Murray. Smaoinich sinn mu dheidhinn na h-adhbharan a tha sinne gu bhith nar Albanaich ainmeil aon latha.

Chruthaich sinn dìneasaran a’ cleachdadh cumaidhean- nach iad a tha eagalach!

An t-seachdain sa chaidh, rinn sinn flùraichean snog a’ sealltainn na riaghaltean againn. Tha sinn math air a bhith gan leantainn!

Mar sin leat an-dràsta!

Clas 3F