Tha sinn a’ dol a shireadh mathan! C5

Gu fortanach, chuir sgoileran C5 air dòigh dealbh-cluich do mhuinntir sgoil-àraich an t-seachdain seo! Còmhla ris a’ Bh-uas Conroy, tha iad air a bhith a’ deasachadh taisbeanadh bhon leabhar ainmeil Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan.  Gu dearbha bha iad air leth air an àrd-ùrlar is chòrd e ris an luchd-èisteachd modhail bho SÀ.

Is math a rinn sibh C5!

C5 ionnsachadh a-muigh

Is e ‘Creideamhan an t-Saoghal’ a’ chuspair againn an-dràsta.  An-diugh, chuir sinn gu feum na dh’ionnsaich sin gus rudeigin a chruthachadh a-muigh gu mac-meanmail.

Leis gu bheil C5H ag ionnsachadh mu dheidhinn Hinduthachd, chruthaich iadsan Mandiran.

Leis gu bheil C5C ag ionnsachadh mu dheidhinn Creideamh nan Sikh, chruthaich iadsan Gurdwaran.

 

Seo dà bhideo de Ghuarwara, am faic thu an Guru Granth Sahib aca?

IMG_2485

IMG_2469

C5 Latha mu dheireadh de dh’Ukulele!

Gu duilich, b’ e an-diugh an latha mu dheireadh den sreath de leasanan Sounds Like Music a tha air a bhith aig clas a còig le Nora is Lawrence airson 5 seachdainean.  Dh’ionnsaich iad iomadh chord is òran is sheinn is chluich iad gu binn an-diugh airson an triop mu dheireadh.

Seo ‘In the Jungle’ le C5C bhon t-seachdain sa chaidh:

Seo ‘7 Years Old’ an-diugh bho C5:

.

Ukulele!

Seo cuid de na h-orain a tha sinn air a bhith a’ deanamh ann an ukulele gach Diluain!

Nollaig Chridheil dhuibh uile!

  1. Last Christmas le C5H
  2. Rudolf the Red-nosed Reindeer le C5C
  3. Twinkle Twinkle Little Star le C5C

Peantadh

Gu h-inntinneach an-diugh bha sinn a’ peantadh na loinnearan againn a bha tioram, bha sinn a’ measgachadh diofar dhathan còmhla gus am faigheadh sinn diofar dhathan.

Bha e uabhasach spòrsail, gu sònraichte le na diofar dhathan dhiofraichte.

 

Taois!

Gu h-iongantach bha sinn trang madainn an-diugh a’ cruthachadh taois airson loinnearan Nollaige so-sheasmhachd a chruthachadh, a bharrachd air a sin bha e uabhasach spòrsail a bhith a’ cluich leis an taois.

Gu h-inntinneach bha sinn dìreach a’ cleachdadh salainn, flùr is uisge teth.

Gu toilichte dh’ionnsaich sinn a bhith nas sho-sheasmhaiche gu sònraichte aig àm na Nollaige air sgàth ’s, gu mì-fhortanach gum bi cairtean, craobhan, preusantan is còmhdach-pàipear Nollaig a’ dol dhan sgudal – gu landfill!  Thèid an sgrios!

C5 Novel Study

C5 received their chosen text for our English novel study today.  They have to read a quarter of their text every week as well as doing their role in the literacy circle.  C5 will be presenting their work on Monday to their literacy circle.

Please find below links to recordings of the class texts.

A recording of Flat Stanley:  https://youtu.be/XslC9PlQHMs 

A series of youtube videos recording (with extra discussion) of The London Eye Mystery here: https://www.youtube.com/watch?v=_qTZx-qMwq8 

A recording of Charlotte’s Webhttps://www.youtube.com/watch?v=TgsD-xdJdoM 

A recording of The Sheep Pig (chapter by chapter series of videos): https://www.youtube.com/watch?v=d7kkelwadMw&list=PLD2F9ZkgGr20H_mbu31GNQXZvuS0GNze6 

Two youtube videos of The Worst Witch: https://www.youtube.com/watch?v=iJnhi6WLgn0   agus https://www.youtube.com/watch?v=IQagOOw9zcs 

 

Gyoza!

Gu fortnach thàinig pàrantan sgoilear C5 a-steach gus ar teagasg mu dheidhinn Iapan agus gyoza!  An uair sin dh’obraich sinn ann am buidheanan gus gyoza a chòicearachd.

Gu h-inntinneach ’s e biadh an topaig againn, a bharrachd air a sin tha na gyoza bho Iapan gu math blasta ach tha iad cuideachd ann an Sìona agus Korea.

An toiseach bha sinn a’ measgachadh le na làmhan glan, sgileil againn an uair sin sguab sinn pàirt den mheasgachadh is chuir sinn e air an wrapper e.

Gu spòrsail chuir sinn uisge mun cuairt air an oir, mu dheireadh fhighe sinn aon taobh, mu dheireadh thall, chòicearachd sinn iad an uair sin chuir sinn iad nar beòil.a