Seachdain Spòrsail aig Clas 6G

Ann an Gàidhlig agus litearrachd bha sinn a’ cur dath air na faclan cumanta.

Seo dealbhan:

 

Tha clàr-ama ùr againn cuideachd:

 

 

 

 

 

Air Dihaoine bha dà chluicheadair ball-coise bho sgioba nam ban aig Hibs a’ cèilidh air an sgoil!

Bha an t-seachdain seo cho spòrsail!

 

Cruthan Craicte C6G!

An t-seachdain seo, tha sinn air a bhith a’cruthachadh cruthan cruthachail.  Chleachd sinn teip agus sràbhan.  Bha sinn a’ faireachdainn cruthachail agus pròiseil.  A-nis tha fios againn air taobhan, oirean, puingean agus aodannan air na cruthan. Tha ciùban, ciùbachan agus pioramaidan ann.  Seall air an obair chruaidh againn!

 

Air Diardaoin bha sinn a’ dèanamh dreach de chomic agus bha sinn a’ dèanamh mapa-eanchainn mu dheidhinn Uilleam Againne (Oor Wullie sa Ghàidhlig) agus an ath sheachdain bidh sinn a’ dealbhadh comic dhuinn fhèin.

Cuideachd, air Diardaoin, chaidh sinn a dh’fhaicinn dealbh-chluich mu dheidhinn ath-cuairteachadh.  Bha e gu math èibhinn!

Alba Àlainn

An t-seachdain seo, bha sinn ag obair air cuspair ùr Alba Àlainn.  Tha sinn an dòchas gum bi e inntinneach air sgàths gun robh e spòrsail aig an toiseach.  Rinn sinn dealabhan is chuir sinn iad air a’ bhalla!

Seo an dealbh!