Seachdain a’ Toiseachadh 02.09.19

Cànan

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn an sgeulachd ‘Tìr nan Òg’.  ‘S e àite a th’ ann far a bheil a h-uile duine òg is cha tèid do ghortachadh.  As dèidh 10 bliadhna ann an Tìr nan Òg tha 300 bliadhna air a dhol seachad anns an t-saoghal àbhaisteach againne.

Ann an làmh-sgrìobhaidh an t-seachdain seo choimhead sinn air na faclan cumanta ‘Dimàirt’, ‘dh’fhosgail’, ‘is toil’, ‘a’ coimhead’, ‘a-raoir’, ‘còmhla rium’.

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-èich-uisge is bha sinn ath-sgrìobhadh aon de na sgeulachdan a chuala sinn.  Chruthaich sinn diagraman mu dheidhinn cho cunnartach ‘s a tha èich-uisge.

Matamataig

Choimhead sinn air farsaingeachd is ciamar a bhitheas sinn ag obrachadh a-mach farsaingeachd.  Bidh seo gu math feumail dhuinn ma nuair a bhios sinn ag obrachadh air dùbhlan matamataig.

Image result for area of a rectangle

Cuspair

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn biadh agus deoch Albannach.  Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn uisge-beatha, taigeis, brochan/lìt agus iomadh rud eile.

Chruthaich sinn dealbhan de bhiadh Albannach airson clàr-bìdh.

Ceòl

Bha sinn a’ cluich geamanan ruitheam is dh’ionnsaich sinn an ruitheam ùr ‘ti-ri-ti-ri’

Airsons Spòrs:

What do you find in the middle of a Jelly Fish? 

Gheibh sibh a-mach air Diluain!

Seachdain a’ Tòiseachadh 26.08.19

Cànan

An teirm seo tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn stòraidhean tradaiseanta is dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo an stòiridh ‘Labhraidh Loingseach’. Fhreagair sinn ceistean air an stòiridh cuideachd.  Bha an stòiridh fìor mhath.

Cuspair 

An t-seachdain seo choimhead sinn airais air dè bha sinn ag iarraidh ionnsachadh.  Thagh sinn gun ionnsaicheadh sinn barrachd mu dheidhinn Albais.  Choimhead sinn air faclan mar:

  • Puddock – losgan – toad
  • Sleekit – seolta – sly
  • Wabbit – gun anail – out of breath
  • Nicht – oidhche – night
  • Hame – dhachaigh – home
  • Hert – cridhe – heart
  • Heid – ceann – head

Choimhead sinn air na leabhraichean ‘Oor Wullie’ is chruthaich sinn striop comic againn fhìn.  Chan eil sinn buileach deiseal leotha fhathast.  Chì sibh dealbhan an ath sheachdain.

Taing mhòir gu Rosa, Roddy, Ali is Aoife airson na leabhraichean Oor Wullie!

Matamataig

Choimhead sinn air farsaingachd an t-seachdain seo is ciamar a bhitheas sinn a’ dearbhadh farsaingeachd.

Ealain

Bha sinn a’ dealbhadh ar caraidean le pensail an t-seachdain seo.

Drama – Fèisean Nan Gàidheal

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn ath chuartachadh is truailleachd an t-saoghal.  Chaidh sinn mun cuairt an talla is fhreagair sinn ceistean mu dheidhinn an dealbh-cluich.

 

Airson spòrs

How many seconds are there in one year?

Gheibh sibh a-mach air Diluain!

 

 

.

 

Seachdain a’ tòiseachadh 19.08.19

Spàinntis

Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn diofar chultaran is na diofar dùthchannan a tha a’ bruidhinn Spàinntis.  Seo feadhainn de na h-àitichean – Cuba, Chile, Mexico, Argentina is Costa Rica.

Cànan

Bha Mgr Nethercutt còmhla rinn air Diciadain.  An t-seachdain seo chruthaich sinn liosta de dhiofar sheantansan mu dheidhinn diofar sheòrsaichean de bhiadh.

Spòrs

Ann an spòrs le Mgr Vitry bha sinn a’ cluich hocaidh.  Tha hocaidh a’ còrdadh rinn.

Cuspair

‘S Alba Àlainn an cuspair a th’ againn an-dràsta.  Bhruidhinn sinn mar chlas agus dh’obraich sinn a-mach dè bha sinn ag iarraidh ionnsachadh.  Chruthaich sinn taisbeanadh  agus dh’íonnsaich sinn mu dheidhinn Naomh Anndra an naomh nàiseanta againn is carson tha crann na h-Alba air a sgeadachadh mar :

Rinn sinn na brataich againn fhìn.  Smaoinich sinn air dè tha Alba a’ ciallachadh dhuinne.  Chan eil iad uile deiseil fhathast ach cuiridh sinn dealbhan suas an ath sheachain.

Choimhead sinn air eachdraidh breacan agus chruthaich sinn ar breacain fhèin.  Coimhead air iad seo!

 

Matamataig

Bha sinn ag obrachadh air cuir-ris ann an deichean is ceudan.  Dh’ìonnsaich sinn ciamar a bhitheas sinn a’ sgrìobhadh a-mach gach freagairt gu sgiobalta.   Thòisich sinn ri bhith a’coimhead air alegbra le Dòtair Jones.

Ceòl

Choinnich sinn le an tidsear ùr againn – a’ Bh-uas Fee.  Dh’íonnsaich sinn òrain bho Africa is Jamaica.  Bha sinn a’ dannsa ri beum.  Bha sinn cuideachd a’ dèanamh geamanan ruitheam Kodaly – ta is te-te.

Airson spòrs

Gach seachdain cuiridh sinn fealla-dhà an seo is gach Diluain gheibh sibh a-mach am freagairt.

C: Why do fish live in salt water?

Fuirich gu Diluain airson am freagairt.

: )