Hùb Hab

Chòrd  an dealbh-cluich aig  Hùb Hab bho Fèisean nan Gaidheal gu mòr ri Clas 1 an t-seachdainn-sa.  Sheinn iad, dhanns iad is rinn iad tòrr feall-dhà.  ‘S ann mu dheidhinn sàbhailteas air an rathad a bha an dealbh-chluich.

 

Facal agus Fuaim

Tha sinn air a bhith trang ag obair air fuaimean ùra. Dh’ionnsaich sinn ciamar a tha thu  ag ainmeachadh agus a sgrìobhadh c, o, a, à, ò (cruinn), ò (fàda) agus d. Ma tha sibh ag iarraidh taic le fuaimean, tha an làrach-lìn seo feumail:

  http://ceres.napier.ac.uk/staff/alistair/gaelicparenthelp/ff_aim.html

C1 Buidhe- Togail an Eilean Leòdhais

An-dràsta ‘s e  ‘Ceitidh Mòrag, na h-Eileanan is na Bailtean-Mòra’ an cuspair againn.

Mar sin, bha sinn cho fortanach gun d’ thàinig a’ Bhean-Uasal Eglinton a-steach airson bruidhinn rinn mu dheidhinn mar a chaidh a togail ann an Eilean Leòdhais. Fhuair sinn a-mach gun robh clasaichean tòrr nas lugha aca sna h-eileanan. Cha robh ach coignear anns a’ chlas aice!

Sheall i dealbhan dhuinn cuideachd agus bha tòrr rùm is traighean ann airson ruith is cluich. Chòrd e rinn faighinn a-mach gun robh caoraich agus cearcan aig a’ Bhean-Uasal Eglinton agus gum biodh i a’ cuideachadh a pàranatan a’ coimhead as an dèidh. Cha bhi sinne a’ dèanamh sin anns a’ bhaile-mòr!

Anns a’ bhaile-mòr bidh a’ mhòr chuid dhuinn a’ cleachadh teasadairean is dealan airson na taighean againn a chumail blàth, ach ann an Leòdhas b’ fheudar dhan Bhean-Usail Eglinton mòine a chruinneachadh airson an taigh aice a chumail blàth.

Tha tòrr eadar-dhealachaidhean ann eadar eileanan is bailtean-mòra agus chòrd e rinn gu mòr a bhith a’ cluinntinn mun deidhinn. Mìle taing, a Bhean-Uasal Eglinton!

C1 Buidhe- Cuirm-chnuic

Air Diciadain bha cuirm-chnuic againn le ar pàrantan. ‘S e biadh an cuspair  a th’ againn an-dràsta  agus, mar sin, ‘s e deagh chothrom a bh’ ann biadh ùra a bhlasad bho ddiofar chultaran. Dh’fheuch sinn uile rud ùr agus tha sinn den beachd gun robh a h-uile pìos bìdh uabhasach blasta!

A’ Cumail Fallain anns a’ Ghrèin

Mar phàirt de ‘Sun Awareness Week’, thàinig a Bh’Uas Cowell-Smith (mamaidh Arley agus Eryn) a-steach an t-seachdainn seo a bhruidhinn rinn mu dheidhinn a bhith cumail sàibhailte is fallain anns a’ ghrèin.  Dh’innse i dhuinn mu cho cudthromach ‘s a tha e leigheas grèine agus ad a chleachdadh nuair a tha a’ ghrian ann.  ‘S e ‘SPLAT, HAT, WRAP!’ abairt an là.

C1 Buidhe- A’ Dèanamh Diofar

Mar phàirt den chuspair Slàinte agus Sunnd, chaidh sinn a-mach gu pairc Pilrig airson sgìoblachadh.  ‘S e ‘Dèan Diofar’ an topaig a tha againn an-dràsta airson Slàinte agus Sunnd agus tha sinne den bheachd gun do rinn sinn diofar mòr! Bha sinn gu math brònach gun robh tòrr dhaoine bhon choimhearsnachd againn a’ sadail sgudal air an làr a chionn ‘s gu bheil fhios againn an cron a tha e a’ dèanamh. Dh’obraich sinn ann am buidheannan beaga airson cuid den sgùdal a thogail sa phairc agus bha sinn gu math toilichte is pròiseil nuair a bha sinn deiseil.

C1 Buidhe- Kebabs Measan

Mar phàirt den chuspair againn mu bhiadh, rinn na sgoilearan kebabs le measan. Dh’ionnsaich sinn carson a tha e cudromach gu bheil sinn a’ nigheadh ar làmhan mus deasaich sinn biadh agus ciamar a tha sinn a’ cumail sàbhailte mun cuairt stùth chidsin. Cuideachd, dh’ionnsaich sinn cànan Gàidhlig airson measan agus bruidhinn mu dheidhinn a’ bhlas aca. Chòrd seo rinn gu mòr agus bha na kebabs againn blasta agus fallain!

Gàradh na Sgoile

Tha sinn air leth toilichte adhartas fhaicinn ann an gàrradh na sgoile anns na beagan sheachdainnean a dh’fhalbh.  Chaidh feansa agus tunail seileach a thogail le parantan air leth fialaidh, Bex, Lucy agus Arran.  A bharrachd air sin, chi thu lusan ùra a chuir a’ bhuidhean raon-cluiche agus Clas 1.

K Wight