A’ Cumail Fallain anns a’ Ghrèin

Mar phàirt de ‘Sun Awareness Week’, thàinig a Bh’Uas Cowell-Smith (mamaidh Arley agus Eryn) a-steach an t-seachdainn seo a bhruidhinn rinn mu dheidhinn a bhith cumail sàibhailte is fallain anns a’ ghrèin.  Dh’innse i dhuinn mu cho cudthromach ‘s a tha e leigheas grèine agus ad a chleachdadh nuair a tha a’ ghrian ann.  ‘S e ‘SPLAT, HAT, WRAP!’ abairt an là.

Ag ullachadh greim-bidh fallain

Diciadain rinn an clas greim-bìdh anns an rùm còcaireachd.  Chleachd sinn measan agus rinn sinn kebabaichean bhlasta.  Nigh sinn ar làmhan, ghlan sinn na measan agus gheàrr sinn an àrd na measan airson an cuir air maidean bheaga.  Ium ium!

Gàradh na Sgoile

Tha sinn air leth toilichte adhartas fhaicinn ann an gàrradh na sgoile anns na beagan sheachdainnean a dh’fhalbh.  Chaidh feansa agus tunail seileach a thogail le parantan air leth fialaidh, Bex, Lucy agus Arran.  A bharrachd air sin, chi thu lusan ùra a chuir a’ bhuidhean raon-cluiche agus Clas 1.

K Wight

 

Clas 1 Dearg | Seall agus Innis

Ann an Clas Dearg, thòisich sinn air Seall agus Innis a dhèanamh  gach Dihaoine. Bhruidhinn nighean an toiseach mu dheidhinn a cat ‘Morven’. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri  rudan inntinneach fhaighinn a-mach mu dheidhinn daoine anns a’ chlas.  A bharrachd air a sin bidh sinn ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn ag èisteachd gu math agus a’ cur cheistean inntinneach air a chèile.

 

 

Clas 1 Dearg | Pinata

An-diugh ann an Seall agus Innis, chuala sinn mu dheidhinn Pinata. ‘S ann à Meagsago a tha nighean anns a’ chlas. Bhruidhinn i rinn mu dheidhinn mar a tha  iad air an cleachadh aig partaidhean co-là-breith agus aig àm na Nollaige. Bidh suiteas agus dèideagan ann agus feumaidh tu  am Pinata a bhualadh nuair a chluicheas òrain sònraichte gus am bi na suiteas agus dèideagan a’ tuiteam a-mach. Abair spòrs!

IMG_5570

Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce | Bun-sgoil Taobh na Pàirce Blog

 

Fàilte gu Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce.  Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh uile sealladh fhaighinn air na tha sinn ag ionnsachadh.  | Welcome to Bun-sgoil Taobh na Pàirce Class Blogs.  We hope you will enjoy the learning snapshots we have to share with you.

Tha gach clas gus a bhith a’ cur ri chèile blog gach seachdain; feuch gun cùm sibh sùil air an làrach ùr airson na naidheachdan againn | Each class will be sharing a blog on a weekly basis; make sure you keep an eye on our website to stay up to date.