Tha Sìol Beag san Talamh

Rinn sinn sgrùdadh air a bhith fàs sìol pònair. Bheachdaich sinn air mar a bhiodh e a’ fàs, gun uisge is gun ghrian. Dh’ionnsaich sinn mar a bhios lusan a’ fàs. Feumaidh iad uisge agus grian. Chuir sinn cress air tubhalit paipear airson faichinn mar a tha e a’ fàs.
Tha sinn ag ionnsachadh sgeulachd mu Seoc agus a’ Chraobh Phònair.

Faclan Cumanta

An t-seachdain seo thòisich Clas 1 ionnsachadh ciamar a’ leughadh iad faclan cumanta.  Dh’obraich sinn air na faclan; mi, mise, seo agus agus.  Dh’fheuch sinn ris na faclan a lorg ann an leabhraichean leughaidh agus bhruidhinn sinn mun chruth a tha air na faclan airson ar cuideachadh an aithneachadh.  Cumaidh sinn orinn an ath theirm ag obair air falcan cumanta eile. 

Ealain Tuathanas

An t-seachdainn seo bha Clas 1 Gorm ag obair air dealbhan de thuathanasan.  Choimhead sinn air obair neach-ealain Ameireaganach Grant Wood.  Bhruidhinn sinn air mar a chruthachas sinn deilbh ‘landscape’, mar a tha coltas beag air rudan nuair a tha iad fada air falbh is coltas mòr orra nuair a tha iad faisg.  Chleachd sinn pastalan ola agus peanta airson ar dealbhan a cruthachadh.  Chì sibh iad taobh a-muigh ar clas.

Hùb Hab

Chòrd  an dealbh-cluich aig  Hùb Hab bho Fèisean nan Gaidheal gu mòr ri Clas 1 an t-seachdainn-sa.  Sheinn iad, dhanns iad is rinn iad tòrr feall-dhà.  ‘S ann mu dheidhinn sàbhailteas air an rathad a bha an dealbh-chluich.

 

‘An Tuathanas’ Pròiseact Ùr Clas 1

Tha pròiseact ùr again ann an Clas 1.  Tha sinn ag ionnsachadh mun tuathanas.  Rinn sinn plana mu na rudan a tha sinn ag iarraidh ionnsachadh.  Bu toil leinn ionnsachadh mu dheidhinn leanabhan bheathaichean, mar a bhios lusan a’ fàs, an aobhair a nì cù chaora agus mar a bhios tuathanaich a’ gabhail cùram do na beathaichean.  Cuideachd bidh sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn a bhiadh a bhios a’ fàs air tuathanas, gu sònraichte feòil, glasraich agus bainne.  Aig deireadh na mios thèid sinn gu Tuathanas Gorgie.  Abair splaoid a bhios againn!

Soidhnichean

Tha Clas 1 G ag ionnsachadh mu shoidhnichean; dè feum a th’ orra agus càite bheil iad rin lorg.  Chaidh sinn air chuairt a shiorradh shoidhnichean anns an sgoil.  Abair gun do lorg sinn tòrr dhaibh!  Rinn sinn na soidhnichean againn fhèin cuideachd, airson rabhadh a thoirt dhan Luchag Bheag air an rathad cam lùbach (sgeulachd air a bheil sinn ag obair an-dràsta).

A’ Fleodradh agus a’ dol fodha

An t-seachdainn seo dh’ionnsaich sinn mu rudan a bhios a’ fleodradh neo a’ dol fodha ann an uisge. Rinn sinn rannsachadh airson seo le iomadh rud.  Chleachd sinn am fiosrachadh seo airson ar bàtaichean fhèin a dhèanamh. 

A’ cruthachadh ar bàtaichean le sgudal
A bheil iad a’ fleodradh?

A’ dèanamh adhartas le sgrìobhadh

Ann an clas a h-aon an t-seachdainn seo tha sinn air a bhith trang a’ leasachadh ar sgilean le bhith tarraing dealbhan.  Tharraing sinn dealbhan mu ghearradh fuilt.  Dh’ionnsaich sinn a bhith dealbhadh falt, a’ dèanamh cinnteach gu robh sinn a’ sealltainn tòrr mion-fhiosrachadh nar dealbhan.