Matamataig agus geamannan | Maths and games

Mar phàirt den phrògram Matamataig SEAL againn, tha sinn ag obair air aithneachadh gu luath pàtrain dot gun a bhith gan cunntadh. Bidh sinn a’ coimhead air pàtranan domino, pàtrain paidhrichean agus dotagan ann an arrays no pàtrain air thuaiream. Deagh dhòigh air taic a thoirt don ionnsachadh seo gus geamannan bùird a chluich! Carson nach fheuch thu aig an taigh?

As part of our Maths programme SEAL, we are working on quickly recognising dot patterns without having to count them.  We look at domino patterns, pairs patterns and dots in random arrays or patterns.  A great way to support this learning to to play board games!   Why not have a go at home?

Seo ceangal le faidhlichean fuaim airson na h-àireamhan Gàidhlig.

Aireamhan | Numbers

Here is a link with sound files for the Gaelic numbers.

Gabh spòrs!  Have fun!

Rannan | Rhymes

Ged nach urrainn dhuinn seinn sa chlas an-dràsta tha sinn air a bhith ag ionnsachadh rannan! Seo dà rann a tha air còrdadh ri  clas purpaidh  bho chionn ghoirid.

Even though we can’t sing in class just now, we have been learning rhymes!  Here are two that clas purpaidh have been enjoying recently.

Sùil, sùil eile…

Is toil leis a’ chlann gu sònraichte am facal “smiogaid”!

The children especially like the Gaelic word for chin – “smiogaid”!

Seo òran, ach tha sinn air a bhith ga chleachdadh mar rann. ‘S urrainn don chlann na gnìomhan a shealltainn dhuibh!

This is a song but we have been using it as a rhyme – your children will be able to show you the actions!

Rolaidh Polaidh

An ath-sheachdain, cumaidh sinn oirnn a’ cleachdadh ‘An Tuineap Mòr’ airson ar n-obair litearrachd, a’ toirt a-steach beagan obair air fuaimean tùsail. Anns an obair matamataig cuspair againn, bidh sinn a’ smaoineachadh mu latha is oidhche agus na diofar rudan a bhios a’ tachairt aig diofar amannan den latha.

Next week we will continue using The Enormous Turnip for our literacy work, including work on initial sounds.  In our topic maths we will be thinking about day and night and the different things that happen at different times of the day.

Deireadh seachdain math dhuibh!

Have a great weekend!

Sgeulachdan | Stories

Ann an clas Purpaidh, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh an sgeulachd Na Tri Mucan Beaga.  Rinn sinn map sgeulachd agus dh’ionnsaich sinn an sgeulachd ath-aithris.  Chuir sinn an sgeulachd an gnìomh sa ghàrradh cuideachd!  An ath-sheachdain bidh sinn a’ toiseachadh sgeulachd ùr – An Tuineap Mòr.  Seo ceangal ris an sgeulachd sa Gàidhlig.

http://sgeulachdan.scot/

A’ bharrachd air sin, tha sinn air a bhith a’ cleachdadh na gnìomhan anns an t-òran seo gus ar cuideachadh a’ cuimhneachadh làithean na seachdain sa Ghàidhlig.

In Clas purpaidh, we have been learning the story ‘The three little pigs’.  We made a story map and we learned to retell the story.  We did some acting from the story in the garden too!  Next week we will be starting a new story – The Enormous Turnip.  Here is a link to the story in Gaelic.

http://sgeulachdan.scot/

Also, we have been using the actions in the song in the video above to help us to remember the days of the week in Gaelic.

Aig sgoil a’ choille an t-seachdain seo | At Forest School this week

Aig sgoil a’ choille Dimàirt chaidh sinn dhan phàirc leis a’ Bh-uas Horne. Abair gu robh e spòrsail. Dh’innis a’ Bh-uas Horne dhuinn mu dhiofar chraobhan is duilleagan; eibheann, calltainn am measg feadhainn eile. Sheall i dhuinn gu robh cuid duilleagan buidhe oir tha an fhoghar air fàire.
Bha bann-làimhe again uile far an do stic sinn na rudan a lorg sinn – duilleagan, iteagan, maidean is lorg cuidfeigin mathan cuideachd!
An uair sin, shuidh sinn is sheall sinn dha chèile na lorg sinn. Rinn mi dealbhan den rusg le crèidheanan is lorg sinn smeuran. Choisich sinn dhachaidh tron choille.

For Forest School on Tuesday we went to Pilrig Park with a’ Bh-uas Horne. She showed us lots of leaves including ivy, sycamore, hazel and our favourite; helicopter leaves which we threw in the air! She showed us how some of the leaves has turned yellow because Autumn is almost coming.
We all had bracelets where we stuck the leaves, feathers and sticks that we found. One boy even found a bear!
Then we sat in a circle and showed each other what we’d found. We took bark rubbings with crayons, found blackberries and walked back to school through the forest.

Tha clas a h-aon purpaidh air a bhith ag obair trang | C1P have been working hard

Tha clas a h-aon air a bhith ag obair trang fad na seachdaine air àireamhachd.  Thòisich sinn pàtrain domino is àireamhan aithneachadh agus a’ cunntadh suas is sìos gu deich.  Abair gun do chòrd an t-òran seo riutha! : https://www.youtube.com/watch?v=ndzzL3DgqGo

C1 purpaidh have been working hard all week on their numerical skills.  We’ve been learning to recognise numerals and domino patters as well as counting up and down to ten in Gaelic.  This song has been a big hit with the class! https://www.youtube.com/watch?v=ndzzL3DgqGo 

A’ chiad seachdain slàn againn còmhla | Our first full week together

Tha tòrr spòrs air a bhith againn an t-seachdain seo!

We have had lots of fun this week!

Tha e air còrdadh rinn a bhith a’ leughadh leabhraichean.

We have enjoyed reading books.

Rinn sinn bataichean cunntaidh gus ar cuideachadh le bhith ag ionnsachadh na h-àireamhan againn sa Ghàidhlig. Tha sinn ag ionnsachadh cunntadh suas ri còig agus air ais a-rithist!

We made counting sticks to help us to learn our numbers in Gaelic.  We are learning to count up to five and back again!

Chleachd sinn aodach agus glaodh gus taisbeanadh plaide a dhèanamh airson ar balla.

We used fabric and glue to make a blanket display for our wall.

Anns an leasan PE againn chluich sinn geama solais trafaic agus bhruidhinn sinn mu bhith a’ dol tarsainn air an rathad gu sàbhailte.

In our PE lesson we played a traffic lights game and we talked about crossing the road safely.

Clas 1P A’ toiseachadh san sgoil Starting school

Seo sgeulachd as urrainn dhut a leughadh còmhla ri do phàiste. Tha e a ’toirt mòran fiosrachaidh mu cò ris a bhios an clas aca coltach, an tidsear aca, agus mar a bhios cùisean nuair a thilleas sinn don sgoil.  Tha dà dhreach ann, aon sa Ghàidhlig agus am fear eile sa Bheurla.

Here is a story you can read together with your child. It gives lots of information about what their class will be like, their teacher, and how things will be when we return to school.  There are two versions, one in Gaelic and the other in English.

Gaelic Version: C1P a’ toiseachadh san sgoil

English Version:  C1P starting P1

 

Tòrr Spòrs airson an t-seachdain mu dheireadh!!

Madainn mhath,

Tha mi an dòchas gu robh deireadh-seachdain spòrsail agaibh uile.

Tha sinn a-nis air an t-seachdain mu dheireadh dhan pròisect eadar-ghluasaid againn a tha co-cheangailte ris an leabhar ‘Tha sinn a’dol a Shireadh Mathan’ le Michael Rosen.

Anns an lince gu h-ìosal lorgaidh sibh lince gu an PowerPoint airson seachdain 6. Anns an PowerPoint lorgaidh sibh   beachdan air rudan inntinneach a dh’fhaodach sibh dèanamh airson an pròisect eadar-ghluasad againn an t-seachdain seo.

Tha mi an dòchas gu bheil an pròisect eadar-ghluasad seo air còrdach ribh.

Chì sibh nach eil cliath ionnsachaidh againn an t-seachdainn seo. Tha sinn a’dol a dhèanamh tòrr rudan spòrsail gach latha an t-seachdain seo an aite an cliath!

Seall air dè a bhios a thachairt:

Diluain –     Power Point le seachdain 6 den Phròisect eadar-ghlusaid

Dimàirt-     Là Spòrs na Sgoil-àraich

Diciadain – Là Mòr nan Òran

Diardaoin – Latha Mòr nan Sgeulachdan

Dihaoine – Cuirm-chunuic Ioma-chultarach na Mathain

Le dùrachdan,

a’ Bh-uas Nic’IlleRuaidh

 

 

 

Good Morning,

I hope that you all had a lovely weekend.

We have now reached the last week of our Bear Hunt Transition Project, which was linked to the book ‘We are going on a Bear Hunt’ by Michael Rosen.

In the link below you will find a Bilingual PowerPoint slide for Week 6 of our transition project. I hope that you find this week’s  activities fun t and that you have enjoyed the transition project.

You will notice that I have not linked a learning grid for this week. As it is the last week of term we will be posting fun daily events instead.

Have a look at what will be happening in sgoil-àraich this week!

Monday –               PowerPoint with  Wk 6  of Bear                                            Hunt activities

Tuesday –             Sgoil-àraich Sports Day

Wednesday –    Gaelic Songs Day

Thursday –         Gaelic Stories Day

Friday –               A multi-cultural Teddy Bears Picnic

 

We hope that you have a fun week!

 

Le dùrachdan,

 

Mrs Reid

 

Bear Hunt Weekly bilingual Slides week 6