[C2C – 2020.30.11] Diluain | Monday

Bha tòrr tidsearan ùra ann an C2C madainn Dihaoine agus nach robh iad uile a’ choimhead cho spaideil. Taing mhòr airson airgead a thogail airson MacMillan Cancer Trust. ’B e latha spòrsail a bh’ ann!

[C2C – 2020.23.11] Diluain | Monday

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mun chreideamh nan Sikh. Bha an cuspair ùr agus inntinneach dhuinn.  Bhruidhinn sinn mu dhèidhinn na 5 K’an (kesh, kangha, kirpan, kaccha agus kara) agus carson a tha iad sònraichte ann an Sikheachas. Choimhead sinn air dealbhan de ghurdwaran agus an gurdwara às sònraichte san t-saoghal, An Teampall Òr ann am Punjab. Rinn sinn dealbhan anns a’ chlas den Teampall cuideachd. Dh’ionnsaich sinn tòrr mun chreideamh nan Sikh.

 

 

[C2C – 2020.04.09] Dihaoine | Friday

Tha sinn air a bhith ag ionnsachdadh mu chumaidhean – cearcall, triantan, ceart-cheàrnach agus ceàrnag. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn còig-cheàrnaich, sia-cheàrnaich agus ochd- cheàrnaich cuideachd!

Leugh sinn an sgeulachd Goldilocks agus na Trì Mathain an t-seachdain seo. ‘S urrainn do chlann an sgeulachd ath-innse dhut air teanga.  😊

 

22.6.20 Cuairt-dànachd Innse Gall C1-3/Hebridean Adventure C1-3

Gabh cuairt timcheall na h-eileanan an t-seachdain seo. Tha gu leòr ri fhaicinn agus ri dhèanamh. Dèan cuirm-chnuic le pònaidh air Èirisgeigh? Ionnsaich mu dhineosairean san Eilean Sgitheanach? Cruthaich fear-tàileisg Leòdhais?   Seall an obair agad le bhith ga phostadh air Irisean Ionnsachaidh. Deagh thuras dhuibh!

Take a trip round the Hebrides this week.  There is plenty to see and do.  Have a picnic with a pony on Eriskay? Learn about dinosaurs on Skye?  Make a Lewis chessman?  You can show off what do have done by posting it on Learning Journals.  Have a great trip!

C1-3 Adventure Grid

C2C – leabhran eadar-ghluasaid / transition booklet

Seo beagan fiosrachaidh dhuibh mu dheidhinn cò ris a tha sinn an dùil a  bhios an sgoil coltach an dèidh saor-laithean an t-samhraidh.  Tha cùisean ag atharrachadh fad na h-ùine ged-tà.  Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh nuair a thig e thugainn!

The following booklet gives some information about what we expect school will be like for pupils after the summer holidays.  However, as you are aware, the situation is ever-changing.  We will share any updates with you as we receive them.

C2C A’ tilleadh dhan sgoil

C2C return to school