Seachdainn Saoghal Obrach ann an Clas 2

An t-seachdainn sa chaidh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn obair dhaoine eile mar phàirt den phròiseact againn, ‘Saoghal Obrach’.

Thàinig A’ Bh-Uas NicThòmais a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair inntinneach mar neach-naidheachd. Dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn ag innse sgeulachdan le dealbhan.

Thàinig A’ Bh-Uas Pooley a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair a’ teagasg Iapanais do dh’inbhich. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn cultar Iapanach agus facal neo dhà ann an Iapanais.

 

 

Thàinig Nurs Firth a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann an ospadal. Dh’ ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cur bann cheart oirnn nuair a tha sinn air ar goirteachadh agus cuideachd, chleachd sinn steatascop airson èisteachd ri ar crìdhean.

 

 

 

Thàinig A’ Bh-Uas Bryson a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann am bùth comaig. Bha tòrr dheilbh aice mu dhiofar ghaisgich agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ‘manga’.

 

Thàinig ‘Dotair Crumbles’ a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair mar chleasaiche ann an ospadalan. Abair gun robh i èibhinn!

 

 

 

Thàinig A’ Mhgr MacThòmaiss a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn obair mar fhiaclair. Sheall e dhuinn diofar dhealbhan de ghathan-x agus dh’innis e dhuinn mar a tha sinn a’ coimhead as dèidh ar fiaclan.

Tapadh leibh dhan a h-uile duine a thàinig!

C2F – 31.05.18

Litearrachd

An t-seachainn sa, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a tha sinn a’ cruthachadh caractairean agus suidheachaidhean airson stòiridh. Nuair a bha sinn deiseil, bha feum againn a dhol mun cuairt agus innse do thrì diofar dhaoine sa chlas mu dheidhinn na sgrìobh sinn. An ath sheachdainn, bidh sinn a’ cleachdadh ar caractairean agus suidheachaidhean airson stòiridh ùr a chruthachadh.

Matamataig

Dh’ionnsaich sinn cànan tomhais-lìonaidh. An uairsin, chaidh sinn a-mach le diofar shoitheachan agus bha sinn a’ tomhais cia mheud cupanan de dh’uisge a bha dol am broinn gach soitheach. Bha tòrr spòrs againn, ach bha sinn beagan fluich cuideachd!

Slàinte agus Sunnd

Dh’obraich sinn còmhla ann am buidhnean airson an cearcall-hùla a ghluasad gun briseadh an cearcall! Thuirt sinn gun robh e doirbh aig an toiseach ach dh’fhàs sinn nas fheàrr ro dheireadh an leasain.

 

25.05.18 – C2F

Slàinte agus Sunnd

Tha 2F air a bhith trang a’ deasachadh airson Là Spòrs an ath-sheachdainn. An t-seachdainn sa, bha sinn ag obair air ar sgillean a thaobh rèis trì-chasach agus air an rèis-poca. Abar spòrs!

 

Pròiseact

Cuideachd, ann am pròiseact, bha sinn ag obair a-muigh a’ tomhais an aimsir a’ cleachdadh leabhraichean-là.

A’ Cumail Fallain anns a’ Ghrèin

Mar phàirt de ‘Sun Awareness Week’, thàinig a Bh’Uas Cowell-Smith (mamaidh Arley agus Eryn) a-steach an t-seachdainn seo a bhruidhinn rinn mu dheidhinn a bhith cumail sàibhailte is fallain anns a’ ghrèin.  Dh’innse i dhuinn mu cho cudthromach ‘s a tha e leigheas grèine agus ad a chleachdadh nuair a tha a’ ghrian ann.  ‘S e ‘SPLAT, HAT, WRAP!’ abairt an là.

Pròiseact C2F – 10.05.18

An-diugh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn diofar seòrsaichean lùths agus càite an lorg sinn iad.

Seo na diofar seòrsaichean a dh’ionnsaich sinn:

teasach
solais
fuaim
lastaig
cineatagach
electrigeach
ceimeagach
niùclasach

An uair sin, rinn sinn probhailean saidheans airson fhaicinn mar a tha diofar seòrsaichean lùths ag obair.

Lùths cineatagach

Rinn sinn rocaid a’ cleachdadh balùn agus sreang. Cuideachd, chruthaich sinn tailm a-mach à bann rubair agus maidean.

Lùths fuaim

Bha sinn a’ feuchainn ris an rus a’ ghluasad le diofar fuaimean gus am faiceadh sinn lùths fuaim ag obair. Dh’aontaich sinn gur e na panaichean an rud a bha ag obair as fheàrr, ach dh’fheuch sinn cuideachd le botalan, ar làmhan agus ar guthan.

C2F – 03.05.18

Pròiseact

An t-seachdain seo, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na grèine agus mar a tha e a’ gluasad tron latha. Chaidh sinn a-mach a’ chiad rud sa mhadainn airson ar faileasan thòmhas . Chaidh sinn a-mach a-rithist airson faicinn mar a dh’atharraich iad.

 

Litearrachd

Ann an litearrachd, chruthaich sinn na stòiridhean againn fhèin le toiseach, meadhan agus deireadh. An uairsin, bha sinn ag innse ar stòiridhean dhan chlas.

Matamataig

Thòisich sinn an t-seachdain seo a bhith ag ionnsachadh mu bhloighean agus dh’fheumadh sinn leth agus cairteal de diofar rudan a lorg.  Ann am buidhnean, chruthaich sinn piotsan ùra a’ cleachdadh cànan bhloighean.

Slàinte agus Sunnd

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar chathrannasan agus cho cudromach ‘s a tha iad. An uairsin, smaoinich sinn air cò-dha a bheireadh sinne airgid ‘s rinn sinn an àrd cathrannasan ùra. Le sin, rinn sinn sanasan airson na cathrannasan ùra. Seo eisimpleirean de na rinn sinn.

A’ Ghealach – C2F

An-diugh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn pàtrain na gealaich.

An toiseach, choimhead sinn air mìosachan na gealaich agus choimhead sinn air mar a tha a cruth ag atharrachadh tron mhìos.

An uairsin, chleachd sinn briosgaidean airson a diofar cruthan a shealltainn :

gealach ùr, gealach chorranach, leth-ghealach agus gealach chrotach

San fheasgar, airson an cànan a dh’ionnsaich sinn a dhàighneachadh, bha sinn a’ measgachadh flùr agus peant còmhla gus an robh e tiugh agus steigeach. An uair sin, dh’obraich sinn ann am buidhnean airson dealbhan mòra den ghealach a chruthachadh.

Seall cho mìorbhaileach ‘s a tha iad!

C2F – 26.04.18

An diugh, thàinig ar caraidean ann an clas 5 a-steach a chèilidh oirnn ‘s obraich sinn còmhla riutha air ar leabhraichean leughaidh. Tha sinn a’ leughadh ‘Montaidh aig an tràigh’ an dràsta. Dh’ aontaich sinn gur e  am pàirt leis an t-siorc am pìos as fheàrr !

Ann am matamataigs, tha sinn air a bhith ag obair air arraighean a chrutachadh ‘s dh’ obraich sinn còmhla airson baile ùr a chruthachadh. Bha bhòt againn ‘s bha sinn ag iarraidh  an ainm ‘Baile Tocaidhdo’  a chur air.

Seo agaibh ‘Baile Tocaidhdo’.

Clas 2F – 20.04.18

Tha sinn air a bhith gu math trang ann an Clas 2F an t-seachdain seo le bhith tòiseachadh air deasachadh airson teirm ùr.

Litearrachd


Tha sinn a’ coimhead gu mionaideach air stòiridhean agus an t-seachdain seo, choimhead sinn air an leabhar ‘An Fhaochag agus a’ Mhuc-Mhara’ – abair gun do chòrd e rinn! Bhruidhinn sinn mun phrìomh phlota agus ar beachdan air an stòiridh. An uair sin, chruthaich sinn ‘striop comaig’ ann am buidheannean beaga airson sealltainn na thachair.

Matamataig


Chluich sinn geama ann am Matamataig far an robh feum againn innse dè an àireamh a bha gach dotag a’ riochdachadh agus chleachd sinn seo airson obrachadh a-mach dè bha air cùl gach comharra.

Pròiseact – Aimsir


Thòisich sinn ar pròiseact ùr an t-seachdain seo agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn na bha fhios againn mu thràth agus dè bha sinn ag iarraidh faighinn a-mach. Bha tòrr bheachdan sònraichte againn.

Slàinte agus Sunnd

Dh’ obraich sinn air ar sgilean motar ann am P.E. ‘s bha feum againn obrachadh aig diofar stèiseanan.

Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce | Bun-sgoil Taobh na Pàirce Blog

 

Fàilte gu Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce.  Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh uile sealladh fhaighinn air na tha sinn ag ionnsachadh.  | Welcome to Bun-sgoil Taobh na Pàirce Class Blogs.  We hope you will enjoy the learning snapshots we have to share with you.

Tha gach clas gus a bhith a’ cur ri chèile blog gach seachdain; feuch gun cùm sibh sùil air an làrach ùr airson na naidheachdan againn | Each class will be sharing a blog on a weekly basis; make sure you keep an eye on our website to stay up to date.