Cuspar – C2T An-Diugh agus An-Dé

B’ e An-diugh agus An-dè am pròiseact a bh’ aig clas 2 an teirm seo. Bha sgoilearn ag ionnsachadh mu dheidhinn sgoiltean bho chionn fhada. Chord e riutha ionnsachadh mu dheidhinn coltas na seann seòmraichean teagasg agus mar a bha iad ag ionnsachadh as aonais teicneòlas, dealan agus nithean eile a tha cumanta an-diugh!

Bha uabhas orra ionnsachadh gum biodh aig suas ri coighnear chloinne ri suidhe air beingean a chaidh an dèanamh airson dithis! Dh’fheuch iad fhèin an uairsin ri obrachadh aig bòrd far an robh tòrr chloinne nan suidhe!