Clas 2B a’sealltainn urram do ar sgoil

An t-seachdain seo, rinn sinn stèiseanan ann an spòrs. Bha sinn ag ullachadh airson an Latha Spòrs a th’ againn an ath-sheachdain. Rinn sinn hocaidh, ball-coise agus rèis le poca-ponair air ar cinn.

Bhruidhinn sinn mu dheidhinn luachan na sgoile agus smaoinich sinn mu dheidhinn mar a bhios sinn gan cleachdadh anns a’ chlas. Rinn sinn postair a’ sealltainn Clas 2B – na rudan agus na daoine a th’ ann agus na luachan a th’ ann cuideachd.

Ann an sgrìobhadh, tha sinn gu bhith deiseil le ar sgeulachdan seunta. An t-seachdain seo, chuir sinn ar caractaran, ar suidhaidheachan agus ar trustar ri chèile airson plana an sgeulachd a chruathachadh. Rinn sinn dealbhan a’ sealltainn “beinn na sgeulachd” agus cleachdaidh sinn sin an ath-sheachdain airson ar sgeulachdan a sgrìobhadh.

Tìoraidh an-dràsta,

Clas 2B

C2B aig Sgoil Bhictòireanach

Feasgar Diciadain, thionndadh an clas againn gu bhith na chlas Bhictòireanach. Aig toiseach an fheasgar, rinn sinn dà loidhne – aon airson na balaich agus fear eile airson na nigheanan. Nuair a thàinig sinn a-steach dhan t-seòmar bha na buird agus na seathraichean ann an loidheachan cuideachd, le beàrn sa mheadhan, eadar na balaich agus na nigheanan.

Shuidh sinn anns na loidhneachan agus bha na nigheanan agus na balaich sgaipte bho chèile. Rinn sinn làmh-sgrìobhadh air buird dubha agus dh’ionnsaich sinn an clàran uiread dhà. Dh’fheumadh sinn a bhith gu math sàmhach.

An uair sin chaidh sinn a-mach, ann an dà loidhne. Chluich sinn geamannan eadar-dhealaichte. Chluich na balaich le marbharan agus chluich na nigheanan hopscotch. Chan fhaodadh sinn cluich còmhla ri chèile idir.

As dèidh làimh thàinig sinn air ais dhan chlas airson snac a ghabhail. Dh’ith sinn briosgaidean dinnsear agus dh’òl sinn deoch liomaid. Aig deireadh an latha thuirt sinn an ùrnaigh oidhche mus deach sinn dhachaigh.

Bha spòrs againn aig an sgoil Bhictòireanach. Chòrd snac feasgar ruinn gu h-àraidh.

Chun ath-sheachdain,

Clas 2B

C2B agus na caistealan

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn rud beag mu dheidhinn Caisteal Dhùn Èideann. Smaoinich sinn mu dheidhinn dè cho sabhailte ‘s a tha e, an caisteal a bhith air mullach bholcàno marbh. Chruthaich sinn caistealan dhuinn fhèin.

Anns a’ chlas spòrs, dh’fheuch sinn ruith cho luath ‘s urrainn dhuinn – a’ dèanamh “sprint”. Bha rèiseannan againn, agus dh’fheuch sinn relay cuideachd. Bha e doirbh ar sgioba fhèin a lorg!!

Airson leughadh an t-seachdain seo, rinn sinn comais eadar dà sgeulachd. Smaoinich sinn mu dheidhinn na caractaran, suidheachaidhean agus am plota agus dh’fhaighnich sinn a bheil iad coltach no eu-coltach ri chèile?

Tìoraidh,

Clas 2B

C2B a’ dol air ais do Linn Bhictòria

An t-seachdain seo, choimhead sinn ri deideigean bho Linn Bhictòria agus bhon latha tha an-diugh. An uair sin, bhruidhinn sinn mu dheidhinn an diofar eadar na rudan a tha sinn ag iarraidh agus na rudan a dh’fheumas sinn. Tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil feum againn air airgead, baighseadhal, adhar glan agus uisge agus tha sinn ag iarraidh amar snàimh sa gharradh, t.bh. agus aodach spaideil.

Bha sinn a’ leum a-rithist sa chlas spòrs ach an uair sin bha sinn a’ dèanamh leumanan diofraichte – an leum trìbilte , an leum fada agus an leum àrd. Chluich sinn an geama “Jack in the Box tig” airson blàthachadh an àrda.

Ann an matamataig tha sinn fhathast ag obair le airgead. An t-seachdain seo, smaoinich sinn mu dè thachaireadh nan toireadh tu tòrr airgead don bhùth agus dh’obairich sinn a-mach dè na dh’airgid a gheibheadh sinn air ais . Chluich sinn geama airson dealbh de na h-Eich Uisge (Kelpies) a lorg. Bha e spòrsail!

Tìoraidh,

Clas 2B 🙂

Clas 2B a’ leum

An t-seachdain seo, chluich sinn geamannan air a’ bhord geal. Leugh sinn faclan cumanta airson dealbhan a lorg.

Dh’ionnsaigh sinn mu dheidhinn airgead. Dh’ionnsaigh sinn mu na diofar bhuinn airgid, chuir sinn iad ann an ordugh agus chuir sinn iad ri cheile airson cur ris a dhèanamh.

Bhruidhinn sinn mu dheidhinn dealan anns a’ chlas, cuspair na seachdain seo. Rinn sinn dealbhan de ar taighean agus chuir sinn dath air na rudan a tha a’ cleachdadh dealan.

Ann an spòrs bha sinn a’ leum!! Smaoinich sinn mu dheidhinn mar a bhios sinn a’ leum airson leum fada a dhèanamh. Dh’fheuch sinn an triple jump a dhèanamh. An uair sin, choimhead sinn air bhidìo de na leumannan aig na geamannan Oilimpigeach. Leum iad gu math fada!!

Tìoraidh an-dràsta,

Clas 2B

Clas 2B a’ dol dhan Tìr Sheunta

An t-seachdain seo ann an Clas 2B, chruthaich sinn tìr seunta. Rinn sinn mapaichean den tìr againn fhèin agus chuir sinn caistealain, dràgonan agus beanntan orra. Sgrìobh sinn fo-thiotalan airson ar mapaichean cuideachd. Smaoinich sinn mu dheidhinn càite am bi na rudan anns an tìr seo, dè na cumaidhean a bhios air an tìr, agus an e tìr dòigheil no tìr eagalach a th’ ann.  Anns na seachdainean a tha romhainn, bi sinn a’ sgrìobhadh sgeulachdan a tha suidhichte san tìr seunta seo.

      

Ann am matamataig, thòisich sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn airgead. Sheall sinn air airgead na h-Alba agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn na buinn a th’ againn an seo. Dh’fheuch sinn cur ris agus thoir air falbh a dhèanamh le buinn ann an doighean eadar-dhealaichte.

Chùm sinn oirnn le ar cuspair mu Linn Bhictòria. An t-seachdain seo, bhruidhinn sinn mu dheidhinn an sgoil Bhictòrianach, agus cho eadar-dhealaichte ‘s a bha e. Bha na peanasan gu math inntinneach agus dh’fheuch sinn ri suidhe  gu dlùth air seathaireachain, mar a rinn aig an àm sin.

   

Deagh deireadh seachdain fada dhuibh,

Clas 2B.

 

Fàilte air ais!

An t-seachdain seo thòisich sinn an teirm mu dheireadh againn ann an Clas 2B. Chòrd na saor làithean ruinn agus roinn sinn ar naidheachd mu dheidhinn na rinn sinn anns a’ chlas.

Chrìochnaich sinn ar dealbhan de dhràgonan airson co-fharpais a’ Ghalaraidh Nàiseanta. Chuir sinn dath orra agus ghlaoidh sinn rudan orra airson inneach inntinneach a chruathachadh. Chòrd an cuspair sgrìobhaidh sinn ruinn agus tha sinn deiseil airson a’ chuspair bheag ùr a tha a’ tighinn an ath sheachdain.

 Related image

Thòisich sinn air cuspair ùr an t-seachdain seo cuideachd. Bidh sinn ag ionnsachadh mu bheatha cloinne aig àm na Bhictòireanaich. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na rudan a tha fhathast againne bhon ùair sin agus mu dheidhinn na rudan a tha eadar-dhealaichte cuideachd, mar eisimplear cha robh càraichean aca aig an àm sin, bha iad a’ siubhal air carbadan-eich.

Tioraidh an-dràsta,

Clas 2B