Turas agus partaidh aig Clas 2G

Chaidh sinn air turas dhan temple Sikh- an Gurdwara. Dh’ ionnsaich sinn tòrr mu dheidhinn na rudan a tha iad a’ creideamh.

Aig cruinneachadh, bha cuid a’ dol suas air an àrd-ùrlar airson bhruidhinn mu dheidhinn na dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn mearachdan. 

Fhuair sinn uile gu buidhe,airson a bhith a suidhe snog, ag èisteachd agus a bhith modhail.

Bha partaidh againn as deidh àm cluiche airson lìonadh am pom pom jar. Chur sinn còmhdach-siùcair air cèicean. ‘S math a rinn sinn!

Dèan rudeigin mìorbhaileach le do mhearachdan!

An t-seachdain seo ann am matamataig, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith a’ leughadh gleog le Dr Jones. Cuideachd, bha sinn a’ cunntadh ann an 5an agus dh’fhàs sinn nas luaithe air a bhith a’ cur-ris gu 10. Seall na geamanan a rinn sinn!

Bhruidhinn sinn mu dheidhinn uair a rinn sinn mearachd- tha sinn uile air mearachdan a dhèanamh agus tha sin OK! Bhruidhinn sinn mu dheidhinn dè is urrainn dhuinn ionnsachadh bho na mearachdan againn agus ‘s docha an cleachdadh gus rudeigin mìorbhaileach a dhèanamh! Choimhead sinn bhideo mu dheidhinn an leabhar ‘Beautiful Oops’. 

Rinn sinn bùrach mòr le peant, agus bha tòrr spòrs againn! An uair sin, chruthaich sinn rudeigin mìorbhaileach! Seall dè rinn sinn.

Mu dheireadh, thagh sinn uile pìos obarach a bha sinn moiteil às agus chuir sinn suas air a’ bhalla iad- balla ‘Ar Sàr Obair’. Tha sinn air tòrr obair sgoinneil a dhèanamh, mar sin bha e doirbh taghadh!

Seall an sgrìobhadh sgoinneil againn!

Chùm sinn oirnn le roinn. Tha sinn fhathast ag obair air a seo- tha e fhathast rud beag doirbh.

Rinn sinn dràma mu dheidhinn riarachadh. Chuidich C4 sinn.

Rinn sinn sgrìobhadh leinn fhìn airson a’ chiad uair. Seall na sgeulachdan sgoinneil againn. Bha sinn gu math moiteil às an obair a rinn sinn. 

Seachdain làn roinneadh agus smoothies!

Ann an àireamhachd/matamataig, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn roinneadh. 

Ann am fonaigs, dh’ionnsaich sinn fuaimean ùra. Dh’ionnsaich sinn bl, gl agus cl. Sgrìobh sinn faclan le na fuaimean seo nar leabhar mòr fonaigs.

Rinn sinn smoothies air Diluain. Sgrìobh sinn stùireadh sìmplidh airson na smoothies. 

Seachdain trang aig 2G- 3.12.18

Ann an àireamhachd, bha sinn ag ionnsachadh ma tha fhios againn air aon sum, tha fhios againn air ceithir! Seall air na taighean a rinn sinn airson shealltainn diofar teaghlaich àireimh.

Ann an litearrachd, chleachd sinn faclair airson a chiad turas agus sgrìobh sinn faclan anns an leabhar mòr fonaigs againn.

Chleachd sinn mapaichean gus an t-sìde innse. Chleachd sinn an iPad airson fiolmadh e. ‘S docha gun fhaigh sinn obair air BBC Alba aon latha!

Rinn sinn torr seinn, a’ dèanamh practis airson an Nativity.

Ann an spòrs, cur sinn crìoch air lùth-chleasachd and bha sinn uile a dol tharis air an vault.

Nach sinne a bha trang!