Blog ùr do c5C

Gu h-inntinneach ann am Faclan Caillte tha sinn a’ dèanamh faclan caillte cuideachd bha sinn a’ dèanamh nòtaichean de na h-eòin a bha uabhasach inntinneach agus bha e spòrsail. Cuideachd bha sinn a’ leughadh stòridh ma dheidhinn a’ chorra-ghritheach gu h-èibhinn leugh sinn e mar ceud turas.

Gu h-iongantach ann an ealain bha sinn a’ dèanamh doirbeagan mìorbhaileach deàrrsaidh le sin bha sinn a’ sgapadh iad mun cuairt a’ chlas. Cò a chreideadh gu bheil doirbeagan cho meanbh gun urrainn dhaibh a dhol nad làimh gu h-inntinneach tha iad ainmeil airson na stiallan aca.

Gu h-inntinneach tha buddies againn bho C2T cuideachd tha iad cho luatha ris a’ ghaoith!  Gu snog bi iad gu math èibhinn, uaireanan bi iad a’ teagasg dhuinn rudan ùra mar geamanan agus cleasan le pàipear. Gu h-èibhinn tha iad uile uabhasach tutagail.

Cò a chreideadh gur e latha latha breith a’ Bh-uas Croall a th’ ann an-diugh, tha tòrr dhaoine, gu fithealaidh air a thoirt càirtean agus preasantan sgoinneil coibhneil dhi.

 

 

       

Seachdainn Saoghal Obrach ann an Clas 2

An t-seachdainn sa chaidh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn obair dhaoine eile mar phàirt den phròiseact againn, ‘Saoghal Obrach’.

Thàinig A’ Bh-Uas NicThòmais a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair inntinneach mar neach-naidheachd. Dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn ag innse sgeulachdan le dealbhan.

Thàinig A’ Bh-Uas Pooley a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair a’ teagasg Iapanais do dh’inbhich. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn cultar Iapanach agus facal neo dhà ann an Iapanais.

 

 

Thàinig Nurs Firth a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann an ospadal. Dh’ ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cur bann cheart oirnn nuair a tha sinn air ar goirteachadh agus cuideachd, chleachd sinn steatascop airson èisteachd ri ar crìdhean.

 

 

 

Thàinig A’ Bh-Uas Bryson a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann am bùth comaig. Bha tòrr dheilbh aice mu dhiofar ghaisgich agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ‘manga’.

 

Thàinig ‘Dotair Crumbles’ a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair mar chleasaiche ann an ospadalan. Abair gun robh i èibhinn!

 

 

 

Thàinig A’ Mhgr MacThòmaiss a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn obair mar fhiaclair. Sheall e dhuinn diofar dhealbhan de ghathan-x agus dh’innis e dhuinn mar a tha sinn a’ coimhead as dèidh ar fiaclan.

Tapadh leibh dhan a h-uile duine a thàinig!

C2T – Matamataig

Rinn sinn matamataig a-muigh. Bha sinn a’ dèanamh ath-sgrùdadh air cur ris agus thoir air falbh le àireamhan suas gu 100. Bha sinn a’ cunntadh ann an deichean (10) cuideachd.

   

Thòisich sinn air bloighean. Dh’ionnsaich sinn mu chumaidhean slàn, lethan ( ½ ) agus cairtealan ( ¼ ). Rinn sinn piotsa blasta!

        

Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce | Bun-sgoil Taobh na Pàirce Blog

 

Fàilte gu Blog Bun-sgoil Taobh na Pàirce.  Tha sinn an dòchas gun còrd e ribh uile sealladh fhaighinn air na tha sinn ag ionnsachadh.  | Welcome to Bun-sgoil Taobh na Pàirce Class Blogs.  We hope you will enjoy the learning snapshots we have to share with you.

Tha gach clas gus a bhith a’ cur ri chèile blog gach seachdain; feuch gun cùm sibh sùil air an làrach ùr airson na naidheachdan againn | Each class will be sharing a blog on a weekly basis; make sure you keep an eye on our website to stay up to date.