20.11.20

Halò,

Deireadh seachdain eile.

Seall na tha sinn air a bhith a’ dèanamh:

Litearrachd

Tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le bhith a’ cruthachadh charactaran. An t-seachdain-sa dh’èist sin  ris an t-oran seo: Congrineo.

‘S ann mu dheidhinn luchag bheag a tha e. Rinn sinn dealbh de Chongrinero agus mhìnich sinn e le bhith a’ cleachdadh buadhairean. m.e   Beag, glas, mòr, biorach, fada…

Matamataig

Dh’obraich sinn air a bhith a’ toirt air falbh. Chleachd sinn loidhne-àireimh, sumaichean similearan agus deichean/aonadan airson ar cuideachadh.

Ann an ionnsachadh a-muigh, dh’ionnsaich sinn mu mheatairean. Thoimhais sinn rudan a bha faisg air meatair, nas giora na meatair agus nas fhaide na meatair.

Nithean Eile:

Slàinte agus sunnd: bhruidhinn sinn mu dheidhinn a bhith nar deagh charaidean. Bha ubhal aig a Bh. Uas Buxton agus leig i e air an lar nuair a thuirt i rudan grànda. Bha coltas gun robh an ubhal ceart gu leòr ach bha e bog (goirt) agus donn air an taobh a-staigh. Dh’ionnsaich sinn nach eile h-uile duine an comhnaidh ceart gu leòr ged a tha coltas orra gu bheil.

Ann an cruinneachadh, leugh a’ Bh. Uas. NicPhàil sgeulachd dhuinn mu deidhinn Diwali agus rinn sinn ealain anns a’ chlas:

Gabh deagh deireadh sheachdain 🙂

Seachdain 2 agus a bhith air ais san sgoil!

Halò!

Tha cola-deug trang air a bhith again air ais an deidh laithean-saora an Damhair.

Litearrachd

Tha sinn air a bhith ag obair air ar Faclan Cumanta. Rinn sinn sgrìobhadh lubach agus dathach. Chluich sinn hangman cuideachd.

Dh’ionnsaich sinn rann ùr:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu bhuadhairean. Dh’èist sinn ris an òran ‘Am Bodach Beag Annasach’. Rinn sinn dealbh dheth agus sgrìobh sinn rosg-rannan mu dheidhinn cò ris a bha e coltach.

Seo sinn a’ cruthachadh am bodach fhad ‘s a tha sinn ag èisteachd ris an oran.

Maths

Ann am maths, tha sinn air a bhith ag obair air cuir ris. Choimhead sinn air diofar dhoighean gus na freagairtean fhaighinn: dublachadh, faisge air dublachadh, loidhne àireamh falamh agus mar suim simileir.

Cuideachd choimhead sinn air faid’ neo-stanndard ann an ionnsachadh a-muigh:

Thomhais sinn uile na h-aon rudan ach fhuair sinn àireamhan diofraichte?!

Rudan Eile

Bha ceòl againn le a Bh’ uas Phi. Bha torr spòrs againn. Seall seo:

IMG_2612

Slainte agus Sunnd:

Bha sinn ag ionnsachadh mar a bhios sinn nar dheagh charaidean. Chord an leabhar seo rinn.

An t-seachdain sa chaidh sgeadaich sinn an clas airson partaidh Oidhche    Shamhna. Bha tòrr spòrs againn a’ dannsa, a’ deanamh ìoga agus a’ cluich geamanan.

Rinn sinn pios ealain airson oidhche na teine mora:

Gabh deagh dheireadh sheachdain!

🙂

Deireadh Teirm 1 – Laithean Saora an Damhair!

Halo a h-uile duine! Seo dhuibh iomradh beag air na tha sinn air a bhith dèanamh anns na beagan sheachdainean a dh’fhalbh.

Maths:

Ann am maths, tha sinn air a bhith ag obair air dùblachadh agus cumaidhean. Tha sinn air geamaichean a chluich, ionnsachadh a-muigh a dhèanamh agus duilleagan-obrach a dhèanamh.

Seo sinn a-muigh a’ lorg agus a’ togail dhealbhan a-mach à stuth nàdarrach.

Agus seo eisimpleir de dhealbhan a chruthaich sinn de dhìneasar a-mach à cruthan 2sh.

Litearrachd

Ann an litearrachd, tha sinn air a bhith a’ cumail oirnn le bhith a’ sgrìobhadh agus a’ leughadh ar faclan cumanta:

Tha sinn cuideachd air a bhith ag ionnsachadh mar a sgrìobhas sinn litir le bhith cleachadh cromagan, loidhnichean ùra, gu agus bho. Chleachd sinn an leabhar ‘Nì siud a chùis thuirt Na creidheanan’ airson ar brosnachadh.

Leugh sinn stoiridh èibhinn leis an ainm: Dè an t-ainm a th’ ort? Rinn  sinn tòrr gàireachdainn agus dh’ionnsaich sinn mu bheathaichean annasach!

 

Topaic:

Ann an topaic tha sinn air tuilleadh ionnsachadh mu ar coimhearsnachd. An t-seachdain-sa chaidh rinn sinn deasbad mu ‘tramaichean: math no dona’ ann an Lìte. Bha deagh bheachdan aig gach taobh! Chuir sinn oirnn gun robh sinn ann am Parlamaid

An t-seachdain-sa, rinn sinn modaileadh à sgudal agus thog sinn an Royal Yacht Britannia:

Slainte agus Sunnd

Tha sinn air a bhith beagan nas sgìth sna madainean ‘s mar sin, tha sinn air beagan ioga a dhèanamh airson ar dusgadh:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu bheachd-inntinn fàis anns a’ chlas agus ann an cruinneachadh. Tha fios againn gum bi rudan ùr doirbh an toiseach, ach ma chùmas sinn oirnn nì sinn a’ chùis! Smaoinich sinn air rudan a bha doirbh no eagallach dhuinn aig toiseach an teirm agus mar a tha sinn nas misneachail leotha a-nis:

Tha sinn an-dòchas gum bi deagh laithean-saora agaibh uile! 🙂

25.9.20

Halò!

Deireadh seachdain trang eile!

An t-seachdain seo thòisich sinn topaic ùr: Ar Coimhearsnachd – Lìte. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn na bha sin eòlach air mar-tha, na bha sinn airson ionnsachadh agus mar a dh’ionnsaicheas sinn e.

Air Dimàirt, chaidh sinn air chuairt gu Uisge Lìte agus dhan Chladach. Bha tòrr spòrs againn. Chunnaic sinn tunnagan, radain, acair mòr agus eala bhàn. Seo sinn:

Nuair a thill sinn, rinn sinn sgeidse peansail de shealladh bhon chladach:

Maths:

Tron t-seachdain, dh’obraich sinn air cuir-ris le bhith cleachdadh diofar ro-innleachdan. Cuideachd, rinn sinn barrachd obair air stiuiridhean nuair a chaidh sinn a-mach dhan raon-chluiche. Chluich sinn geama stiuiridhean agus chruthaich sinn cuartan. Seall:

   

Litearrachd:

Sgrìobh sinn leabhar-latha mu ar cuairt  Dimàirt, ag innse na chunnaic sinn agus na bha sinn a’ smaoineachadh / a’ faireachdainn.

Tiorraidh an-dràst’!

18.9.20: Gu ruige seo!

Madainn mhath! Tha sinn air a bhith ag obair uabhasach trang ann an clas 3B agus tha sinn airson innse dhuibh cuid den ionnsachadh inntinneach a tha sinn air a bhith a’ dèanamh gu ruige seo.

Maths:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh:

-Luach a rèir àite: aonadan, deichean agus ceudan. (+ mìltean)

-A’ cunntadh ann an 5an agus 10an

-Slighes-stiùiridh (deas, clì, air adhart, air ais, suas is sìos) agus co-chomharran. Fhad ‘s a bha sinn ag ionnsachadh mu co-chomharran chuidich sinn an spùinneadair a’ lorg na rudan aige a bha a dhìth.

Litearrachd:

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ar faclan cumanta.

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a sgrìobhas sinn leabhar-latha. Tha sinn air ceithir  leabhraichean-latha eadar-dhealaichte a sgrìobhadh le fòcas air faireachdainn, smuaintean, taisbeanadh agus litrichean mora /puingean stad.

Nithean eile:

Ann an Topaic tha sinn air a bhith a’ coimhead air leabhraichean Julia Donaldson:

Rinn sinn caractaran bhon Ghruffalo a-mach à stuthan nàdarra anns an raon-cluiche.

Tha sinn cuideachd air beagan peantadh a dhèanamh. Thug sinn sùil air a bhith a’ dealbhadh dol fogha na ghreine  le brosnachadh bhon leabhar An Fhaochag agus a ’ Mhuc-mhara.

Cuideachd rinn sinn beagan ealain le peant dath-uisge agus crèidheanan. Rinn sinn dealbh den fhaochag le patrain air an t-slige.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bhith sàbhailte faisg air uisge agus an uairsin rinn sinn muir-tèachd. Dh’ionnsaich sinn cuideachd mu bhith fleòdadh agus a’ dol fodha fhad ’s a bha sinn a’ dèanamh ar muir-thèachd:

Abair torr obair!

Tioraidh an-drasta,

C3B

22.6.20 Cuairt-dànachd Innse Gall C1-3/Hebridean Adventure C1-3

Gabh cuairt timcheall na h-eileanan an t-seachdain seo. Tha gu leòr ri fhaicinn agus ri dhèanamh. Dèan cuirm-chnuic le pònaidh air Èirisgeigh? Ionnsaich mu dhineosairean san Eilean Sgitheanach? Cruthaich fear-tàileisg Leòdhais?   Seall an obair agad le bhith ga phostadh air Irisean Ionnsachaidh. Deagh thuras dhuibh!

Take a trip round the Hebrides this week.  There is plenty to see and do.  Have a picnic with a pony on Eriskay? Learn about dinosaurs on Skye?  Make a Lewis chessman?  You can show off what do have done by posting it on Learning Journals.  Have a great trip!

C1-3 Adventure Grid

C3C – leabhran eadar-ghluasaid / transition booklet

Seo beagan fiosrachaidh dhuibh mu dheidhinn cò ris a tha sinn an dùil a  bhios an sgoil coltach an dèidh saor-laithean an t-samhraidh.  Tha cùisean ag atharrachadh fad na h-ùine ged-tà.  Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh nuair a thig e thugainn!

The following booklet gives some information about what we expect school will be like for pupils after the summer holidays.  However, as you are aware, the situation is ever-changing.  We will share any updates with you as we receive them.

C3C a’tilleadh dhan sgoil

C3C return to school

 

[C3C 18.06.20 – Latha eadar-ghluasaid]

Fàilte gu C3!

Is mise a’ Bh-uas Croall agus tha mi cho toilichte ri ràdh gur mise an tidsear agaibh ann an C3! Abair latha gu bhith againn còmla an-diugh.  Tha mi air bhioran a bhith còmhla ruibh!  Coimhead air a’ bhidio gu h-ìosal gus faic thu an t-seòmar a bhios againn ann an Lùnasdal!

Welcome to C3!  My name is Mrs Croall and I am delighted to say that I will be your teacher in C3.  What a lovely day we’re going to have.  I am so excited to be with you.  Take a look at the wee video here and you’ll see the room we’ll be in come August.

Cuideachd, air a’ phdf a tha seo, chi sibh gu bheil trì gnìomhan goirid ann ri dhèanamh, coimhead air a’ bhidio eile gus cluinn sibh an sgeulachd.

On the pdf here you’ll see that there’s three activities for you to participate in today.  Have a look at the video to hear the story.

Fàilte gu C3C Latha eadar-ghluasaid 2020

Tha mi a’ guidhe deagh latha dhuibh C3 agus a’ dèanamh fiughar mhòr gus eòlas fhaighinn oirbh.  Cha bhi e fada gus am bi sinn còmhla!

Wishing you a lovely day C3, I can’t wait to get to know you all.  It won’t be long until we are together.

Le meas mòr,

a’ Bh-uas Croall