3F – 18.01.19

An t-seachdainn seo, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ tomhas le ceudameutair (cm). An toiseach, rinn sinn boiteagan a’ cleachdadh plastaisin airson sealltainn gach cm. An uair sin, dh’obraich sinn le caraid airson obrachadh a-mach am meud a th’ aig diofar phàirtean den bhodhaig.

Mar phàirt den phròiseact againn, fhuair sinn a-mach dè bh’ ann an sreath-bhìdh. A bharrachd air sin, dh’ionnsaich sinn mar a tha lusan a’ fàs agus rinn sinn na lusan againn fhèin. Bidh sinn a’ cumail sùil mhionaideach orra thairis air na seachdainnean ri tighinn.

Mu dheireadh, thàinig A’ Bh-Uas Cotter a chèilidh oirnn ’s rinn sinn ceòl còmhla rithe. Abair gun robh e sgionneil! Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ruitheam agus mar a tha sinn ga chumail ann an òran.

Clas 3F – 11.01.19

Chluich sinn geama far am feumadh sinn innse dà fhìrinn agus aon bhreug mu dheidhinn na thachair sna saor-làithean againn. Abair gun robh e spòrsail!

Ionnsaich sinn dè bh’ ann an Amas na Bliadhna Ùire agus chruthaich sinn na feadhainn againn fhèin.

Cuideachd, chruthaich sinn liosta a bha a’ sealltainn na rudan a bha sinn ag iarraidh fhaicinn nas trice am bliadhna, agus na rudan nach robh sinn ag iarraidh fhaicinn.

Thòisich sinn air pròiseact ùr –Biadh. An toiseach, bhruidhinn sinn mu dheidhinn na rudan air an robh fios againn mu thràth  agus na rudan a bha sinn airson ionnsachadh sa phròiseact. An uair sin, chruthaich sinn postairean a bha a’ sealltainn am biadh as fheàrr leinn.

mapa-inntinn

Mu dheireadh, dh’obraich sinn còmhla airson an tidsear a chuideachadh le bhith ag atharrachadh na bùird. Chruthaich sinn plana bho sealladh na h-eòin a bha sealltainn far an robh sinne ag iarraidh na bùird.

Pròiseact – ‘Fàs’ a’ tighinn gu Clas 3

Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil an companaidh Imaginate gu bhith ag obrachadh còmhla ri sgoilearan C3 an teirm seo.  Tha Rona Dhòmhnallach, cleasaiche à Uibhist a Deas gu bhith an sàs anns a’ phròiseact.

We are delighted that creative producer Rona MacDonald will work with both P3 classes every Friday until February 2019.  She will looking at migration and work with the classes to create a piece of movement and live performance.  This will then be shared with our community in early 2019.

Below is a link to an article that the Evening News posted this week:

https://www.edinburghnews.scotsman.com/our-region/edinburgh/rona-putting-gaelic-pupils-in-the-picture-1-4792464