C3S ST 30.11.20

Halo,

Seall na bha sinn a’ deanamh an t-sheachdain sa:

Matamataig

Dh’ionnsaich sinn uiread a 10.

Slàint’ ‘s Sunnd

‘S e latha àlainn a bh’ann agus chaidh sinn a-muigh airson dealbhan de craobhan a dhèanamh. Bha sinn sàmhach agus fhad sa bha sinn ag obair, smaoinich sinn air na bha sinn a’ faicinn agus a’ cluinntinn agus mar a bha sinn a’ faireachdainn.

Eile

Chleachd sinn dathan fuar airson dealbhan de cinn-fiona a chruthachadh.

Thionndaidh sinn ar doras gu miosachan na Nollaig!

 

Tha sinn ag ionnsachadh rann agus danns airson na Nollaig. An urrainn dhut practas a dhèanamh air aig an taigh?

https://www.youtube.com/watch?v=QkPnAnrHc2I

Tioraidh an dràst’!

ST 23.11.20

Feasgar math,

Seall na bha sinn a’ dèanamh an t-seachdain sa.

Litreachas

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn structar sgeulachdan. Leugh sinn Goldilocks agus ath-dh’ inns sinn an sgeulachd le bhith toiseachadh gach seantsans ann an doigh eadar-dhealaichte.  Chòrd na leabhraichean mòra rinn.

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn teaglachan àireamhan. Chluich sinn geama math le cairtean.

Rinn sinn dealbhan de cù, àradh, nathair agus sìthean eadar 1m agus 5m. Chleachd sinn maide meatair.

Cuspair

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn Hinduthachd. Chruthaich sinn pàtran Rangoli agus rinn sinn pupaidean airson an sgeulachd Rama agus Sita a ath-dh’inns.

 

Eile

Bha tòrr tidsearan san chlas air Dihaoine! Thog sinn airgead airson ‘Macmillan Cancer Support’.

C3S S.T 16.11.20

Hallo,

Seall air cho trang ‘s a bha C3S an t-seachdain-sa.

Litreachas

Chleachd sinn snàth airson ar falcan cumanta  sgrìobhadh.

Cuideachd, chluich sinn geama ‘snap’ airson ar faclan cumanta a leughadh.

Dh’èist sinn ri Congrinero airson ionnsachadh mu dheidhinn buadhairean. Èist ris an seo!

Matamataig

Tha sinn air a bhith a’ tomhais rudan san raon-chluich a tha faisg air meatair, nas fhaide na meatair agus nas giorra na meatair. Chleachd sinn maide meatair airson faicinn an robh sinn ceart. Dh’fhàs sinn rud fluich, ach bha e spòrsail!

Nithean Eile

Bha sinn toilichte na iPads fhaighinn. Bha sinn ag obair air ‘log-in’.

Cuspair

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn forsaichean.

Chruthaich sinn geama a’ cleachdadh forsaichean put, slaod agus tionnaidh.

Choimhead sinn airson rudan a tha magnetigeach sa chlas.

Rinn sinn dealbhan de na lorg sinn:

Chruthaich sinn “maze” airson cliop-pàipear agus magnet:

Abair seachdain spòrsail! Tioraidh an-dràst!

C3S S.T. 2.11.20

Tha sinn air a bhith trang an t-seachdain sa.

Cuspair

Thòisich sinn ar cuspair ùr- forsaichean. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn rudan a bhios a’ roiligeadh, sleamhnachadh agus bocadaich.

Matamataig

Bha sinn a’ tomhais rudan san raon-chluich ann an dòighean neo-fhiormail. Chleachd sinn pinn, blocaichean, làmhan agus ciùban.

Litreachas

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn buadhairean. Dh’èist  sinn ris a t-òran ‘Am Bodach Beag Annasach’, agus rinn sinn dealbhan dhe. Sgrìobh sinn seantans ag innse cò ris a tha e  coltach cuideachd.

Èist ris an t-òran an seo

Ealain

Seall air na dealbhan sgoinneil a rinn sinn de chleasan teine!

  1. Chuir sinn dath air càirt le pasdailean

2. Pheant sinn air an uachdair le peant dubh agus glaodh PVA

3. Sgrìob sinn dheth pàirt den pheant airson dealbh miorbhailleach a chruthachadh.

C3S S.T. 28.09.20

Halo,

An t-seachdainn sa, thoisich sinn a’ deanamh obair bhon leabhar teacs Matamataig anns na deotairean againn.

Bha sinn cho toilichte gu robh Ceol againn comhla ri A’ Bh-Uas Fee feasgar Diardaoin.

Abair spòrs an t-sheachdain sa!

Bho,

C3S

[C3S] S.T 21.09.20

Thòisich sinn ar cuspair ùr mu dheidhinn ar coimhearsneachd- Lìte.

Chaidh sinn air turas gu Abhainn Lìte agus Cladach Lìte. Chunnaic sinn taighean, bùthan, tunnagan agus eala. Abair gu robh cuairt mhath againn!

Cuideachd, rinn sinn mapaichean de Lìte a-muigh le stuthan. An urrainn dhut Abhainn Lìte, an sgoil agus Pàirce Pilrig fhaicinn?

Clas 3S S.T 07.09.20 | W.B 07.09.20

Madainn mhath,

Leugh sinn an Fhaochag agus a’ Mhuc Mhara. Seall air na dealbhan alainn a pheant sinn.

Chluich sinn geamanan le cairtean airson ionnsachadh mu dheidhinn luach aite. Bha sinn a lorg na h-aireamhan as motha agus as lugha.

Tioraidh,

Clas 3S