3F – 01.02.19

Abair seachdain thrang! Dh’aontaich sinn uile gun robh sinn a’ faireachdainn sgìth an-diugh!

Ann am matamataig, thòisich sinn air ‘Dùbhlan nan Clàran Uiread’. An t-seachdain seo, thòisich sinn ag obair air na clàran 2, 5 agus 10. Mas urrainn dhuinn ceistean measgaichte a fhreagairt gu luath, gheibh sinn inbhe mar ‘Neach-eòlaiche nan Clàr’ agus bidh an tidsear a’ sgrìobhadh ar n-ainm air an àireamh. Tha tòrr spòrs air a bhith le seo is tha sinn air tòrr ath-sgrùdadh a dhèanamh.

Ann an cànan, rinn sinn tòrr ath-obarach air na fuaimean a dh’ionnsaich sinn an teirm seo. Le sin, chruthaich sinn ‘Gàrradh nam Fuaimean’ air a’ bhalla airson na fuaimean air a bheil sinn eòlach air a leughadh a chumail nar cuimhne!

Cuideachd, sgrìobh sinn bàrdachd a’ cleachdadh na Còig Mhothachaidhean, mar eisimpleir, sgrìobh cuideigin:
“Tha Mamaidh a’ faireachdainn bog
Tha Mamaidh a’ coimhead brèagha
Tha am fàileadh aig Mamaidh mar flùr
Tha am fuaim aig Mamaidh mar na h-eòin a’ seinn
Tha blas aig Mamaidh gu math milis”

Mu dheireadh, dh’fhosgail sinn Bùth Bìdh oir tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn airgid agus biadh. Tha tòrr spòrs air a bhith againn an seo!


C3N Seachdain a’ toiseachadh 21.01.19

Cànan – Fonaigs

An t-seachdain seo ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na fuaimean cr, br, dr, fl, gr.  Chluich sinn geamanan is dh’obraich sinn le caraid airson faclan ionnsachadh.

Pròiseact

Tha na lusan againn air a bhith a’ fàs cho àrd bhon a chuir sin iad.  An t-seachdain seo chruthaich sinn stuiridhean airson ciamar a bhitheas sinn a’ cur lusan.  Choimhead sinn air na lusan againn is thomhais sinn iad.  Tha sinn gu math toilichte gu bheil iad uile a’ fàs!

Matamataig

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air uiread agus airgead an t-seachdain seo.

Slàint is Sunnd

Chruthaich sinn postairean mu dheidhinn daoine ainmeil a bhitheadh a’ fàilligeadh grunnd tursan.  Dh’ionnsaich sinn gum bi a h-uile duine a’ deanamh mearachdan – fiù ‘s an tidsear!!!

Raibeart Burns

‘S e latha Raibeart Burns a th’ ann an-diugh agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bheatha agus suipeir Burns agus rinn sinne quiz air na IPADs mu dheidhinn dè dh’ionnsaich sinn mu Raibeart Burns.  Tha sinne air bhiorain airson latha Burns!

C3N – Seachdain a’ toiseachadh 14.01.18


Cànan

Tron dàrna teirm bha sinn ag ionnsachadh a bhith a’ cleachdadh fosglaidhean is ceanglaichean anns an sgrìobhadh againn. Ann an cànan an t-seachdain seo dh’ionnsaich sinn mu faclan mìorbhaileach a bhitheas sinn a cleachdadh.  An uairsin dh’fheuch sinn na faclan mìorbhaileach a chur anns an sgrìobhadh againn.

Matamataig

Bha sinn òrdachadh àireamhan is bha sinn a’ cluich geamanan uiread air na coimpuitairean.
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn airgead is bha sinn òrdachadh phrìsean airgead.

Ceòl

Thàinig Jackie bho NYCOS a-steach is dh’ionnsaich sinn òrain le tòrr ruitheaman. Bha sinn a’ cluich geamanan ruitheam cuideachd. Tha i a’ tilleadh an ath sheachdain airson tuilleadh spòrs.

Pròiseact

Ann am pròiseact bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn sreath-bìdh is ciamar a bhitheas plantaichean a’ fàs agus bha sinn cuideachd a’ deanamh na plantaichean againn fhèin.

Bogsa-Cluiche

Chaidh sinn dhan bhogsa-cluiche air Dimàirt is chaidh sinn thairis air na riaghailtean is an t-amas a bh’ againn airson an leasan. ‘B e sin a bhith còir is cuideachail ri chèile.  Is rinn sinn dìreach sin!


C3N – Seachdain a’ toiseachadh 09.01.19

Bliadhna Mhath Ùr!

Cànan

Tha sinn air a bhith gu math trang sa chiad seachdain airais san sgoil.  Bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn na h-amasan a tha sinn ag iarraidh adhartach am bliadhna agus sgrìobh sinn na h-amasan againn fhìn.  Seo feadhainn de na beachdan againn:”A’ cluich le caraidean ùra, A’ cluich an duiseal, A’ deanamh na soithichean còmhla ri na pàrantan agam, Ag ionnsachadh giotàr dealain, Ag èisteachd ri na tidsearan, A’ cluich guitar,A’ cocaireachd”

Pròiseact

Bha sinn a’ planadh am pròiseact ùr againn air biadh an t-seachdain seo.

Chruthaich sinn postairean mu dheidhinn am biadh as fheàrr leinn cuideachd.

Sinne a’ leughadh a-mach an liosta a chruthaich sinn.

Pròiseact – ‘Fàs’ a’ tighinn gu Clas 3

Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil an companaidh Imaginate gu bhith ag obrachadh còmhla ri sgoilearan C3 an teirm seo.  Tha Rona Dhòmhnallach, cleasaiche à Uibhist a Deas gu bhith an sàs anns a’ phròiseact.

We are delighted that creative producer Rona MacDonald will work with both P3 classes every Friday until February 2019.  She will looking at migration and work with the classes to create a piece of movement and live performance.  This will then be shared with our community in early 2019.

Below is a link to an article that the Evening News posted this week:

https://www.edinburghnews.scotsman.com/our-region/edinburgh/rona-putting-gaelic-pupils-in-the-picture-1-4792464

 

 

Partaidh le Piotsa Clas 3N

Gus soraidh slàn a thoirt air Clas 3 bha partaidh againn, le piotsa! Thàinig am piotsa thugainn – shuas an staidhre cuideachd, agus ’s e a bha blasta! Chord ee rinn gu mòr a bhith a’ suidhe còmhla agus a’ gabhail biadh còmhla mar chlas airson deireadh na bliadhna a chomharrachadh. Deagh shaor-làithean dhuibh uile!

C3T agus C3N – Dadaidh Dan ag ìnnse mun obair aige

Thàinig Dadaidh Dan a-steach a chèilidh oirnn agus sheall e diofar chlachan dhuinn agus dh’ìnnis e dè seòrsa obair a th’ aige.   ’S e geòlaiche a th’ ann.

Bha Dadaidh Dan air bàta agus bha e a’ rannsachadh agus a’ lorg diofar chreagan shònraichte bhon talamh fon mhuir.

’S e bhòlcano poll a tha seo – uisge salach a’ tighinn suas bhon talamh.

Thug Dadaidh Dan clachan annasach a-steach dhuinn agus bha cothrom againn an làimhseachadh.  Seo anorthosite no ‘moon rock’!

Seo ainmean iongantach nan clachan!

Bha an cothrom math seo a’ toirt oirnn a bhith a’ smaoineachadh air an t-seòrsa obair a bhiodh sinne ag iarraidh nuair a dh’fhàsas sinn suas.

 

 

 

Clas 3N – Na tha sinn air a bhith ris!

Tha seachdain air leth trang air a bhith aig Clas 3N mar as àbhaist.  Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu mar a tha sgrìobhadairean a’ cruthachadh stòiridhean; mar a tha iad a’ cruthachadh charactaran, suidheachaidhean agus mar a tha stòiridh a leantainn.  Leugh sinn earrann de stòiridh ùr mu Cheitidh Mòrag air an tràigh agus tha sinn air tòiseachadh air crìoch a chur air.  Abair beachdan inntinneach a tha air nochdadh airson ceum sgeulachd a leantainn le toiseach, meadhan, le duiligheadas agus deireadh le fuasgladh dhan duiligheadas.  Am measg na tha air tachairt anns na stòiridhean, tha faoileagan air nochdadh gus biadh a’ chuirm-chnuic ithe, agus an làn air tighinn a-staigh air muin ghnothaichean!  Tha sinn gus na sgeulachdan a chrìochnachadh an ath sheachdain – ma dh’fhaodte gum bidh cothrom again earann no dhà a sheàradh leibh an seo!

 

Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ri dà thuras sgoile thairis air na seachdainean a tha romhainn – gu Sgoil Pilrig Park airson taisbeanadh sàmhraidh agus gu Fèill Àiteachais Rìoghail na h-Alba ro dheireadh na teirm.  Cothrom air leth!  Bidh blog gu math inntinneach againn an uairsin!

Luchd Saidheans air Chuairt aig Taobh na Pàirce

Bha Clas 3N agus Clas 3T air leth fortnach madainn an-diugh.  Thàinig muinntir ‘Generation Science’ air chèilidh oirnn airson ‘Bricks and Blocks’ a shealltainn dhuinn.  Bha sinn ag ionnsachadh a bhith a’ còdadh le lego agus le laptop.

Bha sinn a’ toirt air robot lego a bhith na ‘ghòlaidh’. Dh’obraich sinn ann am pàidhir airson toirt air ròbot a bhith a’ faighinn greim air ball.  B’ fheudar dhuinn stiùireadh an ròbot a chur anns an ordan cheart.  Nuair a chuir sinn an stiùireadh dhan òrdan cheart, ghluais an ròbot gu ceart.

’S e madainn sònraichte math a bha againn agus chì sibh dealbhna gu h-ìosal a sheallas dhuibh na bha sinn ris.

Tha sinn uile a’ coimhead air adhart ri Fèill Sàmhraidh na sgoile feasgar an-diugh.  Tha latha grianach ann air a shon!