C3T agus C3N – Dadaidh Dan ag ìnnse mun obair aige

Thàinig Dadaidh Dan a-steach a chèilidh oirnn agus sheall e diofar chlachan dhuinn agus dh’ìnnis e dè seòrsa obair a th’ aige.   ’S e geòlaiche a th’ ann.

Bha Dadaidh Dan air bàta agus bha e a’ rannsachadh agus a’ lorg diofar chreagan shònraichte bhon talamh fon mhuir.

’S e bhòlcano poll a tha seo – uisge salach a’ tighinn suas bhon talamh.

Thug Dadaidh Dan clachan annasach a-steach dhuinn agus bha cothrom againn an làimhseachadh.  Seo anorthosite no ‘moon rock’!

Seo ainmean iongantach nan clachan!

Bha an cothrom math seo a’ toirt oirnn a bhith a’ smaoineachadh air an t-seòrsa obair a bhiodh sinne ag iarraidh nuair a dh’fhàsas sinn suas.

 

 

 

C3T

Bha sinn a’ cluich geama air a’ bhòrd-geal agus bha sinn a’ smaoineachadh air uiread. 

 

 

 

 

 

 

 

Seo sinne a’ dèanamh clàran uiread còmhla. 

 

Rinn sinn diagram Carroll, agus sheall sinn cho math ‘s a tha sinn ag obair còmhla. 

Bha sinn a’ dèanamh ionnsachadh a-muigh agus chleachd sinn cailc airson sealltainn dè tha sinn air a bhith ionnsachadh ann an àireamhachd, mar eisimpleir an ceangal eadar uiread agus roinneadh, bloighean agus loidhnichean-àireamhachd. 

Leugh sinn leabhraichean gu socair no nar cìnn aig aon de na stèiseannan litearrachd a bh’ againn. 

Sgrìobh sinn cuideachd le litricheachan ceangailte nar làimh-sgrìobhaidh as fheàrr, fhad ‘s a bha sinn ag obair air faclan sonraichte. 

3T

Bha sinn ag ionnsachadh ciamar a chleachdas sinn litrichean magnaiteach airson seantansan a dhèanamh.

Bha feadhainn againn a’ cur tòrr faclan cumanta còmhla agus gan seòrsachadh ann am buidheannan beaga.

Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn diofar cheisteachain agus chruinnich sinn fiosrachadh sònraichte.  Chuir sinn am fiosrachadh a fhuair sinn air clàrcolbh agus chleachd sinn slat-tomhais airson taisbeanadh snog a shealltainn.

Bha na Lochlannaich a’ cleachdadh sgiathan. Rinn sinn sgiath ann am buidheannan. Bha hoola hoop againn, dhealbh sinn timcheall air agus chuir sinn pàtran air agus cearcall sa mheadhan.

Clas 3T – Na Lochlannaich le Clas 3

Chaidh sinn còmhla ri ar caraidean ann an Clas 3N agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn beatha nan Lochlannaich. Bha a’ Bh-Uas. NicAsgaill ag innse dhuinn gur e Lochlannach a bha na seanmhair bho chionn fhada an t-saoghail.

Rinn sinn practas air Faclan Cumanta 2 a sgrìobhadh air bùird geala. Thagh sinn eadar aon chillidh, dà chillidh agus trì chillidhean. Dh’fheumadh sinn seantansan a dhèanamh le facail sònraichte.

<

Le caraid, bha againn ri seasamh an àrd le ar gàirdeanan ceangailte agus druim ri druim. Bha e doirbh ach rinn sinn a’ chùis còmhla.

3T

An-diugh rinn sinn measadh air bloighean agus dh’obraich sinn cruaidh. Bha sinn a’ sealltainn gun robh sinn ag èisteachd tro na leasanan a rèir bloighean, a’ dealbhadh diofar chumaidhean agus an uairsin gan bristeadh sìos ann an diofar bhloighean. Bha Miss Rankin ag ràdh cho math ’s a rinn sinn uile agus cho socair ’s a bha sinn tron mheasadh.

Cuideachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn na Lochlannaich. Chruthaich aon de na sgoilearan againn modail 2D agus 3D aig an taigh aice airson àite-tuinidh nan Lochlannach a shealltainn. Sheall i am modail dhan chlas agus bha iad uile a’ smaoineachadh gun robh e “uabhasach math”, “sgoinneil” agus “fiosrachail”.
Rinn sinn farpais-cheist a rèir na Lochlannaich, bha còir againn tomhas a dhèanamh air na freagairtean agus bhuannaich am buidheann leis na sgòran a b’ àirde. Bha cuid sgoillearan a’ smaoineachadh gun robh adharcan air clogaidean nan Lochlannach ach cha robh gin sam bith orra idir!

Tha sinn air a bhith ag obair air urram a’ shealltainn sa chlas a rèir na goireasan againn. Rinn sinn tòrr sgioblachadh timcheall air a’ chlas, gu h-àraidh mun leabharlann, na dèideagan againn agus a’ dèanamh cìnnteach nach robh dad sam bith air an làr. Tha fios againn gu bheil e cudthromach a bhith coimhead as deidh an stuth againn oir tha na rudan sin a’ cosg airgead agus chan eil a h-uile duine cho fortanach ‘s a tha sinne.

Seachdain thrang Clas 3T

Chleachd sinn loidhne àireamhachd airson na diofar bhloighean a bhriseadh sìos, mar eisimpleir, còigeamhan, siathamhan, seachdamhan, ochdamhan, naoieamhan agus deicheamhan. Bha sinn cuideachd a’ dol thairis air uireadan de dhà agus thrì.

Bha dithis anns a’ chlas, a tha sònraichte math air ealan, ag obair air postair gus coimhearsnachd na sgoile a shealltainn.

Chruthaich sinn pìos sgriobhaidh le bhith cleachdadh goireasan sònraichte anns a’ chlas mar faclan cumanta, faclair agus dealbh eilein a rinn sinn fhìn. Dh’aithnich sinn na buadhairean a chleachd sinn anns an sgrìobhadh againn cuideachd.

Buadhairean Sonraichte

Chleachd sinn buadhairean airson dealbh-chunntas a chur air caractaran a tha ann an sgeulachd Ceitidh Mòrag.

Bha sinn a’ smaoineachadh air coltas agus nàdar an caractar. Rinn sinn sanas airson actaran a lorg airson dealbh-chluich Ceitidh Mòrag.

Bha sinn ag obair ann am paidhirichean agus chleachd sinn na diofar sgilean a th’againn, mar eisimpleir, èisteachd ’s còmhradh, sgrìobhadh agus dealbhadh.

Bloighean san t-saoghal timcheall oirnn

Dh’ionnsaich C3T mu dheidhinn bloighean, le sin dh’ionnsaich sinn briathrachas ùr, mar eisimpleir, slàn, leth, cairteal agus treasamh.

Choimhead sinn air ‘Powerpoint’ airson ar n-ionnsachadh a thoirt air adhart agus rinn sinn postairean airson seo a shealltainn.

Chaidh sinn a-mach dhan raon-chluiche airson bloighean aithneachadh san t- saoghal timcheall oirnn.

                     

Ben Mac a’ Phearsain a’ tadhal air c3

Thàinig Ben Mac a’ Phearsain BPA airson bruidhinn rinn mu ar n-àrainneachd. Dh’innis e dhuinn gun robh esan air traigh Phortobello a sgioblachadh. Bha sinn a’ smaoineachadh air diofar rudan a chleachdadh an àite plastaig agus dè as urrainn dhuinn a dhèanamh airson saoghal nas fheàrr a bhith againn. Dh’ innis sinne dha gu bheil seòrsa Pàrlamaid again fhìn anns an sgoil againne le Guth Sgoilear.

Ben Mac a’ Phearsain air chèilidh