C4B 14.09-18.09.20

Ann an C4B tha sinn a’ dèanamh practas air Faclan Cumanta 2 ann an Litreachadh an teirm seo. Tha sinn a’ fàs nas misneachaile leis na faclan sin. An t-seachdain seo bha sinn ag obair air na faclan: leam, a-mach, a’ cluich, agam agus aon.
 
 
Ann an cuspair, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a’ chuairt uisge.  Bhruidhinn sinn mu dheidhinn an turas aig uisge, bhon mhuir, suas do na sgòthan agus air ais dhan talamh. Rinn sinn cuairt-uisge airson a’ chlas le baga plastaig agus chunnaic sinn an deatachadh (evaporation) agus an co-dhlùthachadh (condensation).
 
Tìoraidh an-dràsta,
Clas 4B

C4B 07.09-11.09.20

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu bheathaichean na coille-uisge agus chruthaich sinn beathaichean ùra a bhiodh a’ fuireach an sin. Smaoinich sinn mu dheidhinn na a dh’itheadh iad, far am fuiricheadh iad agus dè na rudan a bhiodh gan cuideachadh a bhith beò san àrainn sin.

Thàinig A’ Bh-uas Fee a chèilidh oirnn an t-seachdain seo cuideachd. Bha sinn ag ionnsachadh mar a chleachdas sinn ar corp airson gluasaidean eadar-dhealaichte a dhèanamh. Bha tòrr spòrs againn còmhla rithe.

Tìoraidh an-drasta,

Clas 4B

C4B Meet the Teacher

Welcome to Clas 4B!

Here is a short video to outline some basic information about life in our class which would normally be shared at the Meet the Teacher evening. I hope that you will find it useful and that we have a great yer ahead of us! Below you will also find a link to our class timetable to give you an idea of what your child will be up to each day.

C4B Timetable

Tìoraidh bho,

Miss Bloomer

31.08.20 – 04.09.20 ann an Clas 4B

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn mu chumaidhean chunbhalach is neo-cunbhalach. A-nis tha sinn eòlach air an diofar eadar cumaidhean chunbhalach is cumaidhean neo-chunbhalach agus ‘s urrainn dhuinn an cur anns na buidhnean aca.

Chùm sinn oirnn leis a’ phròiseact againn mu Meusaidh anns a’ Choille Uisge agus rinn sinn dealbhan. Bha sinn a’ smaoineachadh air na bhios Meusaidh a’ faicinn tron uinneig aice. Seall air na dealbhan àlainn gu h-àrd!

Tìoraidh an-dràsta bho,

Clas 4B

C4B a’ dol dhan coille uisge

Ann an C4B tha sinn a’ toiseachadh am bliadhna le cuspair mu dheidhinn an sgeulachd Meusaidh anns a’ Choille Uisge. An toiseachd, choimhead sinn air a’ chiad duilleag agus rinn sinn mapaichean sgeulachd airson sealltainn na a bha sinn a’ smaoineachadh a bhios a’ tachairt san sgeulachd.

An uairsin smaoinich sinn mu dheidhinn na dòighean a chleachd Meusaidh airson a’ choille uisge a ruigsinn. Chaidh i air trèan, plèana mhòr, plèana bheag, bàta-smùid agus canù. Sgrìobh sinn stiùireadhan airson Meusaidh agus rinn sinn plèana a-mach à pàipear airson faicinn dè cho fad ‘s a shiubhaladh fear mòr is fear beag.

Bha spòrs againn. Tha sinn airson bàtaichen a dhèanamh an ath-sheachdain.

Tìoraidh bho,
Clas 4B

C4 3 B – Leabhran eadar-ghluasaid / Transition booklet

Seo beagan fiosrachaidh dhuibh mu dheidhinn cò ris a tha sinn an dùil a  bhios an sgoil coltach an dèidh saor-laithean an t-samhraidh.  Tha cùisean ag atharrachadh fad na h-ùine ged-tà.  Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh nuair a thig e thugainn!

The following booklet gives some information about what we expect school will be like for pupils after the summer holidays.  However, as you are aware, the situation is ever-changing.  We will share any updates with you as we receive them.

C4 3 B a’tilleadh dhan sgoil

C4 3 B return to school

[C4/3 – 18.06.20] Fàilte gu C4/3!

Fàilte gu C4/3!

Seo bhidio beag bhuamsa | Here is a wee hello video from me:

Chì sibh rudan gu h-ìosal dh’fhaodadh sibh a dhèanamh airson eadar-gluasad agus bruidhnnidh sinn mun deidhinn nuair a bhios sinn le chèile as deidh na saor-làithean.

There are some activities below (and a couple of other videos to watch) for you to try as part of out transition. We will talk about how we all got on and share our ideas when we’re back in school after the holidays.

Gabhaibh spòrs,

Miss Bloomer

 

Transition activities: Fàilte gu C4-3

Sgeulachd rium: https://youtu.be/d4OizGE1nOM

Seall a-steach anns a’ bhogsa sonraichte agam: https://youtu.be/scVUPCztED8