C4S 14.09.20 – 18.09.20

Bha sinn ag obair le caraid ag ionnsachadh mun t-sreath-bìdh agus gheàrr sinn a-mach dealbhan agus chruthaich sinn sreathean-bidh.  

Sgrìobh sinn litir airson nan coille-uisge a shàbhaladh. Tha sinn feumach orra oir tha iad a’ toirt ogsaidean dhuinn. Cuideachd, tha na beathaichean a’ call an dachaighean.  

Rinn sinn duilleagan obrach ann am matamataig airson cunntadh agus suimen. Chadh sinn a-mach le cailc airson loidhnichean àireimh a dhèanamh. Bha sinn a’ feuchainn ri cunntadh suas cho fada ‘s a b’ urrainn dhuinn.

 Rinn sinn postairean airson innse cho cudromach ‘s a tha e a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig.

Mu dheireadh thall, sgrìobh sinn am blog.

Dh’ionnsaich sinn mun cuairt uisgeRinn sinn pocanan anns an robh uisgechuir sinn iad air na h-uinneagan. Tha sinn a’ feitheamh airson an t-uisge a thighinn sìosSeall na rinn sinn:

 

C4S 07.09.20 – 11.09.20

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn cumaidhean 3sh. Chaidh sinn a-mach airson coimhead san raon-chluiche airson diofar chumaidhean 3sh. Lorg sinn cònaichean, ciùban, siolandairean agus priosam triantanach.

Sgrìobh sinn litir gu Granaidh Meusaidh mun choille-uisge. Rinn sinn plana cuideachd. Bha e spòrsail.

Rinn sinn luach àite le a’ Bh-uas Croall agus leugh sinn mun choille-uisge còmhla rithe.

Rinn sinn suirbhidh an t-seachdain seo airson faighinn a-mach ciamar a tha daoine a’ tighinn dhan sgoil. Tha iad air a bhith ga dhèanamh airson 12 bliadhna!

Rinn sinn pupaidean airson innse sgeulahd anns a’ Ghàidhlig.

Thug sinn sùil air Aithne air Ainmhidhean agus dh’ionnsaich sinn mu crogaill, tigear agus bìobhairean.

Abair seachdain thrang a bha againne!

 

Chruthaich sinn ar beathaichean coille-uisge againn fhìn cuideachd. Seall na rinn sinn:

Buidheann 1

Buidheann 2

Buidheann 3

Buidheann 4

Buidheann 5

Buidheann 6

C4S: 31.08.20 – 04.08.20

An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn nceithir fillidhean den choille-uisgeRinn sinn dealbhan airson sealltainn na diofar beathaichean a tha a’ fuireach ann.  

Sgrìobh sinn leabhar  mar sinn gun robh sinn ann an coille-uisge 

 Ann am matamataigrinn sinn àireamh an latha agus cunntadhRinn sinn cuideachd ath-obair air aonadandeichean agus ceudanChaidh sinn a-muigh airson loidhne àireimh a dhèanamh airson caraidean le cailc. 

 Bha sinn a-muigh airson spòrs agus rinn sinn rounders, chaos tig agus ruithCuideachd, Diluain ann am Beurla rinn sin measadh litreachaidh 

C4S: 24.08.20  – 28.08.20

An t-seachdain seo, rinn sinn obair air cumaidhean 2sh. Dh’ionnsaich sinn mar a bhios sinn ag aithneachadh diofar cumaidhean. 

Leugh sinn “Meusaidh anns a’ choille-uisge” agus sgrìobh sinn stiùiridhean airson siubhal dhan Amason. ’S e coilltean-uisge an cuspair ùr againn.  

Airson slàinte agus sunnd, bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan a tha gar dèanamh feargach. Rinn sinn dealbhan airson sealltainn ris a bhios sinne coltach nuair a tha sinn a’ faireachdainn feargach. Rinn sinn sileagan anns an do chuir sinn rudan a tha gar dèanamh feargach 

A bharrachd air sin, ghabh sinn pàirt ann an co-fharpais sgoile airson postairean làmh sgrìobhaidh a dhèanamh. Gheibh sinn fios an ath-sheachdain air cò bhuannaich bhon chlas againn 

Chòrd an t-seachdain seo rinn gu mòr 🙂

C4S – leabhran eadar-ghluasaid / transition booklet

Seo beagan fiosrachaidh dhuibh mu dheidhinn cò ris a tha sinn an dùil a  bhios an sgoil coltach an dèidh saor-laithean an t-samhraidh.  Tha cùisean ag atharrachadh fad na h-ùine ged-tà.  Gheibh sibh barrachd fiosrachaidh nuair a thig e thugainn!

The following booklet gives some information about what we expect school will be like for pupils after the summer holidays.  However, as you are aware, the situation is ever-changing.  We will share any updates with you as we receive them.

C4S a’tilleadh dhan sgoil

C4S return to school

C4S – 18.06.2020 – Eadar-ghluasad | Transition

Madainn mhath, tha mi ‘n dòchas gu bheil sibh uile a’ cumail gu math. Tha mi airson fàilte a chur oirbh gu clas 4S. Gus beagan eòlas fhaighinn air ar cèile, nach toir sibh sùil air an dà bhideo. Tha trì gnìomhan ann dhuibh cuideachd.  

Tha mi cinnteach gu bheil sibh air bhioran mu ghluasad gu Clas 4 agus tha fadachd orm fhìn tilleadh airson ur teagasgMeal saor-làithean an t-samhraidh agus chì mi sibh anns an Lùnastal!  

 

Tìoraidh an-dràsta, 

A’ Bh-uas Souter 

 

Good morning, I hope you are all keeping well. I would like to welcome you to Clas 4S. In order for us to get to know each other, have a look at these two videos. There are three activities for you to do too 

I am sure you are very excited about moving to Clas 4S and I am looking forward to being your teacherEnjoy the summer holidays and I will see you in August 

 

Bye for now, 

Mrs Souter 

 

Eadar ghluasad Clas 4S/transition Clas 4S:

 

Ceistean eadar-ghluasaid Clas 4S/ transition questions Clas 4S:

Gnìomhan Eadar-ghluasaid/transition activities: 

Clas 4S Gnìomhan Eadar-Ghluasaid