Sàbhailteas air-loidhne

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mar a chumas sinn sàbhailte air-loidhne. Dh’ ionnsaich sinn nach bu chòir dhuinn fiosrachadh pearsanta sam bith a thoirt do choigrich.

Ma tha sinn a’ faireachdainn mì-chinnteach no mì-shàbhailte, bu chòir dhuinn innse do dh’inbheach

Notaichean

An t-seachdain seo bha sinn gu math trang ag ionnsachadh mar a nì thu notaichean air na ipads. Chleachd sinn na notaichean againn gus postairean a dhèanamh mun bheathach as fheàrr leinn. Seall de cho cruaidh sa tha sinn ag obair!

Dràma!

Bha tòrr spòrs againn ann an dràma an-diugh le Mrs Conroy- abair deagh thòiseach ris an t-seachdain! Dh’fheuch sinn a bhith mar sgàthanan.

Sgeulachdan

An t-seachdain-sa bha luchd-tadhail dìomhair againn sa chlas, shhh. Tha tòrr rudan neònach air a bhith a’ tachairt – ach chan urrainn dhuinn rud sam bith  eile a radh!

 

 

Ar Geasan Droidheachd

Tha sinn air a bhith gu math trang a’ deanamh geasan draoidheil an t-seachdain seo! Lorg sinn na stuthan sonraichte againn anns an raon-cluiche airson ar geasan a dheanamh. Abair ‘concoctions’ miorbhaileach!

Cò aig a tha fios de nì iad!? 

Ukulele

Chòrd an leasan ukulele gu mòr ruinn. Dh’ionnsaich sinn tòrr notaichean ùra agus dh’ionnsaich sinn an t-òran ‘Baby Shark’ sa Ghàidhlig! Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag ionnsachadh barrachd notaichean an ath-sheachdain.

Na McCoos!

Tha Clas 4D air a bhith gu math trang a’ dèanamh McCoos an t-seachdain seo.
Seall air an obair mhìorbhaileach againn le dathan brèagha agus sollier!


Bha sinn den bheachd gu robh sgeulachd aig an luchd-ealain glè inntinneach. Chan eil e a-riamh ro fhadalach airson rudeigin ùr fheuchainn!