S/t 23/11/20

Clas làn Thidsearan

Abair latha spòrsail – thaining sinn uile dhan sgoil le aodach mar tidsear oirnn an-diugh. Bha sinn a’ cruinneachadh airgead airson charthannas Mac a’ Mhaoilain

 

 

Matamataig

An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn tomais-lìonaidh. Bha sinn a ag obrachadh a-mach an cuirt-lìonaidh de diofar shoithichean.

Rinn sinn obair air cuir-ris le 3 agus 4 figearan agus bha sinn cuideachd ag obair air  urraid le àireamhan mòra.

Leughadh

Tha sinn ag obair air nobhail Ghàidhlig sgrìobte le Jeremy Strong, leis an t-ainm ‘Ploigh le Paidhhtean‘. An t-seachdain seo bha sinn a freagairt cheistean mu dheidhinn an teacs.

Ann a leughadh Beurla tha sinn ag obair air an nobhail ‘The Lion the Witch and the Wardrobe’ le C.S.Lewis.  An t- seachdain seo bha sin a taghadh facail as an teacs a bha  a’còrdach rinn agus bha sinn a’ mìneachadh na faclan le bhidh a’ cleachdadh an fhaclair.

Creideis

Am t-seachdain seo anns an proisect ùr againn bha sinn a’ coimhead air samhlaichean ann a diofar chreideamhean. Dh’obrich sinn còmhla air tomhais dè  na samhlaichean a bha co-cheangailte ri diòfar chreideamhan. Bha cuid aca gu math doirbh!

An nuair sin chruthaich sinn uile dealbh airson leine-T leis na samhalichean a tha cudromach dhuinn fhein air.

 

Spòrs

Tha sinn a’ dèanamh oidhrip  mhòr le obrachadh mar sgioba. Bha sinn gu math tràng ag obair  còmhla airson geamannan balla-làimhe a chluich.

 

 

s/t 16.11.20

Matamataig

Ann an matamataig an t-seachdain seo bha sinn a’ lorg cuairt-thomhais diofar chumaidhean.

Bha sinn cuideachd ag iomadachadh àireamhan le suas gu 3 figearan.

Bha sinn ag atharrachadh cm gu m nuair a bha sinn ag obair le faid.

Sgroìbhadh

Am t-seachdain seo rinn sinn uile gearr-chunntas de 1 chaibideil den nobhail ‘Ploigh le Paidhtean’.

Tha sinn air a bhidh trang le lamh-sgrìobhadh cuideachd

Litreachadh 

An t-seachdain seo bha sinn ag obair air na facail seo:

Obair-dachaigh clas 5R 16.11.20-4.12.20 (2)

 

ELIZA

Ghabh sinn pàirt ann an buth-obrach le Feisean na Gaidheal. Dh’obraich sinn leis an cleasaiche Artair Donald air Microsoft Teams.

Choimhead sinn air fiolm sgoinneil leis an t-ainm Eliza. Bha e mu dheidhinn nigheann a Guidheàna a thainnig a fhuireach ann an Alba. Bha tòrr fiosrachadh ann mu dheidhinn ‘Black Lives Matter’ cuideachd.

 

 

S/T 28th den t-Sultain

Matamataig

 

Bha sinn ag ionnsachadh luach an àite  le àireamhan mòra le 5 no 6 figearan. Bha cuid againn aig obair air roinneadh le àireamhan mòra agus bha cuid eile againn a’ dèanamh cur-ris.

 

Literachd,

 

Seo na facail a tha sin aig obair air an t-seachdain seo.

 

 

 

Tha sinn air a bhith a’ dèanamh deuchainn leis na facal cummanta againn cuideachd agus air Dihaoine rinn sinn measadh beag air na facail againn.

Leughadh 

 

Bha sinn a’ freagairt cheistean mu dheidhinn teacs.

Sgrìobhadh

Sgrìobh sinn litir gu caraid an t-seachdainn seo.

Slàinte agus Sunnd

Bha sinn aig ionnsachadh mu dèanamh beachd-inntinn fàis agus stèidhte. Rinn sinn postairean a tha a’ sealltainn an diofar eadar an dà bheachd-inntinn

Spòrs

Aig spòrs, bha sinn a’ ruith agus a’ clàradh an ùine air gleoc digiteach.

s/t/21.9.20

Matamataig

An t-seachdain seo, bha sinn ag obair air toirt air falbh agus luach a-rèir àite

. Airson Matamataig Cìnn, bha sinn ag obair air na clàran urraid,

 

Cànan

Airson sgrìobhadh pearsanta, rinn sinn uile leabhar-là. Ath-sgrìobh sinn stòiridh cuideachd agus bha sinn ag obair air fonaigs Beurla.

 

Seo na facail a bha sinn a’ litreachadh an t-seachdain seo:

 

Ealan

Bha sin a’ coimhead ri obair Kandinsky a-rithist agus rinn sinn obair le cearnagan.

Spòrs

Ag àm spòrs bha sinn ag obair air ionchaidheachd agus bha sinn a’ dèanamh rèisean.

 

Ag ionnsachadh ann a Clas 5R s/t 14.9.20

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn luach a-rèir àite ann an ionnsachadh a-muigh an t-seachdain seo. Chleachd sinn bioran, clachan agus duileagan airson ar cuideachadh.

Cànan

Bha sinn a’ sgrìobhadh litir phearsanta gu caraid, ag innse dhaibh dè na rudan a tha eadar-dhealaitche mu dhèidhinn a bhith air ais anns an sgoil.

Sgrìobh sinn stòiridh  mu dheidhinn Seonaidh Sionnach agus Seòras Sleamhnan

Bha sinn ag ionnsachadh facail litreachaidh ùr:

 

Bha sinn ag èisteachd ri ceòl agus a’ sealltainn dè ar beachd air cò ris a bha e coltach ann am pàtaranan – bha e gu math spòrsail!

IMG_3198

IMG_E3196

 

 

 

 

 

Seachdainn Spòrsail

Matamataig

Ann an Matamataig bha sinn a cuir-ris le àireamhan mòra. Chleachd sinn na sgilean againn airson dublachach agus cuir-ris na ar cìnn. Bha sinn a cuir-ris le àireamhan suas gu 1000.

Ann am Matamataig Cìnn bha sinn ag obair air le clàr nan uireadan 5,6,agus 7 le geamannan.

Seo an lince ma tha sibh airson cluich aig an taigh:

https://www.topmarks.co.uk/maths-games/hit-the-button

Cànan

Bha sinn a’ dèanamh sgrìobhadh persanta an t-seachdain seo. Sgrìobh sinn mu ar deidhinn fhèin.

Bha sinn ag ath-innse na sguelachd mu dheidhinn an Rìgh Eachainn agus rinn sinn uile ad sgoinneil le briathrachas bhon stoiridh. Sgrìobh sinn sìos na faireachdainn a bha aig Rìgh Eachainn.

litreachadh clas 5 chilli grid

Chruthaich sinn caractar ùr airson na sguelachd cuideachd.

Bha sinn cuideachadh a’ litreachadh na facail cumanta.

Slàinte agus Sunnd

An t-seachdainn seo dh’ionnsaich sinn bho cheile!

Dh’ionnsaich diofar sgoilearan dhuinn mar a bhios sinn a’ dèanamh ‘fortune teller’, a’ cruthachadh mapa agus a’ dèanamh dealbhan de mhucan-mhara.

 

Ealain

Rinn sinn dealbhan le cearcaill ann an stiodhle Kandinsky.