EPSSA Cross Country – Clas 6L/T

On Monday the 25th of March, 12 excited children travelled to Duddingston to compete in the EPSSA Cross Country Championships with Miss Mactaggart and George Lupton, alongside other parent helpers at the event.

The girls managed to finish the race in 8th, 36th, 69th, 98th and 102nd position, out of 250 children – resulting in a top 10 finisher medal for the girls.  The boys also raced hard and finished 11th, 125th, 169th, 186th and 187th, meaning the boys only narrowly missed out on also being awarded a top 10 finisher medal.

These results are fantastic and both the children and their coaches, Mr Vitry and George Lupton should be commended for their hard training efforts.  All children conducted themselves well and showed respect to other people, both at the event and on the public transport both there and back.  Well done! Here’s to the next race…!

Clas 6L- Matamataig, Ealain agus Slàinte is Sunnd

An t-seachdain sa bha sinne ag ionnsachadh;

  • mu dheidhinn na cumaidhean 2 sh
  • togalach alainn ann an duthaich fada air falbh

agus

  • ag obair còmhla mar sgioba !

ACH

Dè an togalach a th’ ann? Seo beagan fiosrachaidh.

Chì thu  an togalach seo ann an cearnag àinmeil.  ’S e an t-ainm a bha air an àite seo bho chionn fhada  ‘Cearnag Alainn’.  Nuairsin bha teine ann agus airson ùine mhòr ‘s e an t-ainm a bh’ air  “An Àite Loisgte”.  ‘S e An Cearnag Alainn a tha air a-nis ACH   bidh daoine ag radh “An Cearnag Dearg” . 

Tha an togalach alainn a bha sinne ag ionnsachadh mu dheidhinn, anns a’ chearnag seo.    

Dè an togalach a th’ ann?

Teagaisg Spòrs – Clas 6T/L

Ann an spòrs an-dràsta, tha sinn ag ionnsachadh mar a ‘s urrainn dhuinn leasan spòrs a phlanadh agus a leantainn leinn fhèin. Bheiridh seo dhuinn cothrom ar sgilean èisteachd, urram, fèin-neart agus stiùireadh a leasachadh.

Leis a sin, tha sinn air leasanan spòrsail a chruthachadh ann am buidhnean agus gach seachdainn, tha sinn a’ dol a feuchainn ri gach leasan a dhèanamh – ach bidh na sgoilearan nan tidsearan!  

An-diugh, b’ e leasan ‘bench-ball’ a bh’ againn.  Rinn na tidsearan (sgoilearan) againn deagh obair leis gun robh a’ gheàma sgil aca (‘piggy in the middle’) co-cheangailte ri amas an leasan – sadail, glachdadh agus a’ cur stad air am bàla.

Thuirt na tidsearan (sgoilearan) gun robh e doirbh smachd a chumail air an clas, a’ toirt air an clas a bhith sàmhach agus sgiobanan a chruthachadh ann an dòigh co-ionnan (fàilte gu beatha tidseir!!)

Neach-tadhail Cuspair – Màthair Esme!

An-diugh, bha sinn gu math fortanach air sgàth ’s gun tàinig màthair Esme a-steach a bhruidhinn riunn mu dheidhinn cudromas ar àirne agus mar is urrainn dhuinn sùil a chumail air fallaineachd ar òrganan. 

Cuideachd, bhruidhinn sinn mu dheidhinn tabhartas bhall-bodhaig agus dh’fhaighnich sgoilearan clas 6 TÒRR cheistean inntinneach dhith – a’ sealltainn deagh thuigse air a’ chuspair, ‘Am Bodhaig’ – ‘s iad ag iarraidh an ionnsachadh aca a leasachadh!

Mòran taing a-rithist, Orla – abair deagh mhadainn a bh’ againn leat!