Cò bhuannaich? – Clas 6T

As deidh dhuinn gach bhòt a chunntadh gu faiceallach, tha sinn a-nis sàbhailte ri ràdh gun do bhuannaich ‘The Grey Hair Pullers’ (abair ainm!)

Feumaidh gun do chòrd na argamaidean agus adhbharan a bh’ aca ris a chlann, ach carson nach còrdadh? Àrainneachd nas sàbhailte agus barrachd daoine air busaichean poblach an àite càraichean airson truailleadh a sheòrsachadh – deagh beachd!

Mar sin, ‘s e iadsan a bhios nar pàrtaidh poileataigeach ann an clas 6T airson an ath teirm ma tha trioblaidean sam bith a nochdadh!

Abair gun robh iad toilichte!

Cothrom Bhòtadh – Clas 6T

Thairis air an teirm, tha sinn air a bhith ag’ ullachadh iomairtean poileataigeach airson ar pàrtaidh poileataigeach pearsanta a phutadh.

Thòisich sinn le plana agus an uair sin, sgrìobh sinn sgriobt airson bhideo iomairt a chrutachadh gu soirbheachail.

 

As deidh sin, bha cothrom againn obair a dhèanamh le app ‘Green Screen’ agus pìos cairt uaine far an do rinn sinn a chùis air bhideothan iomairt spòrsail a chruthachadh nar buidhnean.

Feasgar an-diugh, bha cothrom againn gach bhideo fhaicinn agus an uair sin, rinn sinn bhòt deamocrasaidh far an robh againn ri am pàrtaidh as fheàrr a thagh (ach cha robh cead againn ar pàrtaidh fhèin a thaghadh idir!)

Gheibh sinn a-mach cò bhuannaich a-màireach, eek!

Obair-dachaigh – Clas 6T

An-diugh, thug sinn sùil thairis air obair dachaigh a bha sgoilearan air a dhèanamh agus chleachd sinn an cothrom airson ais-mholadh a chruthachadh a bha feumail agus còir.

Bha coig mionaidean socair aig a chlann ri cuairt timcheall an clas a thoirt airson an obair fhaicinn agus an uair sin, chosg sinn coig-deug mionaidean airson trì pìosan ais-mholadh a sgrìobhadh air na pìosan a chòrd ruinn as motha.

Rinn sinn uile a chùis air ais-mholadh a thoirt seachad agus chòrd e ruinn a bhith nan tidsearan airson coig-deug mionaid.  Mar a thuirt aon sgoilear, “wow, ’s urrainn obair dachaigh a bhith spòrsail!”

EPSSA Cross Country – Clas 6L/T

On Monday the 25th of March, 12 excited children travelled to Duddingston to compete in the EPSSA Cross Country Championships with Miss Mactaggart and George Lupton, alongside other parent helpers at the event.

The girls managed to finish the race in 8th, 36th, 69th, 98th and 102nd position, out of 250 children – resulting in a top 10 finisher medal for the girls.  The boys also raced hard and finished 11th, 125th, 169th, 186th and 187th, meaning the boys only narrowly missed out on also being awarded a top 10 finisher medal.

These results are fantastic and both the children and their coaches, Mr Vitry and George Lupton should be commended for their hard training efforts.  All children conducted themselves well and showed respect to other people, both at the event and on the public transport both there and back.  Well done! Here’s to the next race…!

Iomagainean is Ro-innleachdan – Clas 6T

 

An t-seachdain sa, bhruidhinn sinn mu dheidhinn iomagainean pearsanta agus dhèilig sinn riutha le bhith a smaointinn air ro-innleachdan feumail.

Bha cothrom againn ìre pàrnalaich a sgrìobhadh airson measgachadh de suidheachadhan gus am faiceadh gach sgoilear nar clas gun robh a h-uile duine a’ fàs rud beag iomagaineach air diofar àmanan.

Mar sin, dh’ ionnsaich sinn mu dheidhinn ro-innleachdan eadar-dhealaichte bho chèile agus chruthaich sinn postairean soilleir airson ar teachdaireachd a chonaltradh le càdh.

Nach iad a bha soirbheachail?

Cuspair Ùr – Deamocrasaidh (Clas 6T)

An t-seachdain sa, thòisich sinn cuspair ùr leis an t-ainm, Deamocrasaidh.  Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh na tha am facal ‘deamocrasaidh’ a’ ciallachadh agus mar a tha e coltach nar beathanan fìor.  Dh’ionnsaich sinn na h-iomadh seòrsa eisimpleir a tha againn nar dùthaich agus dè cho fortanach ‘s a tha sinn a bhith ann an dùthaich deamocrataic an àite dùthaich deachdaireachd.

Tha sinn air pàrtaidhean poileataigeach againn fhèin a chruthachadh le ainm agus lògo sònraichte.  Bha againn ri adhbharan air ar son agus adhbharan nar aghaidh a sgrìobhadh sios agus an ath sheachdain, tha sinn an dùil deasbad a bhith againn far am bi cothrom aig gach pàrtaidh iomairt aca fhèin a ruith.  As deidh sin, feuchaidh sinn air bhòt clas agus an uair sin, bidh pàrtaidh poileataigeach againn ann an clas 6T a chaidh a thagh ann an suidheachadh deamocrataic.

Cuideachd, bidh sinn a’ faighinn cothrom ri bhòtadh air cuspairean diofraichte anns a chlas gach latha.  Seall air an bhòt a rinn sinn air Diardaoin!

Seall air ar balla-ionnsachaidh cuspair!  Tha sinn ag obair còmhla airson a lìonadh le fiosrachadh inntinneach, ealain cuspaireil agus obair soirbheachail.  Ma tha beachd no goireas sam bith agaibh aig an taigh, feuch gun toir sibh a-steach e gus am faic an clas gu lèir e!

ABAIR SEACHDAIN NEÒNACH! – Clas 6T

Abair gu bheil seachdain àraid air a bhith againn ann an clas 6T, ‘s sinne air a chosg anns an Seòmar Choimpiutairean!

Ann an litearrachd, fhuair sinn cothrom faclair air-loidhne a chleachdadh nar measadh-sgrìobhaidh agus cuideachd, rinn sinn obair a bharrachd air sgilean I.C.T. còmhla ri Mgr. Vitry.

Bu chòir sgoilearan clas 6T a bhith gu math pròiseil an t-seachdain sa air sgàth agus gun do rinn iad uile a’ chùis air aithisg fiosrachail cuspair a sgrìobhadh gu neo-eisimileach air an diofar eadar beachd agus fìrinn!  Chòrd gach aithisg rium gu mòr fhad ’s a bha mi gan ceartachadh agus abair gun robh an t-uamhas fiosrachadh nam broinn – ‘s math a rinn sibh!

Targaidean: An t-seachdain sa, chaidh leabhrac de na targaidean aig gach leanabh dhachaigh nan baga.  Dèan cinnteach na targaidean seo a leasachadh aig an taigh.  Tha e uamhasach cudromach gu bheil càirdeas ionnsachaidh ann eadar an taigh agus an sgoil airson soirbheachas a chlann a chomharrachadh!

Bloighean ann am Matamataig – Clas 6T

An t-seachdain seo, dh’obraich sinn còmhla mar chlas airson postairean a chruthachadh airson ar balla ionnsachaidh àireamhachd agus matamataig.  Tha na postairean ag innse dhuinn iantraighean sìmplidh ri leantail airson bloighen anabharr, bloighean co-ionnan agus àireamhan measgaichte a dhèanamh.  Tha seo dol gar cuideachadh uair sam bith nach eil sinn a’ cuimhneachadh na tha againn ri dhèanamh.

Bha cothrom aig gach sgoilear eisimpleir a dhèanamh air a’ bòrd-sgairteil agus an uair sin, sheall sinn ar tuigs’ nar freagairtean duilleag-obrach agus leabhar-teacs.

Chòrd e ri na sgoilearan glan a bhith nan tidsearan matamataig agus ghabh a h-uile duine pàirt aig ìre àrd, a’ sealltainn deagh urram agus modh ri chèile.

Teagaisg Spòrs – Clas 6T/L

Ann an spòrs an-dràsta, tha sinn ag ionnsachadh mar a ‘s urrainn dhuinn leasan spòrs a phlanadh agus a leantainn leinn fhèin. Bheiridh seo dhuinn cothrom ar sgilean èisteachd, urram, fèin-neart agus stiùireadh a leasachadh.

Leis a sin, tha sinn air leasanan spòrsail a chruthachadh ann am buidhnean agus gach seachdainn, tha sinn a’ dol a feuchainn ri gach leasan a dhèanamh – ach bidh na sgoilearan nan tidsearan!  

An-diugh, b’ e leasan ‘bench-ball’ a bh’ againn.  Rinn na tidsearan (sgoilearan) againn deagh obair leis gun robh a’ gheàma sgil aca (‘piggy in the middle’) co-cheangailte ri amas an leasan – sadail, glachdadh agus a’ cur stad air am bàla.

Thuirt na tidsearan (sgoilearan) gun robh e doirbh smachd a chumail air an clas, a’ toirt air an clas a bhith sàmhach agus sgiobanan a chruthachadh ann an dòigh co-ionnan (fàilte gu beatha tidseir!!)