Benmore

Dear Parent,

Just a wee note to say that C7 are enjoying their residential trip in Benmore.  The children have been using their team building skills in the gorge , their upper body strength at canoeing, their balance while biking and testing their mental and physical endurance on the rope course.  It was a special day yesterday too for our Twins Travis and Olivia who turned 12.  Benmore staff made them a cake agus abair gun robh e blasta!!!

Today is our final full day and everyone is very excited about the disco tonight.

We should be back at school at 1pm tomorrow.

Dùrachdan,

Miss MacIntyre

Ar Baile

An- diugh, thòisich clasaichean ag ionnsachaidh òran còmhla ris a Bh-uas Nic an t-Saoir a bhios iad a’ seinn aig Mhòd Ionadail Dhùn Èideann. Bidh a’ Mhòd a’ gabhail àite san sgoil air an 25mh den Chèitean.

Seo ceangal an t-òran airson clasaichean 5, 6, agus 7: https://www.bbc.co.uk/alba/oran/orain/ar_baile/

Ar Baile
Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

Tha bannan ann fhathast gu làidir gar tarraing
Nas lùthmhor na stòras is saoibhreas,
Nas dlùithe gar teannadh na slabhraidhean daingeann
‘S ar n-aigne gu lèir ann an dàimh riuth’.

Air cho fada ‘s gun triall sinn, thar chuantan is chrìochan
Cha tèid dìochuimhn’ air toiseach ar làithean;
‘S nach mòr an toil-inntinn bhith tilleadh a dh’ionnsaigh
Na muinntir bha dlùth dhuinn nar pàistean.

Fuaim ceòlmhor na mara ri flodraich sa chladach,
Fàileadh cùbhraidh an fhraoich is na mòna;
Crodh is caoraich a’ bhaile air feur Linnteagarraidh
A’ lìonadh ar broilleach le sòlas.

Fàilt’ air an dùthaich is fàilt’ air a’ bhaile,
Is fàilt’ air an dachaigh a dh’fhàg sinn,
Ged bhiodh i gun chabar, ‘s an nead air a creachadh
Nach binn guth an eòin far na dh’fhàs e.

Barbara Dickson a’ tadhal air C7

Thàinig an seinneadair is cleasaiche ainmeil Barbara Dickson dhan chlas an-diugh. Bhruidhinn i ruinn mun bheatha aice.  Dh’innis i dhuinn gun robh i ag obair còmhla ri Na Two Ronnies is cuideachd Elaine Paige.  Bha tòrr cheistean againn dhith is sheinn i òran dhuinn cuideachd.

Abair latha!

C7 – Latha Ionnsachadh A-Muigh

Chaidh Clas 7 a-mach dhan ghàrradh airson Matamataig air Latha Ionnsachadh A-Muigh.

Dh’ionnsaich sinn ciamar a nì sinn tuairmse agus meudachadh.  Thagh sinn rudeigin bhon raon-cluiche agus rinn sinn tuairmse air dè an fhaid a bh’ ann is an uairsin thomhais sinn iad.  Fhuair an sgioba againne trì tuairmsean ceart!

Bha tòrr spòrs againn.

Le Findlay, Oisin, Eilidh, Varian agus Mata

C7 – Cùrsa-Obrach

Tha C7 air a bhith a’ coimhead air diofar seòrsaichean obair a bhios daoine a’ taghadh nan cùrsa beatha.

Bha sinn air leth fortanach gun d’ thàinig Deidre Brock MP a-steach a chèilidh oirnn an-diugh.  Dh’innis i dhuinn mun obair a bhitheas i a’ deanamh ann an Lunnainn is dè na sgilean a dh’fheumas tu airson a bhith an sàs ann am poileataigs.

Taing Deidre!

C7 -Ealain

Mar a gheall sinn dhuibh an t-seachdain sa chaidh – seo dealbhan den fighe a chruthaich sinn ann an ealain.  Nach iad a tha math!