Ionnsachadh agus a’cluich aig an taigh

Fàilte dhan bhlog againn!

‘S ann an seo a bhios sinn a’ cur gach fiosrachadh a dh’fheumas tu airson ionnsachadh, bho Dhimairt an ath sheachdain.  ‘S e rudeigin gu tur ùr a tha seo dhuinn agus tha sinn an dòchas gum bidh beagan spòrs againn leis a seo.

 

A’ dèanamh fiughair ris a’ chiad phost againn Dimàirt!

 

Le gach deagh dhùrachd,

a’ Bh-uas Nic’IlleRuaidh, a’ Bh-uas NicFhionghuin, a’ Bh-uas Hart, a’ Bh-uas NicPhàil,  a’ Bh-uas Givan agus a’ Bh-uas NicIain

Luch-obrach na sgoil-àraich

 

Welcome to our blog!

This is where we will post all the information you will need for our home learning, to support what you already have in your packs.  This is something totally new for us and we hope that it will be fun and a bit of an adventure for all of us in uncertain times.

 

Looking forward to our first post on Tuesday!

Le gach deagh dhùrachd,

Mrs Reid, Ms MacKinnon, Mrs Hart, Ms MacPhail, Mrs Givan and Ms Johnson

The Sgoil-àraich Team

 

Hibee Tots

Abair gu bheil spòrs againn gach seachdain aig na clasaichean ball-coise againn.  Tha Aaron an còidse againn a’ sealltainn dhuinn diofar sgilean ball-coise gach seachdain. Tha sinn a’ fas gu math sgileil air ball-coise a-nis!

 

We have great fun each week at our football coaching sessions. We all love Aaron, our coach, who shows us lots of different football skills to practise each week. We are all getting very skilled at football now!

Hùb Hàb

Abair spòrs a bh’ againn an t-seachdain seo. Chunnaic sinn dealbh-chluiche sgoinneil leis an t-ainm Hùb Hàb a rinn Fèisean nan Gàidheal.

Am bliadhna seo bha an dealbh-chluich mu dheidhinn diofar seorsa aodach . Chunnaic na sgoilearean  a bhios a’ tighinn dhan sgoil àraich sa mhadainn agus na sgoilear a bhios a’ tighinn dhan sgoil àraich san fheasgair an dealbh-chluich ann an talla-mhòr na sgoile. ‘S e Catriona NicNeacail; a tha a’ dèanamh  trèanadh airson EYP còmhla rinn san Sgoil Àraich gach seachdain tè de na cleasaichean. Cha robh sinn ag aithneachainn Catririona anns an èideadh aice!

The children enjoyed a lovely show performed by Fèisean nan Gàidheal. This year’s Hùb Hàb performance was all about different types of clothes  and both the morning and the afternoon children had the opportunity to attend one of the shows, which they performed in the school hall. Catriona Nicolson, who is doing her Early Year’s Practitioner placement training with us every Thursday, was one of the performers. The children enjoyed seeing Catriona in character abut didn’t recognise her in her costume!

 

Tha sinn a’dol a Shireadh Mathan

Fhuair sinn cothrom faicinn dealbh-chluiche sgoinneil a’ rinn clas 5 dhuinn a bha suidhicte air an sguelachd ‘Tha sinn a’dol a Shireadh Mathan’ . Chunnaic sinn iad a cuir air deagh obair leis na sgilean  drama aca agus chòrd e rinn gu mòr.

We were very fortunate to be invited to a drama performance put on by the clas 5 learners. The play was based on a story that we are familiar with ‘Tha sinn a dol a Shireadh Mathan’ / ‘We are going on a Bear Hunt. We saw the clas 5 learners demonstrate fantastic drama skills and really enjoyed the performance.

Neach-Saidheans Òg

Bha sinn gu math fòrtanach gun thainig eòlaiche saidheans a ‘ chèilidh oirnn ‘s ann sgoil-àraich.  Bha i a’ sealltainn dhuinn diofar seòrsa deuchainn agus fhuair sinn uile an cothrom gabhail pàirt agus beagan saidhean a dhèanamh sinn fhèin.

 

We were very fortunate to have a science expert visit us at sgoil-àraich. She showed us lots of different experiments and we all had the opportunity to join in carry out the experiments ourselves.

Là na Foileagan

Abair gu robh sinn tràng air Là na Foileagan. Rinn sinn foileagan blàsta airson snac. Abair gun do chòrd iad rinn! Ium Ium!

 

We were very busy at sgoil- àraich on Pancake Day. We had great fun making our own pancakes for snack and we really enjoyed eating them too! Yum Yum!

Ceòl Spòrsail

Abair  spòrs a bha againn comhla ri Jed. Bha sinn a’ seinn agus a’ dannsa comhla ris fhad ‘s a bha e a’ cluiche diofar ionnsramaidean.

 

 

Sheall e dhuinn an giotàr agus an bainsio aice. Abair gu bheil e ealanta air cluich na ionnsramaidean seo.

Tha sinn a’ dol a shireadh mathan! C5

Gu fortanach, chuir sgoileran C5 air dòigh dealbh-cluich do mhuinntir sgoil-àraich an t-seachdain seo! Còmhla ris a’ Bh-uas Conroy, tha iad air a bhith a’ deasachadh taisbeanadh bhon leabhar ainmeil Tha Sinn a’ Dol a Shireadh Mathan.  Gu dearbha bha iad air leth air an àrd-ùrlar is chòrd e ris an luchd-èisteachd modhail bho SÀ.

Is math a rinn sibh C5!

An Aimsir

Anns an sgoil-àraich tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn aimsir. Chuidich a’ Bh-uas NicNeacail sinn a’ cruthachadh stèisean na h-aimsire  airson a’ ghàrradh againn.

A-nis ‘s urrainn dhuinn tomhais agus clàradh àird na gaoithe, an teothachd agus dè na thuit de uisge gach là.

Bidh sinn cuideach a’ seinn an orain seo airson ar cuideachadh leis na facail Gàidhlig airson diofar seòrsa aimsir:

 

Dè seòrsa tìde a th’ againn an-diugh?

Dè seòrsa tìde a th’ againn an-diugh?

A bheil an t-uisge ann,

A bheil e grianach,

A bheil e sgòthach,

Dè do bheachd?

A bheil e gaothach,

A bheil e tioram,

A bheil e reòite

Làn le sneachd?

Dè seòrsa tìde a th’ againn an -diugh?

Abair thusa tìde a th’ againn an-diugh!

Abair thusa tìde a th’ againn an-diugh!

 

In sgoil-àraich we have been learning all about the weather. Ms. Nicolson helped us to create our own weather station for the sgoil-àraich garden.

Now we can measure and record the wind direction, the temperature and the rain fall each day.

We also sing the song above to help us learn the Gaelic vocabulary for the different types of weather.

 

Là Naobh Anndra

Bha tòrr spòrs againn anns an sgoil-àraich a’ comharrachadh Là Naobh Anndra an t-seachdain seo.  Bha spòrs againn ag èisteachd agus a’ dannsa ri ceòl Albannach agus a’ dèanamh dannsa Albannach còmhla ri chèile. Abair thusa gu robh sinn a’ coimhead spaideal anns na fèileadhean agus bonaidean againn cuideachd!

This week in sgoil-àraich we celebrated St Andrew’s Day. We had great fun listening to and dancing to Scottish music together. We tasted different Scottish food and enjoyed dressing up in traditional Scottish dress. Don’t we look great in our kilts and bonnets?