C1P 25.03.22

Thòisich C1P sgeulachd ùr an t-seachdain: Mgr Uiogail agus Mgr Uagail, abair gu bheil e a’ còrdadh ris a’ chlas. Seo e;  https://www.youtube.com/watch?v=mLcFaLQ0cWw

Thòisich an clas na faclan cumanta ionnsachadh; mi, mise, is, seo, agus. An ath sheachdain bidh sinn gan lorg!

C1P began learning a new story this week – Mgr Uiogail agus Mgr Uagail, you can watch it on this link. https://www.youtube.com/watch?v=mLcFaLQ0cWw

This week we also began learning our Faclan Cumanta mi, mise, is, seo, agus.  Next week we will seek them out in texts.

Seachdain 21.2.22

Fàilte air ais!

Bua sinn trang air ais san sgoil an t-seachdain-sa as deidh seachdain far na sgoile. Thòisich sinn an leabhar Beurla, Charlotte’s Web a’ leughadh. Rinn sinn obair air sgrìobhadh anns a’ Bheurla le a bhith a’ sgrìobhadh postair iarrtas agus an clàr-ama aig Wilbur.

 

Ann am matamataigs, rinn sinn obair air ar chlàran-uiread. Chleachd sinn an làrach-lion seo: timestables.co.uk

Cuideachd, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn an cleoc digseatach agus mar a tha sinn ga leughadh.

Mu dheireadh, ann an saidheans, dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn fuaim. Dh’ionnsaich sinn na faclan crithean (vibrations) agus tonn-fuaimne (soundwave). Rinn sinn fònaichean le sreang de diofar meudan airson faicinn an urrainn dhuinn ar caraidean a chluinntinn. Abair spòrs!

Sin e an-dràsta!