Pròiseact Fàs

Tha sinn air leth toilichte innse dhiubh gun deach neach-ealain Rona NicDhòmhnaill ainmeachadh mar neach-ealain (Artist in Residence) le Imaginate airson pròiseact ùr an ath sheisean aig Taobh na Pàirce. Tha sinn air obrachadh le Imaginate mar tha agus tha a’ chlann an còmhnaidh a’ faighinn tòrr às gu cruthachail agus a thaobh cànan.  Leugh tuilleadh mu dheidhinn an seo.  https://www.imaginate.org.uk/artists/projects/fas

K Wight

C1 Buidhe- Kebabs Measan

Mar phàirt den chuspair againn mu bhiadh, rinn na sgoilearan kebabs le measan. Dh’ionnsaich sinn carson a tha e cudromach gu bheil sinn a’ nigheadh ar làmhan mus deasaich sinn biadh agus ciamar a tha sinn a’ cumail sàbhailte mun cuairt stùth chidsin. Cuideachd, dh’ionnsaich sinn cànan Gàidhlig airson measan agus bruidhinn mu dheidhinn a’ bhlas aca. Chòrd seo rinn gu mòr agus bha na kebabs againn blasta agus fallain!

3T

An-diugh rinn sinn measadh air bloighean agus dh’obraich sinn cruaidh. Bha sinn a’ sealltainn gun robh sinn ag èisteachd tro na leasanan a rèir bloighean, a’ dealbhadh diofar chumaidhean agus an uairsin gan bristeadh sìos ann an diofar bhloighean. Bha Miss Rankin ag ràdh cho math ’s a rinn sinn uile agus cho socair ’s a bha sinn tron mheasadh.

Cuideachd, tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn na Lochlannaich. Chruthaich aon de na sgoilearan againn modail 2D agus 3D aig an taigh aice airson àite-tuinidh nan Lochlannach a shealltainn. Sheall i am modail dhan chlas agus bha iad uile a’ smaoineachadh gun robh e “uabhasach math”, “sgoinneil” agus “fiosrachail”.
Rinn sinn farpais-cheist a rèir na Lochlannaich, bha còir againn tomhas a dhèanamh air na freagairtean agus bhuannaich am buidheann leis na sgòran a b’ àirde. Bha cuid sgoillearan a’ smaoineachadh gun robh adharcan air clogaidean nan Lochlannach ach cha robh gin sam bith orra idir!

Tha sinn air a bhith ag obair air urram a’ shealltainn sa chlas a rèir na goireasan againn. Rinn sinn tòrr sgioblachadh timcheall air a’ chlas, gu h-àraidh mun leabharlann, na dèideagan againn agus a’ dèanamh cìnnteach nach robh dad sam bith air an làr. Tha fios againn gu bheil e cudthromach a bhith coimhead as deidh an stuth againn oir tha na rudan sin a’ cosg airgead agus chan eil a h-uile duine cho fortanach ‘s a tha sinne.

Class 5V and Class 5N are Making a Difference!

As part of our ‘Building resilience’ program, class 5 this term are focusing on ‘Make a difference’.

Pupils have had the opportunity to identify and discuss the most serious problems of the world today  and were able to locate them on the map.  Comments like “We are the problem” and “we can be the solution” were heard during the group discussion. 

 

C3N – Seachdain gu math goirid!

Tha sinn an dòchas gun robh deagh dheireadh sheachdain agaibh uile.  Thill na tidsearan làn neart Dimàirt agus bha sinn air ar dòigh a’ chlann fhaicinn air ais Diciadain.  Leis a sin, ‘s e seachdain gu math goirid a tha air a bhith ann, ach air leth trang, cuideachd.

Lean sinn oirnn le ar n-obair air a bhith a’ faighinn a-mach mu ciamar a bhios sgrìobhadairean a’ cruthachadh caractaran agus suidheachaidhean.  Tha sinn air a bhith ag èisteachd ri sgeulachd ‘Righ Eachainn’ air clàr.

Seo a shaoil feadhainn de Sgoilearan 3N mu Rìgh Eachainn:

“Cha robh Rìgh Eachann ag iarraidh gum biodh cluasan eich air.  Bha e a’ smaoineachadh gum biodh daoine a’ gàireachdainn air.”

“Bhiodh Rìgh Eachann a’ cumail nan cluasan aige am falach fo ad agus crùn.  Bhiodh e a’ fàs gu math crosta nam faiceadh duine sam bith a chluasan, ach am barbair aige.”

“’S e caractar còir agus grot a tha ann an Rìgh Eachann.    Uaireannan bidh a’ dèanamh cus gearain ach bha sinn a’ faireachdainn duilich air a shon cuideachd.”

Crùn Rìgh Eachainn

Tha sinn air a bhith a’ cruthachadh ‘Crùn Righ Eachainn’ agus seo dealbh de aon chrùn.  Chan eil sinn deiseil fhathast oir feumaidh a h-uile crùn cluasan cuideachd! Cuiridh sinn dealbhan a bharrachd an seo airson sealltainn dhuibh nuair a tha sinn deiseil.

Seirbheis Ghàidhlig / Gaelic Service

Thèid Seirbheis Ghàidhlig an Àrd-sheanaidh (aig am bi am Moderator ùr, an t-Urramach Susan Brown an làthair) a chumail ann an Eaglais nam Manach Liath air Là na Sàbaid 20mh den Chèitean aig 1230. Tha fàilte oirbh uile thighinn ann.

The General Assembly of the Church of Scotland Gaelic Service (at which the new Moderator, Reverend Susan Brown will be present), will be held in Greyfriars Kirk on Sunday 20th of May at 1230. A very warm welcome is extended to all.

Pròiseact C2F – 10.05.18

An-diugh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn diofar seòrsaichean lùths agus càite an lorg sinn iad.

Seo na diofar seòrsaichean a dh’ionnsaich sinn:

teasach
solais
fuaim
lastaig
cineatagach
electrigeach
ceimeagach
niùclasach

An uair sin, rinn sinn probhailean saidheans airson fhaicinn mar a tha diofar seòrsaichean lùths ag obair.

Lùths cineatagach

Rinn sinn rocaid a’ cleachdadh balùn agus sreang. Cuideachd, chruthaich sinn tailm a-mach à bann rubair agus maidean.

Lùths fuaim

Bha sinn a’ feuchainn ris an rus a’ ghluasad le diofar fuaimean gus am faiceadh sinn lùths fuaim ag obair. Dh’aontaich sinn gur e na panaichean an rud a bha ag obair as fheàrr, ach dh’fheuch sinn cuideachd le botalan, ar làmhan agus ar guthan.