Buadhairean Sonraichte

Chleachd sinn buadhairean airson dealbh-chunntas a chur air caractaran a tha ann an sgeulachd Ceitidh Mòrag.

Bha sinn a’ smaoineachadh air coltas agus nàdar an caractar. Rinn sinn sanas airson actaran a lorg airson dealbh-chluich Ceitidh Mòrag.

Bha sinn ag obair ann am paidhirichean agus chleachd sinn na diofar sgilean a th’againn, mar eisimpleir, èisteachd ’s còmhradh, sgrìobhadh agus dealbhadh.

Bloighean san t-saoghal timcheall oirnn

Dh’ionnsaich C3T mu dheidhinn bloighean, le sin dh’ionnsaich sinn briathrachas ùr, mar eisimpleir, slàn, leth, cairteal agus treasamh.

Choimhead sinn air ‘Powerpoint’ airson ar n-ionnsachadh a thoirt air adhart agus rinn sinn postairean airson seo a shealltainn.

Chaidh sinn a-mach dhan raon-chluiche airson bloighean aithneachadh san t- saoghal timcheall oirnn.

                     

Ben Mac a’ Phearsain a’ tadhal air c3

Thàinig Ben Mac a’ Phearsain BPA airson bruidhinn rinn mu ar n-àrainneachd. Dh’innis e dhuinn gun robh esan air traigh Phortobello a sgioblachadh. Bha sinn a’ smaoineachadh air diofar rudan a chleachdadh an àite plastaig agus dè as urrainn dhuinn a dhèanamh airson saoghal nas fheàrr a bhith againn. Dh’ innis sinne dha gu bheil seòrsa Pàrlamaid again fhìn anns an sgoil againne le Guth Sgoilear.

Ben Mac a’ Phearsain air chèilidh

Seachdain Clas 3N

Thàinig Ben Mac a’ Phearsain, Ball Pàrlamaid Albannach, air chèilidh air Clas 3 Diluain.  Bha e ag innse dhuinn mu thruailleadh, gu sònraichte truailleadh plastaig.  Dh’innis e dhuinn gun robh e air a bhith a-mach a’ cruinneachadh sgudal agus a’ sgioblachadh ghnothaichean mun cuairt air Lite, agus ann an Cramond, aig an deireadh-sheachdain.  Thog e tòrr mòr sgudal.  Thadhal Ben oirnn a chionn gun do sgrìobh Clas 3T litrichean thuige.   Dh’innis Ben dhuinn cuideachd beagan mun obair aige.  Thuirt e gun robh gach latha diofraichte bho làithean eile, agus gun robh e a’ còrdadh ris oir is urrainn dha daoine a chuideachadh.

 

Ben Mac a’ Phearsain air chèilidh

Sgrìobh sinne gu Ceit Fhoirbeis, Ball Pàrlamaid Albannach, agus tha sinn an dòchas gun sgrìobh i air ais thugainn sa Ghàidhlig, no gun tig i gar faicinn uaireigin.  Dh’innis sinn dhi gun robh sinn den bheachd gun robh plastaig a’ dèanamh cron sgriosail air an àrainneachd.

Litir do Cheit Fhoirbeis

 

Tha sinn air tòiseachadh air ionnsachadh mu charactaran agus mar a tha ùghdairean a’ cruthachadh caractaran, tro na sgeulachdan ‘Ceitidh Mòrag.’  Bha sinn a’ smaoineachadh air buadhairean airson innse mu na caractaran a nochd anns na leabhraichean.  Tha sinn ag obair air postairean ‘A DHÌTH’ a chruthachadh le fiosrachadh mionaideach a thaobh coltas agus caractar Ceitidh Mòrag.  Chì sibh toiseach tòiseachaidh ar n-obair an seo.

Seo taghadh de dhealbhan ‘Ceithidh Mòrag’ a chruthaich sinn airson ar cuideachadh greim fhaighinn oirre!

 

 

Matamataigs S.E.A.L

Pom Pom: Chluich sinn geama airson fàs nas cinntiche le cur-ris. An seo bha againn ri paidhrichean fhaighinn a nì 9.  Cia mheud paidhir diofraichte a th’ann?  0 + 9      1 + 8      2 + 7    3 + 6    4 + 5   …

      Geama – dèan 9

Rocky: Is urrainn dhuinn àireamhan gu 100 aithneachadh agus is urrainn dhuinn an cur ann an òrdugh. Chuir sinn ar sgilean gu feum ann an geama air a’ choimpiutair.

 

Tha fios aig clas 6 dè rinn thu sna làithean-saora!

Fad na seachdaine seo, bha sinne ann an Clas 6 a’ sgrùdadh.

An tòiseach chluich sinn geama le cèistean gus faighinn a-mach dè a rinn sinn fad laithean-saora na Càisge. An dèidh sin, chuir sinn na cèistean air Clas 7, Clas 5N, agus Clas 5V.

Tha fios again a-nis gum bi sinn a’ fuine nas trice nan clasaichean eile; chaidh a’ chuid mhòr de Clas 7 a-mach à Dùn Èideann; agus chluich Clas 5N innealan ciùil nas trice nan clasaichean eile!

Turas iongantach gu Gailearaidh Dhealbh C4C

Tha sinn ag ionnsachadh: cunntas a sgrìobhadh le fiosrachadh agus buadhairean.

Cunntas ann an òrdugh

Fiosrachaidh – dè chunnaic/ dh’ionnsaich / rinn sinn

Buadhairean – faclan a tha a’ toirt tuairisgeul seachad

An toiseach rinn sinn mesadh-riosg, bha sinn a’ faighinn caraid an uair sin, chaidh cuid againn dhan taigh-bheag mòr an uair sin thòisich sinn a’ coiseach gu a’ Ghalaraidh Nàiseanta. Choisich sinn 1.3 mìle suas an rathad.

Aig a’ Ghalaraidh spaideil bha dealbhan mìorbhaileach air a’ bhalla. Cho sona ri bròg chaidh sinn gu seòmar beag an uair sin bha sinn air ar sgapadh ann an dà bhuidheann an uair sin bha boireannach ruadh cùrlach ag ràdh gun tèid buidheann a h-aon a’ dèanamh dealbhan an toiseach agus chaidh buidheann a dhà dhan Ghalaraidh a’ dèanamh quiz.

Gu luatha fhuair sinn bòrd beag dearg is peansail àbhaisteach an uair sin chaidh sinn dhan talla mhòr spaideil. Nach buidhe dhuinn bha sinn a’ dol mun cuairt a’ Ghalaraidh iongantach, an toiseach bha sinn a’ dol gu an àite far an robh na dealbhan camera de leanabachd is òigeachd. An uair sin chaidh sinn suas an straidhe gu sàmhach gu galaraidh le dealbhan àlainn aosta a pheant daoine gleusta. Às dèidh sin bha aon cheist ann ag ràdh gun fheum sinn leanabh a lorg a bha na Rìgh nuair a bha e dìreach 3 mìosan deug a dh’aois is bha an t-ainm aige James VI. Gu sàmhach chaidh sinn sìos an straidhre dhan seòmar a-rithist gus suaip a dhèanamh.

An toiseach bha a’ bhoireannach bhrèagha ag ràdh nach robh ceart no ceàrr ann an uair sin bha i ag ràdh gu robh sinn ag obair le charcoal salach. Gu snog bha a’ bhoireannach agus Mgr McGuire a’ cur sinn air beulaibh easal gluasadach. Gu barraichte bha sinn a’ dèanamh dealbh againn le sgàthan agus a’ cur pìosan soilleir air le sguabadair mì-sgiobalta cuideachd nuair a bha sinn a’ dèanamh am portrait fhuair sinn ink dubh cuideachd chuir sinn e air ar làmhan mar sin bha sinn a’ dèanamh lorgan-làimhe air a’ phàipear thiugh.

 

Fèill Lìte / Leith Festival Funfair

For many years now Taylor’s Funfair, who are present on Leith Links for part of Leith Festival, have very kindly opened for a “funtime” for local children with any form of additional support needs.  Any of our children who may benefit from this kind gesture are welcome to visit the funfair on Thursday 7th June between 1pm and 3pm (or part thereof!).

Taylor’s have all the necessary Health and Safety requirements in place, and are vigilant in making sure the children have an enjoyable and safe time.  If you would like more information please contact Rita Crombie on 554 1709 or email rita@sausages.co.uk

Cross Country Race

 

On Friday 20th April a group of boys and girls from C6 and C7 represented the school in this year’s Edinburgh Primary School Sports Association (EPSSA) Cross Country Race at Inverleith  Park. 54 schools were registered in this event so as you could imagine there were a lot of children competing in each race!  Our teams should be incredibly proud of themselves for what they achieved and the fantastic attitude they showed throughout the day.   Their team spirit was commendable.

Thank you to all parents for supporting the teams both prior to the event and on the day.

For some children one Cross-Country race wasn’t enough and so the next day they attended the Scottish Schools Athletic Associations (SSAA) Cross-Country Race  at Kircaldy High School.  Congratulations to the four C7 children involved.  Wear those hoodies with pride! Thank you again to the parents who supported the team on this day.