Clas 3T – Na Lochlannaich le Clas 3

Chaidh sinn còmhla ri ar caraidean ann an Clas 3N agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn beatha nan Lochlannaich. Bha a’ Bh-Uas. NicAsgaill ag innse dhuinn gur e Lochlannach a bha na seanmhair bho chionn fhada an t-saoghail.

Rinn sinn practas air Faclan Cumanta 2 a sgrìobhadh air bùird geala. Thagh sinn eadar aon chillidh, dà chillidh agus trì chillidhean. Dh’fheumadh sinn seantansan a dhèanamh le facail sònraichte.

<

Le caraid, bha againn ri seasamh an àrd le ar gàirdeanan ceangailte agus druim ri druim. Bha e doirbh ach rinn sinn a’ chùis còmhla.

Clas 3N – Seachdain sgoinneil anns a’ ghrian

Abair deagh làithean a tha air a bhith againn anns a’ ghrèin! Tha sinn air iomadh cothrom a ghabhail a bhith ag ionnsachadh a-muigh.

Diluain thàinig Mamaidh Arley agus Erin airson bruidhinn rinn mu bhith sàbhailte anns a’ ghrian.  Thagh i deagh sheachdain airson innse dhuinn ciamar a sheallas sinn as ar dèidh fhèin oir tha i air a bhith grianach fad na seachdain.  Airson a bhith sàbhailte anns a’ ghrian feumaidh tu;

Leigheas grèine

Ad

Speuclairean grèine

 Uisge ri òl

Agus ma tha thu ro theth, suidh ann am fasgadh na grèine.

Dimàirt chaidh sinn a-mach dhan raon-cluiche airson obair Slàinte agus Sunnd.  ‘S e ‘Dèan Diofar’ an topaig a tha againn an-dràsta airson Slàinte agus Sunnd.  Rinn sinn beagan dràma a-muigh airson a bhith a’ smaoineachadh mu ciamar a nì sinn diofar.  Bha sinn ag obair ann am buidheannan ag obair air suidheachaidhean a rinn sinn suas sinn fhìn.  Bha aon bhuidheann ag obair air dè bu chòir dhuinn  dèanamh airson cuideigin a chuideachadh anns an raon-chluiche nuair a tha daoine ag ràdh rudan nach eil còir.  Bha sinn a’ leigeil oirnn gun robh sinn anns an suidheachadh sin agus bha e sgoinneil!

Diardaoin, ghabh sinn an cothrom a bhith a-mach sa ghrèin a-rithist! ‘S e latha sònraichte a bha ann airson clasaichean a bhith ag ionnsachadh a-muigh.  Ghabh sinne beagan spòrs le ròpa-sgiobadh, friosbaidh agus a’ cluich diofar gheamaichean bhuill.  Chòrd e rinn uile!

Tha sinn an dòchas gum bidh deagh shìde ann airson an deireadh-sheachdain – gu sònraichte le latha a bharrachd far na sgoile! 

Prasgan Concert

9th June 2018 7pm for 7.30pm
A wonderful chance to hear the sublime voice of Kathleen Macinnes in the beautiful Thomas Morton Hall at Leith Theatre, along with Pàdruig Morrison on accordion, Amy Geddes on fiddle with Donald Knox on Guitar, in addition to Prasgan Choir, Gràisg teenage music group and The Ladybirds (ukelele troup).
Tickets are only £7 or £5 concession (unemployed/child/OAP) and are now available on Eventbrite.
This event is suitable for families but everyone must have a ticket.
Concert kicks off at 7/7.30pm with a bar, teas and a raffle. It will be a wonderful event raising funds for a fantastic charity.

Cuairtean Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba sa Ghàidhlig!

Tha Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba air dà cheann-là a thoirt seachad far am faighear an cothrom cuairt fhaighinn sa Ghàidhlig. Tha a’ chiad fhear ann air Dihaoine an 18mh là den Chèitean do luchd-ionnsachaidh agus an dàrna fear air Disathairne an 2rna là den t-Ògmhios do fileantaich.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo:

https://www.nms.ac.uk/national-museum-of-scotland/whats-on/gaelic-language-tour-turas-g%C3%A0idhlig/

Cluba às dèidh na sgoile / Edinburgh Zoo Afterschool Club

Tech Monkeys is an afterschool club for P4 – P7 which will run for 4 weeks on Thursdays starting 24th May from 4-5pm (with entry to the Zoo until 6pm.) One parent or carer will be offered free entry to the Zoo for the duration of the session whilst their child attends. The total cost for the 4 weeks is £24.

Topics to be covered will include building your own camera trap using a Raspberry Pi, media production and editing, QR trails, VR experiences and much more.

 

Ag ullachadh greim-bidh fallain

Diciadain rinn an clas greim-bìdh anns an rùm còcaireachd.  Chleachd sinn measan agus rinn sinn kebabaichean bhlasta.  Nigh sinn ar làmhan, ghlan sinn na measan agus gheàrr sinn an àrd na measan airson an cuir air maidean bheaga.  Ium ium!

A’ Tomhais Faid C1U

Tha Clas 1 Uaine ag ionnsachadh faid rudan timcheall oirnn a thomhais.  Chleachd sinn ciùban, cliopan pàipear, ar casan agus slatan airson iomadh rud anns a’ chlas a thomhais.  Chlàr sinn de cho fada ‘s a bha gach rud air pìosan pàipear is bhruidhinn sinn mun deidhinn còmhla.

Pròiseact Fàs

Tha sinn air leth toilichte innse dhiubh gun deach neach-ealain Rona NicDhòmhnaill ainmeachadh mar neach-ealain (Artist in Residence) le Imaginate airson pròiseact ùr an ath sheisean aig Taobh na Pàirce. Tha sinn air obrachadh le Imaginate mar tha agus tha a’ chlann an còmhnaidh a’ faighinn tòrr às gu cruthachail agus a thaobh cànan.  Leugh tuilleadh mu dheidhinn an seo.  https://www.imaginate.org.uk/artists/projects/fas

K Wight

C1 Buidhe- Kebabs Measan

Mar phàirt den chuspair againn mu bhiadh, rinn na sgoilearan kebabs le measan. Dh’ionnsaich sinn carson a tha e cudromach gu bheil sinn a’ nigheadh ar làmhan mus deasaich sinn biadh agus ciamar a tha sinn a’ cumail sàbhailte mun cuairt stùth chidsin. Cuideachd, dh’ionnsaich sinn cànan Gàidhlig airson measan agus bruidhinn mu dheidhinn a’ bhlas aca. Chòrd seo rinn gu mòr agus bha na kebabs againn blasta agus fallain!