C5N Farpais-cheist

Bha Clas 5 N a’ lorg fiosrachaidh ann an leabhraichean. An urrainn dhuibh na ceistean seo a fhreagairt?

A bheil barrachd bhaidhsagalan no barrachd charaichean anns an t-saoghal?

Cia mheud cnàmh a tha ann an inmheach ?

Dè am prìomh bhaile a tha am broinn prìomh bhaile eile?

Cò  a sgrìobh  teòiridh  gnè-fhàs?

An t-Earrach

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn an Earraich anns an Sgoil-àraich.

An t-Earrach

(an cher-rach)

The Spring

 Tha an t-Earrach an seo!

 (Ha an cher-rach an show)

Spring is here!

Clas 2F – 20.04.18

Tha sinn air a bhith gu math trang ann an Clas 2F an t-seachdain seo le bhith tòiseachadh air deasachadh airson teirm ùr.

Litearrachd


Tha sinn a’ coimhead gu mionaideach air stòiridhean agus an t-seachdain seo, choimhead sinn air an leabhar ‘An Fhaochag agus a’ Mhuc-Mhara’ – abair gun do chòrd e rinn! Bhruidhinn sinn mun phrìomh phlota agus ar beachdan air an stòiridh. An uair sin, chruthaich sinn ‘striop comaig’ ann am buidheannean beaga airson sealltainn na thachair.

Matamataig


Chluich sinn geama ann am Matamataig far an robh feum againn innse dè an àireamh a bha gach dotag a’ riochdachadh agus chleachd sinn seo airson obrachadh a-mach dè bha air cùl gach comharra.

Pròiseact – Aimsir


Thòisich sinn ar pròiseact ùr an t-seachdain seo agus bhruidhinn sinn mu dheidhinn na bha fhios againn mu thràth agus dè bha sinn ag iarraidh faighinn a-mach. Bha tòrr bheachdan sònraichte againn.

Slàinte agus Sunnd

Dh’ obraich sinn air ar sgilean motar ann am P.E. ‘s bha feum againn obrachadh aig diofar stèiseanan.

Clase 6 – Español

Esta semana hemos hablado sobre las vacaciones de Semana Santa. Hemos aprendido algunos verbos en español y su forma en pasado.
¡Qué buenas vacaciones!

Class 5 – Everyday First Aid workshop

As part of our H&W program, class 5 have had the opportunity to participate in An Everyday First Aid workshop led by British Red Cross. Class 5 pupils have learnt valuable First Aid skills, for example, responding to someone who is unconscious and breathing/not breathing. The workshop was very successful and excellent feedback was given by the pupils after the workshop.

A’ chiad bhlog air-loidhne aig Clas 4c

Gu spòrsail ann an ealain bha sinne a’ dèanamh earaball-iteach mìorbhaileach airson na ‘Birds of Paradise’ againn gus am bidh iad cha mhòr deiseil.

Gu h-inntinneach ann an spòrs bha sinn a’ tòiseachadh an cuspair ùr againn athletics, gu h-inntinneach bha sinn a’ dèanamh sprinteadh cuideachd. Bha a h-uile duine cho luath ri each!

Gu barraichte math, ann an ceòl dh’ionnsaich sinn òrain luaidh, nach buidhe dhuinn! Gu h-inntinneach ann an òran luaidh bidh beum agus ruitheam ann cuideachd. Feumaidh tu beum a dèanamh le do dhà làimh air do ghlùinean.

Gu h-obann, ann am matamataig bha sinn a’ dol a-mach a chionn ’s gu robh a’ ghrian a’ deàrrsadh cho brèagha ri diamand!

Cò a chreideadh, ann an sgrìobhadh gu robh sinn a’ sgrìobhadh air dè na rinn sinn aig na saor-làithean dà thriob a bha mìorbhaileach math oir cha robh a’ Bh-uas Hoy ann.

Cho sona ri bròg, dh’ionnsaich sinn ann an slàinte is sunnd gun urrainn dhuinn an t-saoghal atharrachadh, a dh’aindeoin sin bha daoine olc (mar eisimpleir an Taliban) ag ràdh nach fhaod sinn an t-saoghal atharrachadh.  Cuideachd choimhead sinn air bhideothan mìorbhaileach mu dheidhinn Kid president agus Malala a bha ag innse dhuinn ciamar as urrainn dhuinn an t-saoghal atharrachadh air sgàth ’s gun urrainn dhuinn an t-saoghal atharrachadh.

Gu snog ann am fonaigs bha sinn a’ cur dathan air faclan Beurla agus bha sinn gan sgrìobhadh sìos.  Cuideachd bha againn ri bhith gan cur ann an seantans.

Chì thu an obair againn.  An t-seachdain seo bha sinn ag ionnsachadh an diagraf ay.  Cuideachd mar chlas sgrìobh sinn liosta de dh’fhaclan ‘ay’ mar dismay, paying, clay agus May.

 

Fàilte dhan làrach-lin ùr againn!

A Charaidean,

Fàilte dhan làrach-lìn ùr againn! Tha min dòchas gum bi an susbaint feumail is inntinneach dhuibh.

Bhithinn gu h-àraidh a’ moladh bhlogaichean nan clasaichean, far an lorg sibh naidheachdan is seallaidhaidhean  ionnsachaidh  air feadh na  sgoil.

A’ gluasad air adhart, bidh sinn a’ beachdachadh air mar a tha sinn a’ cleachdadh na làraich; na rudan a tha ag obrachadh gu math agus ag obair gus taic a chur ri ar n-òigridh agus ar teaghlaichean air-loidhne.  Ma tha beachdan sònraichte sam bith agaibh, feuchaibh gun cuir sibh fios thugainn aig oifis na sgoile.

Welcome to our new website! I hope that the content will be useful and interesting for you.

I would particularly recommend the class blogs, where you will find news and highlights  of learning across the school.

Going forward, we will be reflecting on how our website is progressing and how it can be best used to support our learners and families.  If you have any particular thoughts or suggestions on our website, please do not hesitate to get in touch with the school office. 

Le gach deagh dhùrachd,

Anna NicPhàil

 

 

Roinn ann an Clas 3N

Tha sinn air a bhith a’ roinn le bhith a’ cleachdadh loidhne-àireimh, a’ smaoineachadh mu ‘theaghlaichean àireimh’ agus ag obair air rudan a chur ann am buidheannan airson an roinn.

Chruthaich sinn postairean airson na diofar dòighean obrach againn a shealltainn agus chòrd seo rinn gu mòr.

Seo eisimpleirean de cuid a phostairean a rinn sinn.

Postairean Roinneadh Clas 3N