ST 9.5.21

Ann an spòrs, thòisich sinn luth-chleasachd. Cuideach, chum sinn oirnn le Quidditch.

Chriochnaich sinn an leabhar againn. ‘S e ‘Danny the Champion of the World’ a bh’ann. ‘S e leabhar math a bh’ ann.

Anns an raon-cluiche, thoisich sinn geama ur leis an t-ainm ‘creepy dolls’.

Tha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn ar bhodhaig. Rinn sinn structuran agus smaoinich sinn mu dhiedhinn mar a tha ar cnaimhneach ag obair.

Sgrìobh sinn sgeulachd cruthachail mu dheidhinn Abe agus Alba. Chan eil
fios againn far a bheil na peansailan agus rubbers againn! Saoil a bheil Abe agus Alba as coireach?

Seo ar sar sgriobhadairean; Baxter, Islay Rose agus Oliver.

Clas Uaine

Tha e air a bhith na sheachdain thrang eile ann an C1 an t-seachdain seo, le tòrr ionnsachadh spòrsail. An athsheachdain bidh an clas ag ionnsachadh dà dhiagraf ùr, ch agus mh (ch a’ dèanamh fuaim k agus mh a’ dèanamh fuaim v) 

Seo ceangal mhath de bhidiothan a tha a dèanamh mìneachadh a bharrachd air na diagrafan sin; https://www.bbc.co.uk/programmes/b016vyvh/clips?page=1

Bidh an clas a’ dèanamh barrachd mun sgeulachd Na Trì Gobhair Ghreannach agus a’ bruidhinn mu na faireachdainnean aca mun sgeulachd. 

Mar eisimpleir:

 Is toil leam an sgeulachd oir tha e èibhinn (I like the story because it is funny)oir tha na gobhair glic (becasue the goats are clever). Cha toil leam an sgeulachd oir tha na troich olc (I do not like the story because the troll is evil). 

Ann an àireamhachd, tha an clas ag ionnsachadh mar a chuireas iad ris agus mar a bheir iad air falbh suim taobh a-staigh 10sg, agus tha iad a’ tuigsinn mar a gheibh iad iomlaid air ais bho neach-bùtha tro a bhith a’ cluich. 

Deireadh sheachdain mhath dhuibh 😊  Continue reading “Clas Uaine”

Clas 1 Uaine

Halo a h-uile duine, tha mi an dòchas gu bheil sibh gu math. Tha an clas a’ dol a thòiseachadh air na diagrafan  Ghàidhlig ionnsachadh an ath-sheachdain, a’ tòiseachadh le th agus bh;
Seo eisimpleir den dà chuid:

Tha mi anns an sgoil an-diugh.

Bha mi anns an sgoil an-dè.

An ath-sheachdain, tòisichidh an clas air sgeulachd ùr, Na Trì Gobhair Ghreannach (Three Billy goats Gruff). Bruidhnidh sinn mu na rudan as toil leinn agus nach toil leinn mun sgeulachd.
Seo bhidio dheth air leughadh a-mach;  Na Trì Gobhair Ghreannach
Ann an àireamhachd,  bidh an clas ag ionnsachadh barrachd mu na buinn 1sg, 2sg, 5sg agus 10sg
Tha iad a’ leantainn air adhart a bhith a’ cur ris  cruinneachadh de dà bhuidheann agus is e àireamh na seachdain againn 8. Bidh an clas ag obair air bannan àireamh gu 8.

Deireadh sheachdain mhath dhuibh 😊