Campa Sradagan 2018 / Sradagan Summer Camp

From Sradagan:
“Tha sinn a’ cur fàilte air sgoilearan Gàidhlig 9-12 bho air feadh Alba. Bidh Campa Sradagan làn spòrs ‘s fealla-dha, cur-seachadan agus cothroman gus eòlas a chur air cloinn bho air feadh na dùthcha.
We welcome all children 9-12 years old from throughout Scotland to Campa Sradagan (Gaerlic medium) 2018. The camps will be fun-filled with an active programme of activities to suit all. It’s also a great way to make new friends in a great place!”
For more information or to book, visit these links:
Campa Sradagan 1 2018
Campa Sradagan 2 2018

An t-Ollamh Goldblatt a’ Tadhal air C7 – Cuspair – Iùdhachd

An teirm seo chaidh ann an cuspair bha sinn a’ coimhead air Iùdhachd is an-diugh thàinig an t-Ollamh Goldblatt bho Chomhairle Choimhearsnachdan Iùdhach na h-Alba a chèilidh oirnn.  Dh’innis e beagan mu dhèidhinn na h-innealan sònraichte a bhios Iùdhaich a’ cleachdadh.  Dh’ionnsaich sinn tòrr.

“Dh’ionnsaich mi gum bitheadh daoine a’ togail an Tallit suas air muin an dithis a tha air pòsadh is gum bidh daoine gan togail,” thuirt Matthew.

“Cha robh fios agam gun robh ceann-làithean Iùdhach stèidhichte mun cuairt air a’ ghrian,” thuirt Esther.

Taing mhòr do an t-Ollamh Goldblatt airson tighinn dhan chlas.

 

 

Blog a’ cheannard: Seachdain trang, mar as àbhaist!

Thill  a’ Bh-uas. Nic Ille Ruaidh Diluain; abair deagh naidheachd! An teirm seo bidh i a’ toirt taic dha sgioba na sgoil-àraich le fèin-measadh agus ag obair air  prògram eadar-ghluasaid airson sgoilearan ùra c1.

Mrs Reid returned to work on Monday; what great news! This term she will be supporting the nursery team with self-evaluation, and will be working on the transition programme for our new c1 pupils .

Agus thàinig Ben Mac a’ Phearsain ( B.P. A. Dùn Eideann a Tuath is Lìte) air chèilidh air c3. Bha deasbad aca air plastaig agus ar n-àrainneachd agus dòighean ath-chuartachaidh. An uair sin, chaidh e mun chuairt na sgoile le sgoilearan ‘Guth Sgoileir’.

Ben MacPherson, MSP, met with C3 to discuss environmental issues. He enjoyed seeing round the whole school and meeting lots of his constituents.

Chuir ar tidsearan crìoch air an t-seachdain aig seisean trèanaidh air measadh, còmhla ri co-obraichean bho na sgoiltean eile a tha ceangailte ri Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig. Bha e gu math feumail dhuinn.

On Friday afternoon, teachers attended a training session on assessment and moderation with our cluster colleagues. Mrs MacLeod and Miss Brown fed back on the training day they attended with HMIE.

C5N a’ rannsachadh an nobhail Luchrabain Lìonmhor

Bha Clas 5N a’ rannsachadh leabhar agus a’ freagairt cheistean fosgailte agus dùinte.

“Bha ceistean A furasta agus bha ceistean B doirbh.  Le ceistean B bha againn ri leughadh eadar nan loidhneachan agus smaoineachadh gu cruaidh”

Nì sinn ceistean C an ath-sheachdainn.  Bidh sinn a’ lorg fianais anns an leabhar.

C1 Buidhe- Sgrìobhadh àireamhan.

An t-seachdain seo tha clas a h-aon buidhe air a bhith ag ionnsachadh ciamar a bhios tu a’ sgrìobhadh àireamhan bho 0 gu 10. Fhuair sinn leabhraichean matamataigs ùra agus tha sinn air a bhith ag obair tromhpa aig a’ cheum againn fhèin. Tha sinn air a bhith ag obair gu math cruaidh air seo is tha na leabhraichean ùra againn a’ cordadh rinn gu mòr.

 

C2F – 26.04.18

An diugh, thàinig ar caraidean ann an clas 5 a-steach a chèilidh oirnn ‘s obraich sinn còmhla riutha air ar leabhraichean leughaidh. Tha sinn a’ leughadh ‘Montaidh aig an tràigh’ an dràsta. Dh’ aontaich sinn gur e  am pàirt leis an t-siorc am pìos as fheàrr !

Ann am matamataigs, tha sinn air a bhith ag obair air arraighean a chrutachadh ‘s dh’ obraich sinn còmhla airson baile ùr a chruthachadh. Bha bhòt againn ‘s bha sinn ag iarraidh  an ainm ‘Baile Tocaidhdo’  a chur air.

Seo agaibh ‘Baile Tocaidhdo’.

Seachdain C4C

Gu h-inntinneach ann am matamataig rinn sinn grid references a bharrachd air a sin rinn sinn dealbhan mìorbhaileach le grid references.

Gu spòrsail aig parkour bha sinn ag ionnsachadh seòrsa de leum le landing position gu brònach dh’fheumadh sinn dhol air ais dhan sgoil cuideachd ghabh a’ Bh-uas Hoy pàirt ann, bha i uabhasach math.

Gu h-inntinneach bha sinn ag ionnsachadh ma dheidhinn cùis mhòr is cùis bheag ann an social detectives mar sin bha sinn a’ coimhead air bhideo de sanas Ameriganach ionantach is èibhinn agus bha an duine ann air stad air straidhre-gluasadach às dèidh sin bha iad an–sin fad na h-oidhche. Gu fortanach bha fhios againn gu robh dòigh nas fhasa ann a bhith a’ dèiligeadh ris, mar a bhith a’ coiseachd suas an straidhre-gluasadach.

Gu sònraichte ann an fonaigs dh’ionnsaich sinn na diagrafan igh, ay agus ee mar sin bha sinn a’ cluich hangmouse inntinneach, doirbh le faclan mar fortnight.

Buadhairean Sonraichte

Chleachd sinn buadhairean airson dealbh-chunntas a chur air caractaran a tha ann an sgeulachd Ceitidh Mòrag.

Bha sinn a’ smaoineachadh air coltas agus nàdar an caractar. Rinn sinn sanas airson actaran a lorg airson dealbh-chluich Ceitidh Mòrag.

Bha sinn ag obair ann am paidhirichean agus chleachd sinn na diofar sgilean a th’againn, mar eisimpleir, èisteachd ’s còmhradh, sgrìobhadh agus dealbhadh.