Partaidh le Piotsa Clas 3N

Gus soraidh slàn a thoirt air Clas 3 bha partaidh againn, le piotsa! Thàinig am piotsa thugainn – shuas an staidhre cuideachd, agus ’s e a bha blasta! Chord ee rinn gu mòr a bhith a’ suidhe còmhla agus a’ gabhail biadh còmhla mar chlas airson deireadh na bliadhna a chomharrachadh. Deagh shaor-làithean dhuibh uile!

Clase 6 español- Fiesta fin de curso

Los estudiantes de español de la clase 6 han celebrado el fin de curso con una mini fiesta española. Algunos de los alumnos han preparado unos riquísimos pinchos de tortilla y pinchos de chorizo, y han probado el gazpacho por primera vez. Buen trabajo clase 6!

 

Faclan ‘-tion’ C4C

Gu mìorbhaileach sgrìobh sinn 86 faclan -tion an-diugh, cuideachd, bha iad iongantach math!

Seo feadhainn eile nach b’ urrainn dhuinn a chur air a’ bhòrd:  reception, sanction, dictionary, incarnation, levitation, injection, starvation, dehydration, sanitation agus hydration.

An t-seachdain C4C

Gu spòrsail ann an parkour bha sinn a’ cluich geamanan cho spòrsail ri cuilean, anns na geamanan bha sinn a’ dol mun cuairt an scaffolding a’ dèanamh vaults.

Gu sona ann an slàinte is sunnd bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn slàinteachas pearsanta airson postairean mìorbhaileach a chruthachadh.

C4 Maths

In maths this week, we have been learning about how to gather information and use it to make a bar chart.

We used tally marks to make it easier to count the numbers. They gave us a very quick way of counting up in 5s. Our investigation questions was: When is your birthday?

We gathered all of the classes birthdays and made them into a bar chart to show how many birthdays were in each month. The chart had to have a scale on the vertical axis and labels on the horizontal axis. It also had to have a title to tell us what the information was all about.

When we had made the chart, we had to count the tally marks and draw the bar going to the correct number on our chart.

C4H Last Parkour Lesson

Today was our last day at Parkour! We were set a challenge to use all of the skills that we have learned and we had to get from one side of the room to the other side of the room. The tricky thing was we had to try to do it without touching the floor. Then to make it even trickier we were aiming to do it 200 times in 15 minutes!

We worked together to complete the challenge and… we did it!!

We talked about what we thing Parkour is…

  • Sometimes it can be risky but it is worth it
  • Fun
  • Suitable for all ages
  • When you find different ways to manouver around the room over different obstacles
  • Learning about risk
  • Taking risks
  • A sport for everyone
  • About trying hard and trying again

 

Seachdainn Saoghal Obrach ann an Clas 2

An t-seachdainn sa chaidh, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn obair dhaoine eile mar phàirt den phròiseact againn, ‘Saoghal Obrach’.

Thàinig A’ Bh-Uas NicThòmais a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair inntinneach mar neach-naidheachd. Dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn ag innse sgeulachdan le dealbhan.

Thàinig A’ Bh-Uas Pooley a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair a’ teagasg Iapanais do dh’inbhich. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn cultar Iapanach agus facal neo dhà ann an Iapanais.

 

 

Thàinig Nurs Firth a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann an ospadal. Dh’ ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ cur bann cheart oirnn nuair a tha sinn air ar goirteachadh agus cuideachd, chleachd sinn steatascop airson èisteachd ri ar crìdhean.

 

 

 

Thàinig A’ Bh-Uas Bryson a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair ann am bùth comaig. Bha tòrr dheilbh aice mu dhiofar ghaisgich agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ‘manga’.

 

Thàinig ‘Dotair Crumbles’ a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn a h-obair mar chleasaiche ann an ospadalan. Abair gun robh i èibhinn!

 

 

 

Thàinig A’ Mhgr MacThòmaiss a-steach a bhruidhinn ruinn mu dheidhinn obair mar fhiaclair. Sheall e dhuinn diofar dhealbhan de ghathan-x agus dh’innis e dhuinn mar a tha sinn a’ coimhead as dèidh ar fiaclan.

Tapadh leibh dhan a h-uile duine a thàinig!

Clas Uaine

Ann an Clas 1 tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mun diofar eadar beatha sna h-eileanan agus beatha sa bhaile mhòr. Leugh sinn Ceitidh Mòrag, choimhead sinn air dealbhan John Lowrie Morrison agus dh’èist sinn ri sgeulachdan Mrs Cunniffe mu bhith na nighean bheag ann an Leòdhas.

Ann an ceòl dh’ionnsaich sinn na h-òrain, ”S ann an Ìle’ agus ‘Eilean Fraoich’.

Rinn a’ chlas dealbhan brèagha mu na chì thu air eilean is dh’fheuch sinn sgrìobhadh a chur ris. Abair obair mhath a rinn iad uile!

 

Tha na h-orain rim faighinn an seo:

Eilean Fraoich:  https://www.youtube.com/watch?v=TM8RA64cbGs

S ann an Ìle:  http://www.celticlyricscorner.net/puirt/sann.htm