Ath-Chuairteachadh

An t-seachdain seo, bha sinn a’ bruidhinn mun àireannachd. Bha sinn a’ bruidhinn mu dhèidhinn mar a bhios sinn ag ath-chuairteachadh cairt agus pàipear. Tha clas 1 uaine ag ath-chuairteachadh na càirtean bainne aca, agus gan cur dhan sgudal-ath-cuairteachaidh.

Na McCoos!

Tha Clas 4D air a bhith gu math trang a’ dèanamh McCoos an t-seachdain seo.
Seall air an obair mhìorbhaileach againn le dathan brèagha agus sollier!


Bha sinn den bheachd gu robh sgeulachd aig an luchd-ealain glè inntinneach. Chan eil e a-riamh ro fhadalach airson rudeigin ùr fheuchainn!

A’ dèanamh adhartas le sgrìobhadh

Ann an clas a h-aon an t-seachdainn seo tha sinn air a bhith trang a’ leasachadh ar sgilean le bhith tarraing dealbhan.  Tharraing sinn dealbhan mu ghearradh fuilt.  Dh’ionnsaich sinn a bhith dealbhadh falt, a’ dèanamh cinnteach gu robh sinn a’ sealltainn tòrr mion-fhiosrachadh nar dealbhan.

 

Dealan

Mar phàirt den phròiseact againn air dèideagan, tha Clas 1 air a bhith ag ionnsachadh mu dealan.  Dh’ionnsaich sinn cuid de na doighean a thèid  dealan a chruinneachadh agus bha sinn a’ beachdachadh an robh iad glan no nach robh.

Rinn sinn seòrsachadh air diofar dhèideagan agus smaoineachadh sinn an robh iad a’ cleachdadh dealan no nach robh.  Dh’fhosgail sinn seann rèidio agus meur-chlàr agus tha sinn air a bhith a’ coimhead nam broinn gus faicinn mar a tha iad ag obair.


Am Bodhaig – Clas 6T

An teirm seo, tha sinn gu bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn ‘Am Bodhaig’.  Thòisich sinn le bhith a’ cur leubailean air bodhaig sa chlas agus an uair sin, chluich sinn geama air na h-iPads far an robh ceisteachain bheaga againn an aghaidh ar caraidean. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn obair gach òrgan. 

Ma tha sibh deònach barrachd rannsachaidh a dhèanamh, feuch aig an taigh!  A bharrachd air ar topaig, tha rannsachadh sam bith gu bhith feumail oir ‘s e leughadh/sgrìobhadh airson fiosrachaidh a tha nar fòcas an teirm seo.

Clarsach, kahoot agus ceann, gualainn, glùin is cas ann an Clas 4B

Bha seachdain trang eile aig Clas 4B. Dh’ionnsaich sinn iomadh rud agus bha latha sònraichte againn Dimairt cuideachd oir bha co-latha breith aig dithis anns a’ chlas air an aon latha. Abair spòrs!
Diluain, dh’obraich sinn còmhla ann an dà bhuidheann gus ‘diagram venn’ a chleachdadh airson diofar leabhraichean a sheòrsachadh eadar neo-fhicsean agus ficsean. B’ fheudar dhuinn smaoineachadh an robh fiosrachadh fìor ri fhaicinn anns na leabhraichean agus bha sinn cuideachd a’ coimhead airson rudan coltach ri clàr-innse, clar-amais, dealbhan, tiotalan agus labailean agus fìrinnean. Rinn sinn obair sgoinneil còmhla agus bha a h-uile duine ag obair gu math cruaidh.

Dimàirt, bha an t-am ann airson leasan ukulele eile. Air an t-seachdain seo dh’ionnsaich sinn ‘d minor’ a chluich; bha cuid a’ smaoineachadh gun robh seo gu math furasta agus cuid eile den bheachd gur ann duilich a bha seo. As dèidh sin fhuair sinn greim air na i-Pads agus bha sinn a’ cluich an aghaidh a chèile a-rithist. An turas seo bha sinn a’ cluich ceisteachan airson faighinn a-mach dè cho math is a chuimhnich sinn na faclan ùra airson pairtean cuirp mhic an duine. Tha ‘kahoot’ a’ cordadh ri cha mhòr a h-uile duine ach chan eil e a’ còrdadh ris a’ chlas nuair a tha Miss Brown a’ cluich cuideachd oir bidh ise a’ buannachadh! Dh’fhaodte an ath sheachdain gum buannaich cuideigin eile! Rinn sinn suas diofar faclan airson ‘Ceann, Gualainn, Gluin is Cas, cuideachd!

Aon rud eile – dh’fheuch cuid a dhaoine a bhith a’ cluich na clàrsaich air an t-seachdain seo. ‘S i a’ Bh. Uas. Peterson a bhios a’ measadh cò a bhios a’ faighinn cothrom air clàrsach ionnsachadh. Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ris a seo.

An ath sheachdain ann an ealain le Miss Brown tha sinn gus a bhith a’ coimhead air ealain Steven Brown agus a’ cruthachadh ‘McCoo’ dhuinn fhìn. Feuch gun seall sibh ris a’ bhlog againn Dihaoine gus am faic sibh na ‘McCoos’ a nì sinn!

C3N Seachdain a’ toiseachadh 21.01.19

Cànan – Fonaigs

An t-seachdain seo ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na fuaimean cr, br, dr, fl, gr.  Chluich sinn geamanan is dh’obraich sinn le caraid airson faclan ionnsachadh.

Pròiseact

Tha na lusan againn air a bhith a’ fàs cho àrd bhon a chuir sin iad.  An t-seachdain seo chruthaich sinn stuiridhean airson ciamar a bhitheas sinn a’ cur lusan.  Choimhead sinn air na lusan againn is thomhais sinn iad.  Tha sinn gu math toilichte gu bheil iad uile a’ fàs!

Matamataig

Tha sinn air a bhith ag obrachadh air uiread agus airgead an t-seachdain seo.

Slàint is Sunnd

Chruthaich sinn postairean mu dheidhinn daoine ainmeil a bhitheadh a’ fàilligeadh grunnd tursan.  Dh’ionnsaich sinn gum bi a h-uile duine a’ deanamh mearachdan – fiù ‘s an tidsear!!!

Raibeart Burns

‘S e latha Raibeart Burns a th’ ann an-diugh agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bheatha agus suipeir Burns agus rinn sinne quiz air na IPADs mu dheidhinn dè dh’ionnsaich sinn mu Raibeart Burns.  Tha sinne air bhiorain airson latha Burns!

Turas Mìorbhaileach aig Clas 5C

Gu mìorbhaileach air Dimàirt chaidh sinn gu Caisteal Dhùn Èideann. An rud as mìorbhailiche mu dheidhinn do chuid, is e gun robh e a’ cur an t-sneachd!

Nuair a bha sinn anns an t-seòmar-ionnsachaidh, (a b’ àbhaist a bhith na phrìosan!) bha sinn a’ cur oirnn deisean spaideil aosmhor bho làithean Mhàiri (1542-1587). Chòrd e ris a h-uile duine gu mòr!

Gu h-inntinneach chaidh sinn a-steach do sheòmar gu math beag far an do rugadh Seumas VI rìgh, mac Mhàiri.

Gu h-iongantach dh’fhuirich sinn ann airson dà uair a thìde. Mar sin bha spòrs ar beatha againn.

Gu fortanach fhuair sinn cothrom a dhol a-steach do Chaibeal Naomh Mairead, an togalach as sine ann an Dùn Èideann. Bha tòrr mòr spòrs againn an-sin air sgàth ’s gum faca sinn bòrd snasail ann.

A dh’aindeoin an t-sneachd bha turas math, sgoinneil, inntinneach againn!