Cànan – Fonaigs
An t-seachdain seo ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn na fuaimean cr, br, dr, fl, gr. Chluich sinn geamanan is dh’obraich sinn le caraid airson faclan ionnsachadh.

Pròiseact
Tha na lusan againn air a bhith a’ fàs cho àrd bhon a chuir sin iad. An t-seachdain seo chruthaich sinn stuiridhean airson ciamar a bhitheas sinn a’ cur lusan. Choimhead sinn air na lusan againn is thomhais sinn iad. Tha sinn gu math toilichte gu bheil iad uile a’ fàs!

Matamataig
Tha sinn air a bhith ag obrachadh air uiread agus airgead an t-seachdain seo.
Slàint is Sunnd
Chruthaich sinn postairean mu dheidhinn daoine ainmeil a bhitheadh a’ fàilligeadh grunnd tursan. Dh’ionnsaich sinn gum bi a h-uile duine a’ deanamh mearachdan – fiù ‘s an tidsear!!!
Raibeart Burns
‘S e latha Raibeart Burns a th’ ann an-diugh agus dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn a bheatha agus suipeir Burns agus rinn sinne quiz air na IPADs mu dheidhinn dè dh’ionnsaich sinn mu Raibeart Burns. Tha sinne air bhiorain airson latha Burns!