Clarsach, kahoot agus ceann, gualainn, glùin is cas ann an Clas 4B

Bha seachdain trang eile aig Clas 4B. Dh’ionnsaich sinn iomadh rud agus bha latha sònraichte againn Dimairt cuideachd oir bha co-latha breith aig dithis anns a’ chlas air an aon latha. Abair spòrs!
Diluain, dh’obraich sinn còmhla ann an dà bhuidheann gus ‘diagram venn’ a chleachdadh airson diofar leabhraichean a sheòrsachadh eadar neo-fhicsean agus ficsean. B’ fheudar dhuinn smaoineachadh an robh fiosrachadh fìor ri fhaicinn anns na leabhraichean agus bha sinn cuideachd a’ coimhead airson rudan coltach ri clàr-innse, clar-amais, dealbhan, tiotalan agus labailean agus fìrinnean. Rinn sinn obair sgoinneil còmhla agus bha a h-uile duine ag obair gu math cruaidh.

Dimàirt, bha an t-am ann airson leasan ukulele eile. Air an t-seachdain seo dh’ionnsaich sinn ‘d minor’ a chluich; bha cuid a’ smaoineachadh gun robh seo gu math furasta agus cuid eile den bheachd gur ann duilich a bha seo. As dèidh sin fhuair sinn greim air na i-Pads agus bha sinn a’ cluich an aghaidh a chèile a-rithist. An turas seo bha sinn a’ cluich ceisteachan airson faighinn a-mach dè cho math is a chuimhnich sinn na faclan ùra airson pairtean cuirp mhic an duine. Tha ‘kahoot’ a’ cordadh ri cha mhòr a h-uile duine ach chan eil e a’ còrdadh ris a’ chlas nuair a tha Miss Brown a’ cluich cuideachd oir bidh ise a’ buannachadh! Dh’fhaodte an ath sheachdain gum buannaich cuideigin eile! Rinn sinn suas diofar faclan airson ‘Ceann, Gualainn, Gluin is Cas, cuideachd!

Aon rud eile – dh’fheuch cuid a dhaoine a bhith a’ cluich na clàrsaich air an t-seachdain seo. ‘S i a’ Bh. Uas. Peterson a bhios a’ measadh cò a bhios a’ faighinn cothrom air clàrsach ionnsachadh. Tha sinn a’ dèanamh fiughair mhòr ris a seo.

An ath sheachdain ann an ealain le Miss Brown tha sinn gus a bhith a’ coimhead air ealain Steven Brown agus a’ cruthachadh ‘McCoo’ dhuinn fhìn. Feuch gun seall sibh ris a’ bhlog againn Dihaoine gus am faic sibh na ‘McCoos’ a nì sinn!