Thòisich sinn cuspair ùr an t-seachdain seo, am bodhaig. Dh’obraich sinn còmhla gus obrachadh a-mach far a bheil na pàirtean corpa eadar-dhealaichte.
Seachdain làn roinneadh agus smoothies!
Ann an àireamhachd/matamataig, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn roinneadh.

Ann am fonaigs, dh’ionnsaich sinn fuaimean ùra. Dh’ionnsaich sinn bl, gl agus cl. Sgrìobh sinn faclan le na fuaimean seo nar leabhar mòr fonaigs.



Rinn sinn smoothies air Diluain. Sgrìobh sinn stùireadh sìmplidh airson na smoothies.

Aibidil na Gàidhlig
Rinn Clas 2G bhideo airson ar cuideachadh leis na fuaimean Ghàidhlig aig an taigh. ‘S dòcha gun urrainn Clas 2 Aibidil na Gàidhlig a theagaisg dhuibh aig an taigh!
Pròiseact Phearsanta – Clas 6T
Airson ar topaic a chumail beòthail agus inntinneach, tha sinn air ar obair a chumail còmhla ann am pròiseact phearsanta. Tha seo a’ ciallachadh gu bheil smachd againn air coltas ar n-obair agus air mar a chlàras sinn am fiosrachaidh.
Tha seo air a bhith gu math feumail agus eifeachdach airson ar sgilean leughadh agus sgrìobhadh fiosrachail a leasachadh.
Cuideachd, tha sinn air ar sgilean notaichean a leasachadh gus am bi sinn nas misneachdail air ro an àrd-sgoil agus ar deuchainnean chudromach!
Seall cho daiteach agus sgiobalta ‘s a tha obair clas 6T!
2019 – Cothroman ùra ann an Clas 4B!
’S e seachdain gu math trang a tha air a bhith aig Clas 4B. Bha latha air leth againn Dimàirt oir thachair dà rud a bha ùr dhuinn. Madainn Dimàirt tha leasain ukulele gus a bhith againn airson còig seachdainean. Thàinig dithis dhan sgoil airson ionnsachadh dhuinn mar a chluicheadh sinn an ukulele agus dh’ionnsaich sinn mar a bhiodh sinn a’ cluich ‘C’ agus ‘F’ air a’ chiad latha.
As dèidh àm cluich fhuair sinn a’ chiad chothrom againn a bhith ag obair leis na h-i-Pads ùra. Dh’ionnsaich sinn mu bhith làimhseachadh na h-iPads gu sàbhailte agus beagan mu shàbhailteachd air-loidhne. An uairsin fhuair sinn an cothrom a bhith cluich ‘Kahoot’ an aghaidh a chèile, le bhith freagairt cheistean mu chlàran-uiread. ‘S e spòrs air leth a bha seo – abair gun robh sinn air ar dòigh!
3F – 18.01.19
An t-seachdainn seo, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ tomhas le ceudameutair (cm). An toiseach, rinn sinn boiteagan a’ cleachdadh plastaisin airson sealltainn gach cm. An uair sin, dh’obraich sinn le caraid airson obrachadh a-mach am meud a th’ aig diofar phàirtean den bhodhaig.

Mar phàirt den phròiseact againn, fhuair sinn a-mach dè bh’ ann an sreath-bhìdh. A bharrachd air sin, dh’ionnsaich sinn mar a tha lusan a’ fàs agus rinn sinn na lusan againn fhèin. Bidh sinn a’ cumail sùil mhionaideach orra thairis air na seachdainnean ri tighinn.

Mu dheireadh, thàinig A’ Bh-Uas Cotter a chèilidh oirnn ’s rinn sinn ceòl còmhla rithe. Abair gun robh e sgionneil! Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ruitheam agus mar a tha sinn ga chumail ann an òran.

C3N – Seachdain a’ toiseachadh 14.01.18
Cànan
Tron dàrna teirm bha sinn ag ionnsachadh a bhith a’ cleachdadh fosglaidhean is ceanglaichean anns an sgrìobhadh againn. Ann an cànan an t-seachdain seo dh’ionnsaich sinn mu faclan mìorbhaileach a bhitheas sinn a cleachdadh. An uairsin dh’fheuch sinn na faclan mìorbhaileach a chur anns an sgrìobhadh againn.
Matamataig
Bha sinn òrdachadh àireamhan is bha sinn a’ cluich geamanan uiread air na coimpuitairean.
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn airgead is bha sinn òrdachadh phrìsean airgead.
Ceòl
Thàinig Jackie bho NYCOS a-steach is dh’ionnsaich sinn òrain le tòrr ruitheaman. Bha sinn a’ cluich geamanan ruitheam cuideachd. Tha i a’ tilleadh an ath sheachdain airson tuilleadh spòrs.
Pròiseact
Ann am pròiseact bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn sreath-bìdh is ciamar a bhitheas plantaichean a’ fàs agus bha sinn cuideachd a’ deanamh na plantaichean againn fhèin.

Bogsa-Cluiche
Chaidh sinn dhan bhogsa-cluiche air Dimàirt is chaidh sinn thairis air na riaghailtean is an t-amas a bh’ againn airson an leasan. ‘B e sin a bhith còir is cuideachail ri chèile. Is rinn sinn dìreach sin!

C5 Magical Maths!
This week, we have been revising and continuing to learn about decimals. We worked on place value and some people started adding and subtracting with decimal numbers. Some people also tried some very complicated but interesting decimal riddles! This week we also got a chance to use the IPads to play challenging but fun maths games. Like: Maths Slide and Monster Maths. We also wrote in our home link jotters to share our learning with you!

Visitors!
We had 2 sets of visitors this week. One were musicians who came to teach us chords and songs on the ukulele. We made a really interesting song where everyone in the class pitched in a word about our favourite things!
The other visitors came from Historic Environments Scotland to tell us about the fascinating history of Edinburgh Castle. They told us that they will work with us to make a film about Mary Queen of Scots. We are looking forward to visiting the castle to start our topic.
Beachdan C5H: Dùn Èideann ann an 2050
Beachdan C5H: Dùn Èideann ann an 2050 –
Dh’iarr a’ chomhairle oirnn beachdachadh air cò ris a bu chòir ar sgoiltean, àitean-cluiche, taighean agus dòighean-siubhal a bhith coltach ann an 2050.
às dèidh dhuinn beachdachadh, bhòt sinn mar chlas. Seo an fheadhainn a thaghadh sinn:
Sgoil – Gu h-inntinneach, tha sinn ag iarraidh gum bi ipad aig a h-uile duine an àite deotair !
Siubhal – Gum bi càraichean a’ sgèith agus gum bi daoine a’ siubhal air bòrd-sgèith!
Beatha – Gu sona, gum bi foghlam nas fheàrr, gum bi tidsearan gu leòr ann agus gum bi gach duine co-ionnann: daoine bochda is beartach.
C5H
Mar as àbhaist Diciadain bha sinn a’ dèanamh spòrs. Ann an spòrs, bha sinn a’ dèanamh handball mìorbhaileach spòrsail.
An-dè rinn sinn litreachas is chluich sinn ‘Ròlaist is Fìrinn’. Dh’feumadh sinn sgrìobhadh seantansan no paragrafan agus aon ròlaist a chur ann. An uair sin bha aig a’ chlas tuairmse a dhèanamh air dè an ròlaist a bh’ ann, mar sin bha sinn ag èisteachd airson fiosrachaidh.
Aig àm Spàinntis bhruidhinn sinn mu dheidhinn na riaghltean ann an Spàinntis, ciamar a bhios a’ bhliadhna seo agus dè mar a bhios C5 math. Bha sinn ag ionnsachadh mar a bhruidhinneas sinn mur deidhinn fhèin agus dh’ionnsaich sinn innse ceithir rudan – ar n-ainm, ar n-aois, an dath as fheàrr leinn agus thagh sinn aon pìos fiosrachaidh eile airson innse sinn fhèin .
Ann an ealain bha rinn sinn uinneagan glainne dhathte. Chleachd sinn ar sgillean motar foidhne agus bha sinn a’ measgachadh na dathan gus dathan ùra fhaighinn.