Cearcall-Uisge

An t-seachdain bha sinn a’ dèanamh bileagan-fiosrachaidh ann am buidheanan ma dheidhinn a’ Chearcall-Uisge; a’ chuspair againn.  Chruthaich sinn iad le feartan leabhraichean fiosrachaidh mar fo-thiotalan, stiùireadh, diagraman is faclairean.  Bha sin spòrsail oir tha sinn air a bhith ag ionnsachadh ma dheidhinn teann-stuth, lionn agus gas anns a’ Bheurla agus anns a’ Ghàidhlig.

 

Chuidich sinn c2, ar caraidean ann an C2G an-diugh le bhith a’ cruthachadh cairtean airson Latha nam Màthraichean oir dh’ionnsaich sinn gu robh Anna Jarvis a thòisich Latha nam Màthraichean ann an Aimeireagaidh ann an 1908 ag iarraidh oirnn cairtean a chruthachadh an àite an ceannach.