Quidditch agus Scratch!

B’ e a’ chiad rud a dh’ionnsaich sinn an t-seachdain seo ciamar a chluicheas tu Quidditch le Mgr Vitry ann an clas spòrs.  An creideadh tu gun urrainn dhut Quidditch a chluich?  Coltach ris a’ gheama ann an Harry Potter, tha diofar obraichean ann ri dhèanamh – Stopper a bhios a’ cluich leis a’ Bhludger; Chasers, a  bhios a’ cluich leis an Quaffle agus daoine eile a bhios a’ toirt am ball dha chèile gus puingean fhaighinn.  Tha trì buill ann – an Snitch, am Bludger agus an Quaffle.

Gu mìorbhaileach Diciadain thàinig Mgr Allan a-steach gu clas a còig.  Gu fortanach bha sinn a’ dèanamh animation air Scratch oir bha Mgr Allan a’ teagasg coding dhuinn.  Gu spòrsail bha sinn a’ cur ri chèile a’ phlanaid againn, aon-ardhcach, muncaidh, rionnag, rocaid, dìneasair agus iomadh rud eile air bhiodeo.  Iongantach nach eil!  Tha sinn cho taingeil do Mhgr Allan a bha gar cuideachadh.

Ann am Fonaigs rinn sinn ‘ch’ agus ‘th’.   Gu h-inntinneach tha na faclan Quidditch agus Scratch air an litreachadh le tch air sgàth’s gu bheil fuaimreag ann ron fhuaim ‘ch’.

Seachdain a’ Toiseachadh 27.05.19 -C3N

Air Dimàirt, le a’ Bh-Uas Horne, chruthaich sinn postairean mu dheidhinn Ionnsachadh a-muigh.

Cànan

Air Diluain, dh’èist sinn ris an sgeulachd ‘Am Bruis-Pheantaidh Sheunta’. Bhruidhinn sinn mu dheidhinn caractaran bhon stòiridh is chruthaich sinn pròifil den charactar.

Air Diciadain chruthaich sinn na caractaran againn fhìn. An ath sheachdain tha sinn a’ dol a dhèanamh seantansan mu dheidhinn ar caractaran.

Matamataig

An t-seachdain seo dh’obraich sinn air cuir ris le àireamhan 2 is 3 digiteach. Dh’obraich sinn air an leabhar-measaidh againn. Cuideachd, rinn sinn cuir ris ann an deichadan.

Slàinte is Sunnd

An-dè, shuidhe sinn ann an cearcall agus bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn ciamar a bhios sinn ag èisteachd. Bha sinn a’ smaoineachadh mu dheidhinn ciamar a tha sinn a’ faireachdainn mur nach eil daoine ag èisteachd rium.

Ealain

Bha sinn còmhla ris a’ Bh-uas McConnell an t-seachdain seo. Choimhead sinn air a’ bhidio ‘Tha Mi Seinn san t-Uisge’. Bha againn ri na faireachdainnean againn a chuir a-steach dha na dealbhan againn.

Spòrs

Bha sinn ag obrachadh air na sgìlean sadail againn. Cleachd sinn shuttlecock is Javelin airson obrachadh air ar sgìlean sadail. Rinn sinn geamanan sadail còmhla ri Mgr Vitry.

Chaidh sinn air ais gu linn na Bhictorianaich!

Air Diciadain, chaidh sinn air ais gu linn na Bhictorianaich. Bha Miss Grant a’ dèanamh cinnteach gun robh na làmhan againn glan gu leòr. An uair sin rinn sinn làmh-sgrìobhadh agus mar nach robh e math gu leòr, bha feum againn suidhe anns an oisean- oh mo chreach! Bha sinn a’ smaointinn gun robh e cho èibhinn!

Dh’ith sinn Briosgaidean dinnsear agus dh’òl sinn deoch-lìomaide airson snac Bhictorianach. An uair sin chaidh sinn a-muigh gus geamanan mar hop-scotch agus marbles a chluich.

Abair spòrs!

 

3F – 31.05.19

Pròiseact

An t-seachdainn seo, chùm sinn oirnn le pròiseact na h-ealain chruthachail a’ cleachdadh luachan na sgoile. Tha sinn an dòchas gum bith e deiseil an ath sheachdainn… cùm sùil a-mach airson fhaighinn a-mach dè rinn sinn!

Matamataigs

Dh’ionnsaich sinn dòigh ùr airson air cuir-ris àireamhan dà digiteach, tha fios againn a-nis ma tha na h-aonadan a’ dol thairis air deich, feumaidh sinn deich a bharrachd a chur air na deicheadan.

Ealain

Chuir sinn fàilte air tidsear ùr, A’ Bh-Uas McConnell a tha dol gar teagasg ann an ealain gu deireadh na teirm. An t-seachdainn seo, dh’ionnsaich sinn mar a tha sinn a’ sealltainn faireachdainnean ann an dealbhan le bhith cleachdadh diofar dhathan.

Taobh na Pàirce’s Got Talent

Air Dihaoine, choimhead sinn air TnP’s Got Talent agus abair gun robh e sgoinneil! Bha sinn cho pròiseil às na daoine sa chlas againn a ghabh pàirt oir cha b’ e rud furasta a bh’ ann! Mealaibh ur naidheachd!

Ag ionnsachadh baidhseagalachd

Tha buidheann de sgoilearan na sgoil àraich air a bhith gu math trang air na baidhseagalan aca comhla ris a’ Bh-uas Givan gach seachdain. Tha iad ag ionnsachadh rothaireachd air diofar seorsaichean biadhseagal. An seachdain seo bha e uabhasach fluich a-muigh ‘ s mar sinn rinn iad an leasan aca anns an talla spòrs. Chluich iad  geamannan mar Casan Losgainn, agus Cuan làn Chearban. Abair Spòrs!

 

Some groups of sgoil àraich learners have been very busy cycling with Mrs. Givan each week. They are learning how to cycle, using different types of bicycles. This week it was very week outside so they had their lesson in the gym hall instead. The children enjoyed playing Frog’s Legs and Sea of Sharks on the bikes. It looks like great fun!

A’ Cur Sìl

Anns an sgoil àraich, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn mar a tha diofar rudan a’ fàs.

Chur sinn sìol glasraich mar buntàta, biotais, peabaran agus peapagan sa ghàrradh còmhla ri na tidsearan. An uairsin fhuair sin cothrom an t-sìol againn fhèin a chur. Chur sinn currain, ponairean agus neionean-greine  ann an poitean beaga agus thug sinn dhachaigh na poitean airson coimhead às an dèidh aig an taigh.

 

In sgoil àraich we have been learning about how things grow. We have helped the teachers to plant seeds in the garden. We have planted potatoes, beetroot, peppers and squash. Then we all had the opportunity to do some independent planting. We planted carrot, pea and sun flowers seeds in small pots and then took them home to look after at home. We look forward to harvesting and eating our crop!

 

Ag ionnsachadh mu dheidhinn airgead agus chaisteal Dhun Èideann!

Mar a thuirt sinn anns na Tete-a-Tetes againn, bha tòrr again ag iarraidh ionnsachadh mu dheidhinn airgead.

‘S urrainn dhuinn na diofar bhuinn airgead aithneachadh.

‘S urrainn dhuinn obrachadh a-mach dè an t-airgead a bhios sinn a’ faighinn air-ais ann am bùth. Chleachd sinn geama gus ar cuideachadh.

Continue reading “Ag ionnsachadh mu dheidhinn airgead agus chaisteal Dhun Èideann!”

C5

Gu fortanach, fhuair C5 cothrom filmaichean ghoirid a chruthachadh air app leis an ainm i-motion.  Thàinig IntoFilm a-steach is theagaisg iad dhuinn ciamar a bhios sinn a’ cruthachadh fiolm stop-motion.  An toiseach chruthaich sinn modail, an uair sin thog sinn dealbhan. Eadar gach dealbh bha cuideigin a’ gluasad a’ mhodail.  Aig an deireadh, chunnaic sinn na fiolmaichean agus dh’ith sinn bonnaich blasta.

Gu fortanach, fhuair sinn ealain còmhla ris a’ Bh-uas Deans. An creideadh tù nach bi i an-seo an ath sheachdain oir bidh i air falbh air fòrladh màtharail.

Ann am fonaigs dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn ‘ing’.  Tha ceithir riaghltean ann:

  1. Nuair a tha faclan magic e agad, bidh thu a’ sadal ‘e’  a-mach air an uinneag! mar bakebaking
  2. Ma tha fuaimreag ann ro chonnrag aig an deireadh, bidh an connrag dùbailte. mar swimswimming
  3. Cha bhi x, y, no z dùbailte! mar fix fixing
  4. Cha bhi connrag dùbailte ann nuair a tha dà fhuaimreag ann! mar eateating

Furasta nach eil!  An robh fios agad gu robh 4 riaghltean ann?

Gu fortanach bha sinn ag ionnsachadh ma dheidhinn na targaidean clàr an uiread againn ann am matamataig. Airson practice a dhèanamh orra bha sinn a’ dèanamh ’10 làitheil’ – deich ceist clàr an uiread air thuairteam gach latha!

 

 

 

Clas 6T&L: Rocaidean a’ Spreadhadh!

LITEARRACHD

Sgrìobh sinn tiotal, amas, adhbhar agus beachd-bharail air probhaidhean eadar-dhealaichte, ro-laimh.  An uair sin, as a dheidh, sgrìobh sinn fiosrachadh air a’ phrobhadh, ceann-crìche, pàirtich agus leasaich – a’ bharrachd air dealbh de ar n’obair.  Mar sin, dh’ionnsaich sinn mar a sgrìobhas sinn aithisg saidheans air fad.

MATAMATAIG

Thog sinn dealbhan dhuinn fhèin leis an iPad agus an ath latha, bha againn rin geàrradh ann an dà leth agus feuchainn ris an taobh eile a dhealbhadh a’ cleachdadh riaghailtean co-chothromachd.

CUSPAIR (SAIDHEANS)

Air feasgar Diciadain, chruthaich leth den chlas rocaid agus an uair sin, fhuair a h-uile duine eile cothrom an cruthachadh air madainn Diardaoin.

Airson an rocaid a chruthachadh, chuir sinn peansailean mun cuairt  botail ath-chuairteachaidh plastaig agus an uair sin, chuir sinn leth botail fion-geur na bhroinn.

As deidh sin, chuir sinn trì pacaidean beaga de bicarbonate a-steach dhan bhotail agus chuir an tidseir corc na bhroinn gu luath!

Bha an alkaline agus an searbhag a’ measgachadh airson tachartas-searbhag a dhèanamh agus chruthaich seo tòrr carbon-dioxide.  Mar sin, spreadh am botail suas dhan adhar mar rocaid!

Seall cho soirbheachail ‘s a bha iad!

SPÒRS

Air Dicidain, bha coig-deug sgoilearan bho gach clas a’ dol gu na Geamanan Hub agus chosg iad latha air fad ag ionnsachadh mu dheidhinn danns, hocaidh no lùth-chleas.  A-rèir sgilean obair-sgioba, coibhneas agus sgilean spòrsail, chriochnaich an sgioba danns’ anns an dàrna àite, lùth-chleas san coigeamh àite agus hocaidh san seachdamh àite.  Aig an deireadh an latha, rinn an sgioba danns’ taisbeanadh airson am buidheann air fad!  Chòrd na geamanan Hub ris a h-uile duine oir bha tòrr spòrs aca!

C2B agus na caistealan

An t-seachdain seo, dh’ionnsaich sinn rud beag mu dheidhinn Caisteal Dhùn Èideann. Smaoinich sinn mu dheidhinn dè cho sabhailte ‘s a tha e, an caisteal a bhith air mullach bholcàno marbh. Chruthaich sinn caistealan dhuinn fhèin.

Anns a’ chlas spòrs, dh’fheuch sinn ruith cho luath ‘s urrainn dhuinn – a’ dèanamh “sprint”. Bha rèiseannan againn, agus dh’fheuch sinn relay cuideachd. Bha e doirbh ar sgioba fhèin a lorg!!

Airson leughadh an t-seachdain seo, rinn sinn comais eadar dà sgeulachd. Smaoinich sinn mu dheidhinn na caractaran, suidheachaidhean agus am plota agus dh’fhaighnich sinn a bheil iad coltach no eu-coltach ri chèile?

Tìoraidh,

Clas 2B