Cànan
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn an sgeulachd ‘Tìr nan Òg’. ‘S e àite a th’ ann far a bheil a h-uile duine òg is cha tèid do ghortachadh. As dèidh 10 bliadhna ann an Tìr nan Òg tha 300 bliadhna air a dhol seachad anns an t-saoghal àbhaisteach againne.
Ann an làmh-sgrìobhaidh an t-seachdain seo choimhead sinn air na faclan cumanta ‘Dimàirt’, ‘dh’fhosgail’, ‘is toil’, ‘a’ coimhead’, ‘a-raoir’, ‘còmhla rium’.
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn na h-èich-uisge is bha sinn ath-sgrìobhadh aon de na sgeulachdan a chuala sinn. Chruthaich sinn diagraman mu dheidhinn cho cunnartach ‘s a tha èich-uisge.

Matamataig
Choimhead sinn air farsaingeachd is ciamar a bhitheas sinn ag obrachadh a-mach farsaingeachd. Bidh seo gu math feumail dhuinn ma nuair a bhios sinn ag obrachadh air dùbhlan matamataig.

Cuspair
Bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn biadh agus deoch Albannach. Dh’ionnsaich sinn mu dheidhinn uisge-beatha, taigeis, brochan/lìt agus iomadh rud eile.
Chruthaich sinn dealbhan de bhiadh Albannach airson clàr-bìdh.
Ceòl
Bha sinn a’ cluich geamanan ruitheam is dh’ionnsaich sinn an ruitheam ùr ‘ti-ri-ti-ri’
Airsons Spòrs:
What do you find in the middle of a Jelly Fish?
Gheibh sibh a-mach air Diluain!