Seachdain a’ tòiseachadh 24.02.20

Cànan

Tha sinn air a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn am facal iomarra/iolra.  Bha sinn a’ cleachdadh na faclairean airson an iomarra de dhiofar ainmearan a lorg.

Chruthaich sinn artaigil naidheachd le ar obair-dachaigh.

Ann am Beurla bha sinn a’ sgrìobhadh stiùiridhean àd.

Cuspair

Rinn sinn artaigil naidheachd mu dheidhinn Poileasman is a bhean a bha na Suffragette.

Matamataig

Bha sinn ag ionnsachadh mu co-aontaran an t-seachdain seo agus dh’ionnsaich sinn am facal mùiteach – a’ ciallachadh inverse.

Le Dr Jones bha sinn ag ionnsachadh ciamar a bhios sinn a’ cleachdadh protractair agus bha sinn a’ coimhead air cearnan.

Airson Spòrs

Q. Are any Halloween monsters good at math?

C7

We have had a lovely week in C7.

 

In maths we have started to learn about expressions and equations. We have been learning that a letter or symbol can represent a number. We learned about how things can be represented in equations, e.g.

t + t + t + t or 4 x t would be written as 4t

We worked on a variety of different equations and used our knowledge of arithmetic to help us to find the missing numbers.

In literacy, we are working on reading and writing non-fiction texts. We spent time looking at Gaelic non-fiction books and looking up a lot of technical topic words which we needed to translate to help us to understand the meaning of the text.

We also had a very informative visit from a doctor who came to speak to us (in Gaelic) about the effects of alcohol on the body.

We have a few new projects on the go for our Friday sessions, some people have started woodwork projects and we are building a theme park using our new Knex.

S.T. Diluain an 24mh latha den Gearran 2020

Feasgar math,
An t-seachdainn sa ann an Clas 3S, bha sinn ag ionnsachadh ar casan a ghluasad san doigh ‘chasse’ ann am badmantan.
Cuideachd, chuir sinn crìoch air ar cupsair ‘Saidheans anns na Naidheachdan’ agus rinn sinn dealbh den t-saoghal le cinn botail bainne. Mòran taing dhan a h-uile daoine a thug cinn a-steach dhuinn. Nach eil an dealbh againn a’ coimhead mìorbhailleach!
 

Ann am Matamataigs, thòisich sinn a’ dèanamh roinneamh. Seall oirnn a’ cruthachadh buidhnean co-ionnan!

Tioraidh an-dràsta!

C3S!

C3F Seachdainn 17.02.20

Bha seachdain trang againn ann an clasa 3F an t-seachdain seo!

Ann an ceòl bha sinn a’ dèanamh tuilleadh obair air ‘te-te’ agus ‘ta-ta’ còmhla ri Jackie. Abair gun robh e spòrsail. Seo sinn a’ cluich geama.

Ann an seinn còmhla bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn òrain luaidh. Uaireigin bhiodh iad a luaidh clò gus a dhèanamh nas teinne. Gus an t-side a chur seachad, bhiodh iad seinn fhad ‘s a bha iad ris an obair. Sheinn sinne Hè mo Leannan, agus fhuair cuid againn an cothrom clò a luaidh aig an aon àm!

Chleachd sinn ipads an t-seachdain seo airson rannsachadh agus planadh pìos sgrìobhadh. An ath sheachdain tha sinn a’ dol a sgrìobhadh mu dheidhinn beathaichean a tha a’ fuireach ann an àiteachean fuar. Chleachd sinn an làrach-linn aig WWF gus fiosrachadh fhaighinn a-mach mu bheathaichean leithid mathain-bàna agus eile.

Chun an ath seachdain, mar sin leibh!

Ceud latha seachad ann an Clas 3/2

 

O chionn tòiseachd na bliadhna, tha Clas 3/2 air a bhith a’ cunntadh cia mheud latha a chaidh seachad. B’ e an 29mh den Fhaoilleach 2020 an 100mh latha sa bhliadhna sgoile seo.

 

 

 

 

 

Rinn sinn tòrr rudan airson an latha a chomharraicheadh agus thagh sinn na bha sinn ag iarraidh a dhèanamh.

 

 

 

 

 

A’ chiad char sa mhadainn rinn sinn 100 mar àireamh an latha agus smaoinich sinn mu dheidhinn na dòighean eadar-dhealaichte airson 100 a dhèanamh.

 

 

 

An uairsin rinn sinn ceud pìosan de rudan diofraichte, m.e. rinn sinn paper chain le 100 pìosan agus rinn sinn 100 pìosan origami cuideachd.

 

 

 

Aig an taigh, chunnt sinn a-mach 100 rudan agus thug sinn a-steach iad. Anns an sgoil, chunnaic sinn dè thug a h-uile duine a-steach chun an taigh-tasgaidh àireamh againn. Bha e inntinneach faicinn mar a tha 100 rudan diofraichte coltach, bho rudan beaga mar leantailean, gu rudan nas motha mar Haribos.

Chòrd an 100mh latha rinn uile.

Tìoraidh bho,

Clas 3/2

 

 

S.T. Diluain an 17mh latha den Gearran 2020

An t-seachdainn sa bha sinn uabhasach trang san sgoil! Ann am Matamataigs, dh’ionnsaich sinn uiread a 4. Chleachd sinn na h-iPads airson geamanan Matamataig a chluiche cuideachd.


Chord spòrs ruinn gu mòr. Bha sinn a’ cluich bàll-coise agus badmantan.

 

Ann an Cuspair, bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn beathaichean ann an cunnart.

Chi sinn an ath sheachdainn sibh!
Tioraidh,
Clas 3S