O chionn tòiseachd na bliadhna, tha Clas 3/2 air a bhith a’ cunntadh cia mheud latha a chaidh seachad. B’ e an 29mh den Fhaoilleach 2020 an 100mh latha sa bhliadhna sgoile seo.
Rinn sinn tòrr rudan airson an latha a chomharraicheadh agus thagh sinn na bha sinn ag iarraidh a dhèanamh.
A’ chiad char sa mhadainn rinn sinn 100 mar àireamh an latha agus smaoinich sinn mu dheidhinn na dòighean eadar-dhealaichte airson 100 a dhèanamh.
An uairsin rinn sinn ceud pìosan de rudan diofraichte, m.e. rinn sinn paper chain le 100 pìosan agus rinn sinn 100 pìosan origami cuideachd.
Aig an taigh, chunnt sinn a-mach 100 rudan agus thug sinn a-steach iad. Anns an sgoil, chunnaic sinn dè thug a h-uile duine a-steach chun an taigh-tasgaidh àireamh againn. Bha e inntinneach faicinn mar a tha 100 rudan diofraichte coltach, bho rudan beaga mar leantailean, gu rudan nas motha mar Haribos.
Chòrd an 100mh latha rinn uile.
Tìoraidh bho,
Clas 3/2