Bha seachdain trang againn ann an clasa 3F an t-seachdain seo!
Ann an ceòl bha sinn a’ dèanamh tuilleadh obair air ‘te-te’ agus ‘ta-ta’ còmhla ri Jackie. Abair gun robh e spòrsail. Seo sinn a’ cluich geama.
Ann an seinn còmhla bha sinn ag ionnsachadh mu dheidhinn òrain luaidh. Uaireigin bhiodh iad a luaidh clò gus a dhèanamh nas teinne. Gus an t-side a chur seachad, bhiodh iad seinn fhad ‘s a bha iad ris an obair. Sheinn sinne Hè mo Leannan, agus fhuair cuid againn an cothrom clò a luaidh aig an aon àm!
Chleachd sinn ipads an t-seachdain seo airson rannsachadh agus planadh pìos sgrìobhadh. An ath sheachdain tha sinn a’ dol a sgrìobhadh mu dheidhinn beathaichean a tha a’ fuireach ann an àiteachean fuar. Chleachd sinn an làrach-linn aig WWF gus fiosrachadh fhaighinn a-mach mu bheathaichean leithid mathain-bàna agus eile.
Chun an ath seachdain, mar sin leibh!